Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
13013
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
Donald John MacSween discusses An Gàidheal Ùr, An Comunn Gàidhealach's new newspaper.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CM): Tha a h-uile càil ùr, a rèir coltais, san latha a th' ann. Tha sinn air ar riaghladh le pàrtaidh a tha ag ràdh gu bheil iad fhèin gu tur ùr. Tha sinn a-nis a' dol a dh'fhaighinn a-mach a bheil sinn fhìn air atharrachadh air dhòigh agus gun urrainn dhuinn Gàidheil ùr a thoirt oirnn fhìn. Ma tha, soirbhichidh do dh'oidhirp a tha an Comunn Gàidhealach a' dèanamh an-dràsta. Iris ùr a tha iad a' toirt dhuinn, An Gàidheal Ùr. Tha e air a bhith a-muigh a-nis airson sia mìosan. Tha iad air sia irisean a thoirt a-mach. Tha iad a' lorg daoine a ruitheas am pàipear. Tha Àrd-oifigeach a' Chomuinn, Dòmhnall Iain MacSuain, còmhla riumsa ann an seo an-dràsta gus innse dhomh dè tha fa-near dhaibh leis a' Ghàidheal Ùr agus ann a bhith a' sireadh luchd-obrach ùr. Dè tha nur beachd ann a bhith a' stèidheachadh a' phàipeir a tha seo, a tha air nochdadh thairis air beagan mhìosan a-nis?
Dòmhnall Iain MacSuain (DM): Uill, bha sinn airson pàipear-naidheachd a chruthachadh a bhiodh a' tighinn a-mach gach mìos, agus chan ann dìreach gach ràith mar a tha e gu seo, agus fhuair sinn taic bho Iomairt nan Eileanan an Iar agus Leader, airson project a dhèanamh fad bliadhna airson seo a chruthachadh. Tha sinn cuideachd a' faighinn taic bho CnaG agus bhon a' CCG a thaobh sanasachd, agus tha mi cinnteach às gun soirbhich leinn anns a' bhliadhna a tha a' tighinn.
CM: Uill, carson a shoirbhicheadh leis an seo, agus nach do shoirbhich leis a' chiad oidhirp a chaidh a dhèanamh aig toiseach an linn?
DM: Cha chanainn-sa nach e... nach do shoirbhich e leis a' chiad oidhirp a chaidh a dhèanamh, ach 's dòcha nach robh cùisean cho math dhan chànan aig an àm sin 's a tha iad an-diugh. Tha mise làn-chinnteach gun soirbhich dhan an oidhirp a tha seo, agus aig deireadh na bliadhna gum bi sinn aig ìre agus gum faod sinn cumail a' dol leis an iris, ged nach bi taic a' tighinn bho Iomairt nan Eileanan an Iar agus Leader airson an dara bliadhna.
CM: Dè seòrsa pàipear a tha gu bhith ann? Tha sibh ag ràdh pàipear-naidheachd, ach nuair a choimheadas tu ris a' chiad grunnan irisean, chanadh tu: 's e, ach 's e pàipear-naidheachd dìreach mu dheidhinn rudan Gàidhlig a-mhàin a tha gu bhith ann, an e?
DM: Uill, 's e pàipear-naidheachd anns a' Ghàidhlig a bhios ann, agus tha mi a' smaoineachadh gum bi an cuideam air naidheachdan à saoghal nan Gàidheal, mar bu chòir. Cha shaoileadh... chan eil sinne airson cruthachadh rud a bhios... a bhiodh a' dol an aghaidh an t-Albannach no an Herald no càil dhen t-seòrsa sin. Tha sinn airson cruthachadh pàipear-naidheachd a bhios iomchaidh dha Gàidheil anns an saoghal againn an-diugh, agus tha mi a' smaoineachadh gur e amas math a tha sin.
CM: Ach a bheil thu a' tuigse an diofar a th' anns an rud a tha mi ag ràdh? Ma tha sibh gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn a' Ghàidhlig 's e aon rud a th' ann, ach a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig airson a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn rudan eile.
DM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gum bi sinn a' cleachdadh na... a' chànan againn airson a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn naidheachdan; feadhainn aca a bhios gu math cudromach dhan a' Ghàidhlig, feadhainn aca nach bi. Tha mi an dòchas gum bi sinn a' bruidhinn air naidheachdan a tha gu math farsaing, agus nach bi sinn cho cumhang agus gur ann dìreach a' sealltainn a-steach dhan an t-saoghal beag againn fhìn a tha sinn fad na h-ùine.
