Rannsaich
Ciad ainm Caiptean Dòmhnall Eòsaph
Cinneadh MacFhionghain
Far-ainm An Eòsag
Bliadhna breith 1907
Bliadhna bàis 1962

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Bruthairnis

Àireamh an neach 519

Eachdraidh-beatha

Rugadh Caiptean Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain (Dòmhnall Iòsaph mac Ruairidh Iain Bhàin) (1907-1962) ann am Bruthairnis agus chaidh ainmeachadh mar An Eòsag. B’ e seinneadair fìor mhath a bh’ anns an athair, Ruairidh Iain Bhàin [Person ID: 5295], agus dh’ionnsaich Dòmhnall Eòsaph tòrr òrain bhuaithe.

Bha e air bòrd RMS King George V aig Dunkirk san Dàrna Chogadh agus chaidh an Distinguished Service Medal a thoirt dha airson na rinn e. Bha e an uairsin ag obair anns a’ Chabhlach Mharsanta agus bha e na chaiptean air a bàta Mhic a Bhruthainn ‘The Lochmor’ anns an obair mu dheireadh aige. Phòs e Neilina (nee Mac a Phearsain) à Grìminis agus bha ceathrar chloinne aca. Bha iad a’ fuireach ann an Loch Baghasdail, Uibhist a Deas.

Bha guth sònraichte aig Dòmhnall Eòsaph agus chaidh a clàradh iomadh turas le Iain Latharna Caimbeul agus le muinntir Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha cha mhòr 200 clàradh dheth air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus chaidh a’ chiad fheadhainn a chlàradh le Fear

Chanaigh ann an 1947. Bha e air a chlàradh leis an Sgoil aig diofar amannan eadar 1951 agus 1961. ’S e òrain a th’ anns a’ chuid as motha de na clàraidhean seo.