Rannsaich
Ciad ainm Ùisdean
Cinneadh MacMhathain
Sloinneadh Ùisdean Sheumais Bhàin
Bliadhna breith 1920
Bliadhna bàis 2006

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Am Baile Sear

Baile/Àite - Am Baile Sear

Àireamh an neach 1260

Eachdraidh-beatha

Rugadh Ùisdean anns na h-Àrdaibh sa Bhaile Shear an Uibhist a Tuath air an 21mh dhen Ògmhios 1920. B' e am pàiste a b' òige a-mach à ochdnar cloinne aig Seumas Bàn MacMhathain agus a bhean Ceit na Càrnaich (NicDhòmhnaill). Bha an t-seinn agus gibht na bàrdachd a' ruith san teaghlach; bhiodh a mhàthair, a pheathraichean agus a bhràthair Ruairidh a' seinn agus b' e bàrd aithnichte a bha na sheanair, Aonghas na Càrnaich. Mar sin thog Ùisdean grunn òrain bho a mhàthair, bho a sheanair agus bho bhàird eile sa Bhaile Shear agus an Uibhist a Tuath, leithid Ruairidh MacAoidh (Bàrd Iolaraigh) agus Dòmhnall Ruadh Chorùna. A bharrachd air a bhith a' seinn aig cèilidhean, chuir Ùisdean seachad còrr 's 40 bliadhna a' preasantadh eadar na h-eaglaisean an Dalabrog an Uibhist a Deas, sa Bhaile Shear, an Càirinis, aig a' Chlachan agus san taigh-choinneimh an Loch Euphort an Uibhist a Tuath, far an robh e na èildear cuideachd.

Nuair a bha e òg chuir Ùisdean seachad ùine a' cuideachadh athar air a' chroit sna h-Àrdaibh agus bha e cuideachd ag obair aig Limmer agus Trinidad nuair a bha iad a' togail an rathaid mhòir. Phòs Ùisdean Màiri NicBheathain ann an 1946, 's bha sianar cloinne aca còmhla. Eadar 1951 agus 1960 ghluais Ùisdean 's a theaghlach suas a dh'Àisgearnais, 's bha e na gheamair airson Oighreachd Uibhist a Deas san ùine sin. An uair sin ann an 1960 ghluais iad a Langais 's b' e Ùisdean a' chiad gheamair a bh' aig an Iarla Granville air oighreachd Uibhist a Tuath. Chòrd obair na gheamair ris gu mòr agus a rèir muinntir an àite bha e faidhir dhaibh san dreuchd seo. Bha e air leth measail air muinntir na dùthcha. Ann an 1988 leig e dheth a dhreuchd agus ghluais e fhèin agus Màiri air ais gu taigh ùr sna h-Àrdaibh, 's chuir e seachad an còrr dhe bheatha an sin.

B' e duine eirmseach, còir a bh' ann an Ùisdean. A bharrachd air a bhith a' seinn, bha gibht aige stòiridh innse agus gàire a thoirt air gach duine san èisteachd. Às dèidh iomadh bliadhna a chur seachad na gheamair, chan eil e na iongnadh gun robh Ùisdean air leth measail air a bhith ag obair a-muigh sa ghàrradh no ag iasgach, 's bhiodh e fhathast a' gillidheachd 's a' comhairleachadh dhaoine fada às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth. Bhiodh tòrr dhaoine a' tadhal air Ùisdean 's Màiri 's bhiodh fàilte bhlàth agus deagh chèilidh romhpa gach uair. Bha Ùisdean air leth fialaidh agus tuilleadh is toilichte daoine a chuideachadh le òrain, no am fiosrachadh a bh' aige mu obair-nàdair, eachdraidh agus dualchas an eilein a thoirt seachad, airson 's nach d' rachadh seo air dhìochuimhne.

Chaochail Ùisdean air an 14mh dhen t-Sultain 2006.


Chaidh an eachdraidh-beatha seo a sgrìobhadh le Linda NicLeòid, ogha Ùisdein Sheumais Bhàin.