CM: Ciamar a tha sibh an dòchas a dh'obraicheas e, a-rèiste? Tha na lethbhreacan agamsa... tha trì lethbhreacan agam air mo bheulaibh an seo. Pàipear rudeigin mòr, rudeigin trom, rudeigin tomadach, agus chan e an seòrsa fear a th' ann a chuireadh tu na do phòcaid airson leughadh, can an-dràsta, air an trèan a' dol dhachaigh, an e?
DM: Cha chanainn gur e, leis an dreach a th' air an-dràsta, ach tha sin a' dol a dh'atharrachadh leis a' chiad iris. Tha mi an dòchas gum bi sin a-muigh aig deireadh a' Ghiblein. Bidh e tòrr nas coltaiche ri pàipear-naidheachd, agus chan eil mi a' smaoineachadh gum bi làmh-an-uachdair ann cho follaiseach air a' phàipear-naidheachd ùr 's a tha 's dòcha air a' phàipear sin. 'S ann a thòisich seo mar dìreach seirbheis dha na buill againn, agus bha e a' dol a-mach gu na buill againn air fad. Ach tha am pàipear-naidheachd ùr, tha e gu bhith a' dol a-mach air daoine a thuilleadh air na buill againn fhìn, agus tha mi cinnteach gum bi fear aca a' dol a-steach tron an doras agad fhèin cuideachd.
CM: Ò, uill, bhiodh sin uabhasach math, tapadh leatsa gu dearbha. Dè a' phrìs a bhios air?
DM: Bidh e an-asgaidh dhut fhèin airson a' chiad bliadhna, ach 's dòcha gum bi agad ri not no timcheall air sin a phàigheadh airson an dara bliadhna.
CM: Airson 's e sin an dearbhadh. Tha e glè mhath fhad 's a tha daoine a' faighinn taic, agus tuigidh duine carson a dh'fheumas duine sin fhaighinn anns a' chiad bhliadhna, ach feumaidh rud mar seo pàigheadh air a shon fhèin. Tha mi cinnteach gun can thu rium gur ann air sgàth sin a tha sibh a' lorg dithis luchd-obrach an-dràsta?
DM: 'S ann. Tha sinn airson a' bhliadhna a tha seo a chleachdadh, a' dèanamh cinnteach gu bheil am pàipear-naidheachd fhèin math, freagarrach dha Gàidheil, agus cuideachd tha sinn a' dol a chaitheamh a' bhliadhna a' dèanamh cinnteach gu bheil dòighean againn air cumail am pàipear-naidheachd a' dol às dèidh a' chiad bliadhna gun taic bho Iomairt nan Eileanan an Iar no bho Leader.
CM: Aon dhe na duilgheadasan a bhios agaibh, nach e, daoine fhaighinn? Oir tha uimhir de dh'obraichean eile anns na meadhanan anns an latha a th' ann, saoghal naidheachdan, saoghal pàipear-naidheachdan, airson rèidio agus teilidh. A bheil e gu bhith duilich dhuibh daoine fhaighinn a tha gu bhith comasach air pàipear mar seo a stèidheachadh? Rud a tha feumach tòrr sgil anns a' chiad àite.
DM: Uill, tha mi an dòchas gu bheil. Bha mi a' bruidhinn ri feadhainn a tha ag obair aig pàipearan-naidheachd an t-seachdain a chaidh a tha eòlach air an obair a tha seo, agus bha iad ag ràdh rium gu bheil an tuarastal glè mhath agus iomchaidh airson an dreuchd.
CM: Tha taobh eile air cuideachd. Feumaidh sibh, bidh sibh an dòchas, beagan airgid a thoirt a-steach. Tha dreuchd agaibh airson cuideigin a bhith a' sireadh shanasan. A bheil sin gu bhith duilich anns an t-saoghal eaconamaigeach a th' againn an-dràsta?
DM: Uill, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e cho duilich anns an t-saoghal a th' againn an-dràsta, airson bha sinne sinn fhìn, an Comunn Gàidhealach, a' caitheamh còrr 's dusan mìle air sanasachd gach bliadhna gu bho chionn ghoirid. Nise, na mo bheachd-sa, cha robh sinn a' faighinn luach dusan mìle air ais, agus tha mi làn-chinnteach gu bheil na buidheannan Gàidhlig eile a' caitheamh faisg air an aon rud air neo barrachd. Nise, air a bha mi a' bruidhinn ri Ailean Caimbeul agus ri Iain Aonghas MacAoidh, bha sinn ag ràdh, nach biodh e math nam biodh an t-airgead a tha seo a' dol a-steach airson pàipear-naidheachd a dhèanamh... a chruthachadh dha Gàidheil, agus 's e sin a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh.
