Rannsaich
Ciad ainm Prof. Wilhelm
Cinneadh Nicolaisen
Far-ainm Bill
Àireamh an neach 2501

Eachdraidh-beatha

Cheumnaich Wilhelm bho Oilthigh Tubingen (Ollamh phil) agus Oilthigh Ghlaschu (le MLitt). Bha e os cionn Pròiseact Ainmean-àite na h-Alba aig Sgoil Eòlais na h-Alba eadar 1956 agus 1969. Fhuair e obair le Roinn na Beurla aig Oilthigh State New York ann an 1969 agus bha e ag obair an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1992 mar Àrd-ollamh Urramach ann am Beurla agus Beul-aithris. Tha e air a bhith na Àrd-ollamh air aoigheachd aig Oilthigh Ohio State, Oilthigh Aarhus (san Danmhairg) agus Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e cuideachd na Charnegie Fellow aig Oilthigh Obar Dheathain eadar 1978 agus 1979. On a leig e dheth a dhreuchd tha an t-Àrd-ollamh Nicolaisean air a bhith na Honorary Research Fellow ann an Roinn na Beurla aig Oilthigh Obar Dheathain. Sgrìobh e tòrr leabhraichean mu dheidhinn ainmean-àite agus beul-aithris (An Cèitean 2010).