Luchd-obrach
Bha cha mhòr 40 duine air am fastadh le Tobar an Dualchais nuair a bha am pròiseact aig a' mheud as àirde, feadhainn air cùmhnant agus feadhainn eile ag obair air an cinn fhèin. Bha feadhainn stèidhichte sna h-oifisean an Uibhist a Deas, san Eilean Sgitheanach, agus an Dùn Èideann agus bha feadhainn eile, luchd-catalog nam measg, ag obair bhon dachaigh aca fhèin ann an caochladh sgìrean air feadh Alba. Mar thoradh, bhrosnaich Tobar an Dualchais an eaconamaidh ann an diofar sgìrean de dh’Alba, a’ gabhail a-staigh feadhainn de na sgìrean far an deach cuid de na clàran a thogail sa chiad àite.
Chithear gu h-ìosal liosta den luchd-obrach, an tiotalan, agus an àitean-obrach.
| Jenny Booth | Neach-deasachaidh/Taic le Siostaman | Sgoil Eòlais na h-Alba, Dùn Èideann |
| Steve Byrne | Neach-catalog Albais | Dùn Èideann |
| Màiri Anna Chaimbeul | Neach-didseatachaidh | Uibhist a Deas |
| Kenna Chaimbeul | Neach-catalog Gàidhlig | Glaschu |
| Sorcha Sìne Chaimbeul | Neach-catalog Gàidhlig | An t-Eilean Sgitheanach |
| Cairistiona Combe | Neach-catalog Gàidhlig | Siorrachd Rinn Friù |
| Mairead Dhòmhnallach | Stiùiriche | Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach |
| Uilleam Dòmhnallach | Neach-catalog Gàidhlig | Uibhist a Tuath |
| Colin Gateley | Prìomh Neach-didseatachaidh | Sgoil Eòlais na h-Alba, Dùn Èideann |
| Cailean Gòrdan | Neach-deasachaidh | Uibhist a Deas |
| Naomi Harvey | Neach-catalog Gàidhlig | Glaschu |
| Lisa Hunter | Neach-catalog ciùil | An t-Eilean Sgitheanach |
| Peter Johnson | Neach-catalog | Sealtainn |
| Griogair Labhraidh | Neach-catalog Gàidhlig | Uibhist a Deas |
| Julie Lewis | Neach-didseatachaidh | Uibhist a Deas |
| An t-Oll. Caroline Macafee | Neach-catalog Albais | Deis |
| Gillebrìde Mac a' Mhaoilein | Neach-catalog Gàidhlig | An Spàinn |
| Murchadh MacDhòmhnaill | Neach-catalog Gàidhlig | Eilean Leòdhais |
| Fionnlagh MacIlleathain | Neach-catalog Gàidhlig | Obar Dheathain |
| Murchadh MacNeacail | Neach-catalog ciùil | Uibhist a Deas |
| Magaidh Nic a' Ghobhainn | Neach-catalog Gàidhlig | Leòdhas |
| Emma NicAoidh | Oifigear Chòirichean | Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach |
| Cairistìona NicCoinnich | Neach-rianachd | Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach |
| Seonag NicCoinnich | Neach-catalog Gàidhlig | Obar Dheathain |
| Oighrig NicCuithein | Neach-catalog | Uibhist a Tuath |
| Clair NicDhòmhnaill | Neach-rianachd | Uibhist a Deas |
| Curstaidh NicDhòmhnaill | Co-òrdanaiche Catalog | Uibhist a Tuath |
| Iseabail T NicDhòmhnaill | Neach-catalog | Glaschu |
| Shona NicDhòmhnaill | Manaidsear Oifis Uibhist | Uibhist a Deas |
| Màiri Anna NicDhòmhnaill | Neach-catalog Gàidhlig | Beàrnaraigh Uibhist |
| Fiona NicFhionghain | Neach-cuideachaidh Chòirichean | Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach |
| Peigi NicGilp | Neach-gheàrr-mhìneachaidh | Dùn Èideann |
| Màiri NicIlleDhuibh | Neach-rianachd | Sgoil Eòlais na h-Alba, Dùn Èideann |
| Elsie NicIlleathain | Oifigear Margaideachd | Inbhir Nis |
| Coinneach Peutan | Manaidsear Teicneòlais | Sgoil Eòlais na h-Alba, Dùn Èideann |
| Stuart Robinson | Neach-didseatachaidh | Sgoil Eòlais na h-Alba, Dùn Èideann |
| Calum Rothach | Neach-catalog | Inbhir Pheofharain |
| Catriona Scott | Neach-didseatachaidh | Uibhist a Deas |
| Maighread Stiùbhart-Harding | Neach-catalog | Inbhir Narann |
| Kevin Walker | Neach-didseatachaidh | Uist a Deas |
| Sheena Wellington | Neach-catalog Albais | Dùn Dè |
| Anndra Wiseman | Neach-catalog Gàidhlig | Dùn Èideann |
| Chris Wright | Neach-catalog Albais | Dùn Èideann |
| Irene Wotherspoon | Neach-catalog Albais | Dùn Breatainn |
Gu h-ìosal tha dealbhan de feadhainn den luchd-obrach. Brùth air gach dealbh airson a dhèanamh nas motha.






