Daorghlas agus a' cheàrdach

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 70440
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1956.054.B6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1956.054

Geàrr-chunntas

Daorghlas agus a' cheàrdach.

Tha rudha ann an Loch Leathallt air a bheil Rudha na Ceàrdach agus, bho chionn fhada an t-saoghal bha ceàrdach an seo. Cha bhiodh an gobha a' leigeil le duine sam bith a thighinn a-steach dhan cheàrdaich. Bhiodh e a' feuchainn agus a' dearbhadh nan claidheamh ann am fuil. Bhathar ri ràdh gun deach fear dhe na claidhnean a b' fheàrr a bha aig Fionn a dhèanamh sa cheàrdaich-sa. Ann an dualchas an Eilein Sgitheanaich, bhite ag ràdh gur h-e Daorghlas am fear a bu luaithe dhen Fhìnn. Ann an àitichean eile, bhathar ri ràdh gur h-e Caoilte a bu luaithe. Bha Daorghlas airson taobh a-staigh na ceàrdaich fhaicinn agus, latha dhe na làithean, thurchair e air a ghobha is e a-muigh. Bha rèis aca agus rinn Daorghlas a' chùis air a' ghobha. Mar sin, b' e Daorghlas an aon duine a-riamh a fhuair a-steach dhan cheàrdaich.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Daorghlas

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Nuair a tha sibh air mullach Dùn Dheirg, gheibh sibh sealladh math air Loch Mheaghailt, loch a tha dìreach mu chairteal a mhìle air falbh. 'S ann taobh tuath Dhùn Dheirg a tha e, agus tha rubha beag, bòidheach, còmhnard air feurach a' dol a-mach anns an loch ris an abair iad Rubha na Ceàrdach. Nise, tha eachdraidh anabarrach sean aig a' cheàrdaich a th' ann an seo, agus tha i air a h-ainmeachadh ann an seann litreachas mar a tha Duan na Ceàrdach.

Bha gobha ann an seo, anns a' cheàrdaich seo, a bha anabarrach cùramach mu ealain, agus a bha ag obair anabarrach falachaidh. Cha leigeadh e le duine sam bith tighinn faisg fàire dha nuair a bhiodh e ri obair, 's chan fhaodadh duine idir, idir, idir tighinn a-staigh air an doras aige. Nuair a bhiodh e ag obair, bhiodh am maide-doichilleach aige anns an doras, a' cumail dhaoine a-mach, mus faiceadh iad e ag obair, agus tha mi a' creidsinn gur e an t-eagal bu mhotha a bh' air gun togadh iad an ealain.

Ach bha a h-uile gobha caran mar sin, agus chan e a-mhàin na goibhnean, ach daoine aig an robh ciùirdean eile air an làmhan. Bha iad a' cumail nan ciùirdean am falach, agus cha robh eòlas na ceàird ach aca fhèin mar theaghlach; an t-athair ga shìneadh sìos don a' mhac, agus am mac sin a-rithist don a' mhac aige fhèin. Agus 's ann mar seo a bha eòlas leighis cuideachd, mar a bha na lèighichean a' dèanamh nan seann lighichean anns a' Ghàidhealtachd. Bha an t-eòlas aca a' dol sìos bho shinnsearachd, an t-athair ga shìneadh dhan a' mhac.

Ach seo mar a bha a thaobh a' ghobha a bh' ann an Rubha na Ceàrdach, agus nuair a bha an claidheamh aige deis, bha e an-còmhnaidh ga fheuchainn ann am fuil. Bu thoigh leis gum biodh e air fheuchainn 's air a dhearbhadh ann am fuil mus biodh an claidheamh na chlaidheamh ceart.

Ach tha aon rud beag air innse mu dheidhinn na ceàrdaich a th' ann an seo, a tha a' cur àrd-urram oirre. Tha e air a ràitinn gur ann anns a' cheàrdaich seo a chaidh aon de na claidheamhan a b' fheàrr a bh' aig Fionn a dhèanamh. 'S e Daorghlas aon cho luath agus a bha anns an Fhèinn. Chan eil mi a' smaoineachadh gun robh duine idir anns an Fhèinn a bha cho luath ris. Co-dhiù, bha an t-ainm sin aige, 's an t-urram sin aige, anns a' chuid den an eilean a bhuineas mise, ach ann an àiteachan eile tha iad ag ràdha gur e Caoilte, gur h-e a b' fheàrr air ruith ann am measg na Fèinne.

Co-dhiù, bha Daorghlas airson faighinn a-mach cò ris a bha Ceàrdach an Rubha coltach na broinn, agus an latha a bh' ann an seo, nach ann a thachair e ris a' ghobha shuas an àiteigineach mu Chuithir. Tha obair mhòr a' dol air adhart an Cuithir an-diugh. 'S ann an siud a tha iad ag obair air obair na cailc. Ach co-dhiù, thachair an gobha agus Daorghlas ri chèile agus thuirt Daorghlas:

"Ò, tha mo chothrom a-nis agam, agus tha mi làn-chinnteach ged a tha an gobha ainmeil air ruith, 's ged nach eil duine ann am measg a' choitcheannas a tha coltach ris air ruith, tha mi làn-chinnteach gun tèid agam air a' cheàrdach a ruigheachd."

Agus 's ann mar seo a bha. Dh'fhalbh iad. Thug Daorghlas a-mach na shìnteagan. 'S dh'aithnich an gobha. Ghabh e amharas gun robh e a' dol a dhèanamh air a' cheàrdaich, agus thug e a-mach na dhèidh . Ach rinn Daorghlas an gnothach air agus fhuair e a-staigh don a' cheàrdaich, agus 's e a' chiad duine air a bheil iomradh idir a fhuair sealladh air broinn na ceàrdach ach an gobha fhèin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math