Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology

Brath Dìomhaireachd: Tobar an Dualchais (TAD)

Rianadair Dàta an fhiosrachaidh a thèid a chruinneachadh: Sabhal Mòr Ostaig, An Teanga, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ. Fòn: 01471 888 000 no post-d: cnc.smo@uhi.ac.uk

Ma tha ceist no dragh oirbh mun dòigh anns a bheil am fiosrachadh pearsanta agaibh ga phròiseasadh, faodaidh sibh bruidhinn ris an Oifigear Dìon Dàta aig dataprotectionofficer@uhi.ac.uk

Tha an aithris dìomhaireachd seo a’ buntainn ri:

1. Cead chòraichean

2. Margaideachd agus sanasachd

Cleachdar am fiosrachadh agaibh airson nan adhbharan a leanas:

1.(a) Gus leigeil le TAD na clàran agaibh agus/no na clàran aig ur dlùth-chàirdean a chur air an làrach-lìn. (b) Gus leigeil le TAD cead iarraidh oirbh na clàran agaibh agus/no na clàran aig ur dlùth-chàirdean a chleachdadh airson adhbharan sanasachd, leithid tachartasan coimhearsnachd agus CDan sanasachd. (2) Gus naidheachdan mu TAD a chur thugaibh, ma tha sibh air seo a cheadachadh.

’S iad na h-adhbharan laghail airson an dàta a chleachdadh:

• Tha sibh air cead a thoirt dhuinn a chleachdadh.

• Tha e riatanach dhuinn a chleachdadh air adhbharan nan ùidhean dligheach a tha sinne, no treas pàrtaidh, a’ leantainn.

Ùidhean dligheach an rianadair no treas pàrtaidh:

Tha am pròiseasadh air a ghabhail os làimh le ùidh dligheach nam buidhnean a leanas: Tobar an Dualchais, Sabhal Mòr Ostaig, Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus Urras Nàiseanta na h-Alba.

Geàrr-chunntas dhen ùidh dhlighich: Tha pròiseasadh dàta riatanach airson leigeil le TAD clàran a chur air an làrach-lìn.

Cha bhi TAD a’ cumail agus a’ pròiseasadh ach an dàta as riatanaiche, leithid fiosrachadh seòlaidh (a’ gabhail a-staigh àireamh-fòn, seòladh puist-d, msaa) agus foirmichean-cead airson fiosraichean agus/no an dlùth-chàirdean. Cha bhi TAD a’ pròiseasadh fiosrachadh dìomhair. Cha bhi TAD a’ pròiseasadh ach an dàta a tha deatamach.

Nan cumadh sibh bhuainn fiosrachadh pearsanta a dh’fheumas sinn airson a’ phròiseis seo, bhiodh seo a’ ciallachadh:

gur dòcha nach biodh e comasach do TAD na clàran agaibh agus/no na clàran aig ur dlùth-chàirdean a chur air an làrach-lìn.

Thèid, no dh’fhaodadh gun tèid, an dàta agaibh a cho-roinn le na buidhnean a leanas:

• Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann) airson chlàran far a bheil na còraichean glèidhte aca.

• BBC Alba airson chlàran far a bheil na còraichean glèidhte aca.

• Urras Nàiseanta na h-Alba airson chlàran far a bheil na còraichean glèidhte aca.

Cumar an dàta agaibh airson na h-ùine a leanas:

Cha chùm TAD am fiosrachadh pearsanta agaibh airson ùine nas fhaide na tha deatamach. Thèid fiosrachadh a bheir fiosraichean no an dlùth-chàirdean seachad a chumail airson suas ri 70 bliadhna bhon àm-chlàraidh as tràithe, a rèir stiùireadh chòraichean.

Bidh Tobar an Dualchais a’ leantainn nan dleastanasan a th’ air a thaobh Riaghailtean Dìon Dàta Coitcheann (GDPR) le bhith ag ùrachadh fiosrachadh pearsanta far a bheil sin iomchaidh; le bhith ga stòradh agus a’ cur às dha ann an dòigh tèarainte; gun a bhith a’ cruinneachadh no a’ cumail cus dàta; le bhith a’ dìon fiosrachadh pearsanta bho chall, mì-fheum, cothrom no foillseachadh gun ùghdarras agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil ceumannan teicnigeach iomchaidh air an cur an sàs gus fiosrachadh pearsanta a dhìon.

Tha na còraichean a leanas aig daoine a bheir dàta dhuinn:

• Cothrom am fiosrachadh pearsanta agaibh fhaighinn

• Am fiosrachadh pearsanta a th’ againn mu ur deidhinn a cheartachadh ma tha e ceàrr

• Pròiseasadh an fhiosrachaidh agaibh a chuingealachadh

Tha na còraichean a leanas iomchaidh a-mhàin ann an suidheachaidhean àraid:

• Cead a thoirt air falbh aig àm sam bith far a bheil ar bun-stèidh laghail airson pròiseasadh an crochadh air cead

• A bhith a’ cur an aghaidh sinn a bhith a’ pròiseasadh an fhiosrachaidh phearsanta agaibh

• A bhith ag iarraidh gun tèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a sguabadh às

• Dàta a ghluasad gu rianadair eile

Faodaidh sibh cuideachd gearan a chur gu Oifis Choimiseanair an Fhiosrachaidh mun dòigh anns a bheil sinn a’ an fhiosrachaidh agaibh. Create link to https://ico.org.uk/