Rannsaich
Ciad ainm Fred
Cinneadh MacAmhlaigh
Sloinneadh Freddie Dhòmhnaill Bhàin a' Mhulaich
Bliadhna breith 1925
Bliadhna bàis 2003

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Solas

Àireamh an neach 151

Eachdraidh-beatha

Tha Tobar an Dualchais air leth toilichte gu bheil clàraidhean air-loidhne a thàinig bho obair-raoin acadaimigeach agus cuideachd bho chraoladh proifeasanta na 20mh linn. Is ainneamh an neach aig an robh pàirt chudromach anns an dà roinn seo, ach tha Fred MacAmhlaigh à Solas ann an Uibhist a Tuath air fear dhiubh sin. Bha e an sàs anns an Dàrna Cogadh, agus chuir e seachad a bheatha ag obair don choimhearsnachd Ghàidhlig, a' siubhal na dùthcha gus Gàidheil a chlàradh anns gach ceàrn dhen a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, agus a' tagradh 's ag iomairt ann an raointean-obrach mòra a' BhBC airson craoladh cunbhalach fhaighinn sa Ghàidhlig. Tha na clàraidhean aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais mar dhearbhadh agus mar aithne air an strì fhada a rinneadh airson 's gun aithnicheadh agus gun tuigeadh saoghal nam meadhanan agus saoghal poilitigs feumalachdan nan Gàidheal.

Rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin, air Latha na Bliadhn' Ùire 1925 ann an Uibhist Tuath, ann an coimhearsnachd far an robh a' Ghàidhlig gu coitcheann am measg nan daoine. Fhuair e sgoil sa chiad àite anns an eilean fhèin, mus deach e gu tìr-mòr agus gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis airson a chuid foghlaim a chrìochnachadh, mar a dh'fheumadh eileanaich a dhèanamh anns an àm. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil, chaidh e dhan chogadh na oifigeach anns na Camshronaich agus bha e stèidhichte air a' chrìoch eadar an Eadailt agus Yugoslavia (air a bheil Slovenia an-diugh). Am measg nan dleastanasan a bh' aige an sin, bha e ann an sgioba a bha na gheàrd air Gearmailtich bhon Schutzstaffel (SS) agus prìosanaich-chogaidh Ugràineach.

Air dha tilleadh a dh'Alba ann an 1945, aig aois fichead bliadhna, chuir e roimhe a dhol a dh'Oilthigh Dhùn Èideann. Cheumnaich e le MA ann an Ceiltis agus ghabh e fastadh an uair sin aig an dearbh roinn agus e a' teagasg Gàidhlig fo stiùir an Àrd-ollaimh Coinneach Jackson. 'S e àm gu math togarrach a bh' ann don a' Ghàidhlig aig an Oilthigh, le Sgoil Eòlais na h-Alba ga stèidheachadh tràth anns na 1950an agus Sgrùdadh Cànanach na Gàidhlig ga chur an gnìomh bho 1950 suas. Leis gun robh e air fuaimneachadh a sgrùdadh fhad 's a bha e a' teagasg na Gàidhlig, chaidh Fred a chur gu obair airson Sgrùdadh Cànanach na Gàidhlig, agus e a' clàradh ann an àiteachan leithid Arainn, na Tròsaichean, agus Siorrachd Pheairt aig àm nuair a bha na dualchainntean Gàidhlig ionadail an ìmpis a dhol à bith.

Thòisich Fred MacAmhlaigh anns a' chiad dreuchd aige ann an craoladh ann an 1954, ann an sgioba de cheathrar ann an Roinn Ghàidhlig a' BhBC aig Slighe na Banrigh Mairead ann an Glaschu. Bha e gu math adhartach agus làn spionnaidh, agus thòisich e ri dreach ùr-nodhach a chur air prògraman rèidio Gàidhlig anns an àm. Bha e gu sònraichte air a mholadh airson an seinneadair Flòraidh NicNèill (Flòraidh Sheumais Mhurchaidh) à Barraigh agus Orcastra Albannach a' BhBC a thoirt còmhla airson cuirm a chaidh a chraoladh anns na 1950an. Bha lèirsinn aige na latha, agus chuir e feum air innealan-clàraidh ùra a dh'fhaodadh neach obrachadh leis/leatha fhèin. Bha obair clàraidh air an raon gu math na b' fhasa air sàillibh nan innealan seo, agus chleachd Fred fhèin an teicneòlas seo airson a' chiad uair nuair a rinn e agallamhan de dhaoine a thàinig beò bhon Iolaire, a chaidh fodha air Latha na Bliadhn' Ùire 1919.

Ghabh Fred àite Ùisdein Mhic a' Phì mar Cheannard Roinn Ghàidhlig a' BhBC ann an 1964, agus mar phàirt dheth seo chaidh aige air barrachd riochdairean agus rùnairean fhaighinn dhan Roinn. Bha e deich bliadhna aig an stiùir agus anns an ùine seo leudaich e farsaingeachd nam prògraman Gàidhlig, a' cur ri chèile sgioba riochdachaidh òg, a' riochdachadh phrògraman aotrom leithid 'S e Ur Beatha, agus a' leasachadh phrògraman Gàidhlig air cùisean làitheil. Anns na 1970an, ge-tà, bha am BBC airson 's gum fàgadh Roinn na Gàidhlig Glaschu. Cha robh Fred idir ag aontachadh, agus sheas e ri oidhirpean gus a chur às a dhreuchd.

Ann an 1976 chaidh Fred a dh'Inbhir Nis na mhanaidsear air stèisean ùr dà-chànanach, BBC Rèidio na Gàidhealtachd, agus dh'fhan e an seo gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1984. Mar dhìleab, tha e a' fàgail bunait làidir aig craoladh Gàidhlig an latha an-diugh. Tha a h-uile coltas nach biodh BBC ALBA no BBC Rèidio nan Gàidheal againn mura b' e a chuid spionnaidh agus a chuid saothrach. Tha e cuideachd a' fàgail mar dhìleab cruinneachadh a dheasaich e de dhàin Dhòmhnaill Ruaidh Chorùna, agus foillseachaidhean eile fon ainm-pinn Eoghan Gilios.

Aig an àm a tha seo ga sgrìobhadh, anns a' Ghearran 2021, tha mu 200 clàradh air làrach-lìn Tobar an Dualchais anns a bheil Fred MacAmhlaigh a' nochdadh. Tha mòran de chlàraidhean às na Hearadh agus à Sgalpaigh, agus bho Mhòdan anns na 1940an agus na 1950an. Am measg nan daoine sònraichte a chlàraich e, tha Mairead NicAoidh (Mairead Dhonnchaidh Chaluim 'ic Aoidh) (1872-1963), às an Sgarp agus à ceann a tuath na Hearadh; Mrs Belle Anne MacAngus à Baile a' Chnuic, taobh sear Rois, a bha air tè dhen fheadhainn mu dheireadh aig an robh Gàidhlig na sgìre bhon ghlùin; Mairead NicIllFhinnein (Mairead Dhòmhnaill 'ic Aonghais) à Sgalpaigh; agus Tormod Moireasdan (Tormod Eòghainn Chaluim) (1921-1995) à Àird an Aiseig, Sgalpaigh.