Prògram Choinnich

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 29947
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 15.05.2001

Geàrr-chunntas

Na h-Eileanan Fàrach ag iarraidh neo-eisimeileachd bhon Danmhairg.

Tha Sir Iain Noble a' mìneachadh an adhartais phoilitigich a tha cuid anns na h-Eileanan Fàrach a' dèanamh airson neo-eisimeileachd fhaighinn bhon Danmhairg agus a' beachdachadh air cho comasach 's a tha e dhaibh a bhith gan riaghladh fhèin.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Paraiste - Steòrnabhagh

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Bha dùil agam fhìn, feumaidh mi ràdh, gun robh na h-Eileanan Fàrach neo-eisimeil bho dhùthaich sam bith bho chionn fhada, ach bha mi ceàrr. Ged a thàinig ath-nuadhachadh mòr sna h-eileanan a thaobh cànan agus cultar, 's ann le airgead na Danmhairg a tha iad air a bhith a' pàigheadh airson mòran dhen an obair-leasachaidh a chaidh a chur air adhart anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. A-nis, ge-tà, tha gluasad phoilitigeach air nochdadh a tha ag amas air neo-eisimeileachas gu tur. Tha Sir Iain Noble eòlach air na h-Eileanan Fàrach. Tha e còmhla rium air an loidhne an-dràsta. A bheil càil a bheachd agad, Iain, dè tha ag adhbharachadh gu bheil iad às ùr a-nise ag iarraidh neo-eisimeileachas?

Iain Noble (IN): Uill, tha eachdraidh fada ann, ach leis an fhìrinn, bha iad fo Denmark uile-gu-lèir gu nineteen forty-six, 's an uair sin fhuair iad an saorsa a thaobh corra chuspair, ach feadhainn eile bha Denmark ga chumail, gu nàdarrach gu h-àraidh an t-arm, ach iomadh rud eile cuideachd, agus on an uair sin fhuair iad cead a bhith a' gabhail os làimh a h-uile rud a bha iad ag iarraidh fhad 's a bha iad a' pàigheadh air a shon, agus bha iad a' pàigheadh airson siud 's bha iad a' pàigheadh airson seo, agus fhuair iad grèim air... air cuspairean eile mar sin. Ach an-diugh... uill, an uair sin, bha tubaist uabhasach aca a thaobh... a thaobh airgead, nuair a dh'fhalbh an t-iasgach 's bha cus fiachan aca, agus bha... b' fheudar dhaibh, tha mi a' smaointinn gun robh e... an àite BCCI aig fichead millean, b' fheudar dhaibh trì cheud millean fhaighinn o chionn sia bliadhnaichean no mar sin, seachd bliadhnaichean, 's dòcha, agus sin an t-àm as miosa dhaibh. Ach an-diugh, tha iad a' tighinn air ais. Dh'fhalbh daoine aig an àm sin gun obair 's tha iad air tilleadh, agus tha an t-àite a' tighinn beò a-rithist, 's tha e iongantach cho cruaidh agus misneachd a th' aca nam measg fhèin.

CM: Uill, gu dearbha, mar a bha sibh ag ràdh, bho chionn beagan bhliadhnaichean bha iad ann am fìor staing ionmhais. Bha iad air an t-uabhas airgead – uill, ann an dòigh nach b' ann leotha fhèin a bha e – a chaitheamh air obair rathaidean 's obair... obair eile dhen t-seòrsa sin, obair calpa. Bha na bancaichean aca, uill, bha iad gun sgillinn airgid aca 's ann am fiachan mòra...

IN: Chaidh iad briste, dà thuras ann an aon bhliadhna. Bha e cianail. Ach tha e caran iongantach gu bheil iad cho... cho luath 's a bhith ag iarraidh saorsa. Tha iad a' faighinn subsadaidh an-dràsta, tha mi a' tuigsinn, timcheall air trì fichead 's a sia millean, ann an not... not Sasannach, agus tha sin a' ciallachadh mìle gu leth gach duine beò. Tha dà fhichead 's a còig ceud... dà fhichead 's a còig mìle daoine a' fuireach ann an-dràsta.

CM: Uill, ciamar as urrainn dhaibh... ciamar a tha iad, a-rèiste, a' dèanamh dheth gu bheil e comasach dhaibh a bhith neo-eisimeileach 's... gu h-eaconamaigeach agus anns a h-uile dòigh eile?

IN: Uill, tha mise a' tuigsinn gu bheil iad ag ràdh, mìle... gu bheil mìle gu leth gach duine. Tha iad meadhanach math dheth an-dràsta a-rithist. Agus tha iad ag ràdh gum bi iad a' sàbhaladh sin gun dragh sam bith, mura h-eil iad a' pàigheadh airson... airson na h-oifigearan anns... an Denmark a tha a' ruith gnothaich, agus bidh iad a' ruith nan gnothaichean sin nas fheàrr leotha fhèin na bhith a' feitheamh air daoine an Denmark a bhith a' dèanamh an co-dhùnadh.

CM: An dùil a bheil gnothaich sam bith aige seo ris gu bheilear a' dèanamh dheth gur ann a-mach bho chladach na h-Eileanan Fàrach a tha an ath ola a' dol a thighinn?

IN: Uill, chan eil ola ann fhathast, agus chan eil fhios aig duine am bi e ann. Tha iad... tha iad an dòchas, ceart gu leòr, agus 's dòcha... tha mi a' smaointinn... tha mi a' smaointinn gu bheil deagh teansa ann gum bi e a' nochdadh, ach chan eil fhios aig duine, agus 's dòcha gum bi na tobraichean tioram.

CM: An dùil nach e a th' ann gu bheil beachd aig cuideigin gu bheil e ann agus gu bheil iad airson a dhol neo-eisimeileach, airson aon uair agus gum faigh iad an ola, gu cinnteach cha bhi an Danmhairg ag iarraidh a leigeil ma sgaoil.

IN: Uill, tha sin ceart. Ach mìle gu leth gach duine, fhios agad, chan eil e uile-gu-lèir cus. Tha mi a' tuigsinn gu bheil iad... tha iad... tha mu leth-chuid de na daoine a tha a' fuireach ann, tha iad airson a bhith neo-eisimeileach, ach leth-chuid eile tha iad caran draghail mu dheidhinn. Mar sin, tha e mar a tha e an-còmhnaidh anns na taghan, tha daoine dealas air gach taobh. Tha mi a' tuigsinn cuideachd gu bheil an fheadhainn òga caran fàbharach, ach an fheadhainn as sine tha iad beagan... caran draghail.

CM: Uill, tha iad air... an fheadhainn as sine, tha iad air faicinn dè thachair anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a thaobh nam bancaichean, a thaobh a bhith a' call airgead, a thaobh an Danmhairg a bhith a' toirt... uill, a bhith gan toirt a-mach às an duilgheadas anns an robh iad, nach eil?

IN: Uill, tha sin ann, ach 's e deasbad mòr a bhios ann. Tha an deasbad air a bhith a' dol o chionn leth-cheud... leth-cheud bliadhna ann a shin co-dhiù.

CM: Agus, uill, dè tha thu fhèin a' smaoineachadh, leis an eòlas a th' agad air a sin, air a' ghnìomhachas, air na daoine a th' ann, dè tha thu a' smaoineachadh a thachras?

IN: Uill, tha na... tha Manainn saor anns an aon seagh, ged a tha Breatainn a' dèanamh an t-arm agus poileasaidh thall thairis cuideachd dhaibh, ach tha iad saor anns a h-uile dòigh eile, 's tha iad a' pàigheadh... a' togail cìsean dhaibh fhèin, agus tha iad a' dèanamh a h-uile càil leotha fhèin, agus tha an aon rud a' tachairt anns na h-eileanan a deas ann an Sasainn cuideachd. Agus tha mi a' smaointinn gu bheil na h-Eileanan Faroe a' smaointinn gun dèanadh iad fhèin an aon rud, ach tha iad airson a bhith dealaichte uile-gu-lèir, mar a tha Innis Tìle.

CM: Uill, mo thaing dhut gu dearbha airson beachd a thoirt air a sin. Sin agaibh Sir Iain Noble, agus sinn a' beachdachadh air na h-Eileanan Faroe, agus gluasad gu math làidir ann am measg cuid dhen t-sluagh a-nise gum bu chòir dhaibh a bhith gu tur neo-eisimeil bhon Danmhairg às dèidh iomadach bliadhna.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math