CM: Ach tuigidh tu carson a bhios mise... carson a bhios gu leòr dhaoine eile teagmhach, agus teagmhach le adhbhar. Chan e gu bheil mì-rùn sam bith aig daoine, ach tha oidhirpean dhen t-seòrsa sa air a bhith air fheuchainn mar-thà. Bha Sruth againne, ma tha cuimhn' agad aig an àm, agus bha a h-uile coltas air gur e pàipear glè mhath a bh' ann, ach cha do shoirbh dha an dèidh sin.
DM: Uill, man a thuirt mi mar-thà, tha mi a' smaoineachadh gu bheil an saoghal againn air atharrachadh gu tur bhon àm sin. Tha cuimhn' agam fhìn air Sruth, ged nach eil mi buileach cho aosta riutsa, ach tha saoghal ùr againn. Tha tòrr a bharrachd ùidh aig daoine anns a' Ghàidhlig an-diugh na bh' aca aig an àm sin. Tha Gàidhlig air a faicinn mar cànan a tha beòthail, a tha iomchaidh dhan a' Ghàidhealtachd, agus tha tòrr a bharrachd buidheannan ann a tha a' cleachdadh a' Ghàidhlig agus a' cruthachadh obraichean anns a' Ghàidhlig, agus tha mi a' smaoineachadh gur e... 's dòcha gur e an rud a chaidh ceàrr le Sruth agus leis a... an Gàidheal, nach robh daoine ann a bha ag iarraidh a bhith ga leughadh, nach robh ùidh aca ann, ach tha mise cinnteach às gum bi sinne a' dèanamh co-dhiù ceithir mìle lethbhreac dhen phàipear-naidheachd a tha seo, 's dòcha còig mìle, agus tha mi cinnteach gum bi rudeigin ann dhan a h-uile duine a tha sin.
CM: Dè seasamh poilitigeach a bhios aige?
DM: Uill, mar a tha fhios agad, 's e buidheann neo-eisimeileach a tha sa Chomunn Gàidhealach, agus 's ann mar sin a dh'fheumas am pàipear-naidheachd a bhith cuideachd.
CM: Ach tha sinn a' gluasad aig amannan gu math inntinneach a thaobh poilitigs, anns a' bhliadhna a tha romhainn gu sònraichte, a' chiad bhliadhna aig a' phàipear, agus chanadh cuid gur e sin a tha a' toirt dhut fhèin an cothrom agus an dòchas a bhith a' dèanamh an seòrsa rud a tha seo, gu bheil cùisean a' gluasad aig ìre phoilitigeach cho math ri gluasadan... ri ìre cultarach cuideachd.
DM: Tha sin fìor, agus tha e math faicinn seo a' tachairt. Tha cunnartan na lùib cuideachd, mar a tha fhios agad, ach tha cothroman ann cuideachd, agus tha mise an-còmhnaidh a' coimhead air na cothroman, ged a tha cunnartan ann. Feumaidh sinn a bhith deiseil airson na cunnartan, ach feumaidh sinn gabhail a h-uile cothrom a thig thugainn. Bidh am pàipear-naidheachd a tha seo math, airson bidh e a' tighinn a-mach airson bliadhna ron an taghadh. Ged nach bi dreach poilitigeach air, bidh e poilitigeach anns an t-seagh agus gu bheil sinn a' putadh an cànan, agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a bhios ann an sin. 'S bidh sinn a' dèanamh cinnteach cuideachd gu bheil na pàipearan-naidheachd againn... am pàipear-naidheachd againn a' dol a-steach dha na dorsan ceart ann an Oifis na h-Alba, gu na parties gu lèir, air fad, agus cuideachd gu na politicians.
CM: Uill, tha barrachd cothrom gun leugh cuideigin e, airson tha dithis co-dhiù ann anns an latha a th' ann an-diugh as urrainn... as urrainn a leughadh, 's iongantach, pàirt dheth co-dhiù. Cluinnidh sinn, tha mi cinnteach, an ceann sreath cò gheibh na h-obraichean a tha sin, agus, uill, bidh e inntinneach faicinn ciamar a thèid dhuibh, agus tha sinn a' guidhe gach soirbheachadh dhuibh gu dearbha leis an oidhirp a tha sibh a' dèanamh. Chì sinn aig deireadh an latha dè thachras. Tapadh leatsa gu dearbha, a Dhòmhnaill Iain, airson a thighinn a-steach a bhruidhinn riumsa an seo an-diugh.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good