spacer
spacer

A' toirt Chlàran far an Làraich-lìn

Rinn sinn ar dìcheall daoine aig a bheil còraichean clàran na làraich-lìn a lorg gus cead fhaighinn bhuapa. Cha robh sinn comasach air a h-uile duine a lorg ge-tà agus uaireannan tha clàran a' nochdadh air an làraich-lìn fiù 's far nach eil cead againn agus thathar an dòchas gum bi daoine a tha a' cleachdadh na làraich-lìn gar cuideachadh gus daoine a chaidh a chlàradh aithneachadh agus daoine aig am biodh cead airson na clàran seo a lorg.

Mas e 's nach eilear den bheachd gu bheil cuid de na clàran iomchaidh airson na làraich-lìn chan eil iad a' nochdadh innte. Ma tha thu draghail gu bheil stuth air an làraich-lìn nach eil thu ag iarraidh an sin tuilleadh, bu chòir dhut fios a chur thugainn ann an sgrìobhadh, mar a leanas:

  • Innis dhuinn carson nach eil thu ag iarraidh an stuth air an làraich-lìn.
  • Ma tha còraichean an stuth agad, thoir dhuinn seòladh an url far an do lorg thu an stuth air an làraich lìn, ainm an fhiosraiche agus mar a tha thu càirdeach dhaibh. Cuideachd, cuir àireamh an neach thugainn - chì thu an àireamh seo taobh a-staigh an fhiosrachadh-beatha aca air an duilleig far a bheil an clàr slàn m.e. Àireamh an neach 2150. Nuair a gheibh sinn an litir/post-d agad, bheir sinn sùil air agus bheir sinn an stuth sìos bhon làraich-lìn fhad 's a tha sinn ga sgrùdadh agus a' dèanamh co-dhùnadh air. 'S dòcha gun tèid an clàr a thoirt far an làraich uile gu lèir no 's dòcha gu dèan sinn atharrachaidhean air. Thèid beachdachadh air gach suidheachadh fa leth.
  • Mura h-eil còraichean an stuth agad, thoir dhuinn seòladh an url far an do lorg thu an stuth air an làraich-lìn againn. Chì thu an seòladh ri taobh a' bhogsa 'Ceangal Maireannach' aig bonn na duilleige far a bheil an clàr slàn. Cuideachd, cuir àireamh an neach thugainn - chì thu an àireamh seo taobh a-staigh an fhiosrachadh-beatha aca air an duilleig far a bheil an clàr slàn m.e. Àireamh an neach 2150. Nuair a gheibh sinn an litir/post-d agad, bheir sinn sùil air, bruidhinnidh sinn ris an neach aig a bheil na còraichean agus nì sinn co-dhùnadh an uair sin.

Cuir am fiosrachadh seo le litir/post-d gu:

Tobar an Dualchais
Sabhal Mòr Ostaig
Teanga
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Post-d: dualchas@smo.uhi.ac.uk

Ma tha thu airson fiosrachadh a bharrachd mu fhiosraiche no clàr sam bith a chur thugainn, cleachd a' cheangail 'Innis tuilleadh dhuinn' air an duilleig far a bheil an clàr slàn.

spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA