Rannsaich
05.08.22

Calum Fearghasdan - Neach-ealain air Mhuinntireas Ùr

Tha sinn air leth toilichte gum bi an neach-ealain Gàidhlig, Calum Fearghasdan, ag obair na Neach-ealain air Mhuinntireas aig Tobar an Dualchais agus ATLAS Arts airson obair-ealain a chruthachadh stèidhichte air na clàraidhean air an làraich-lìn againn.

Tha Calum à Uibhist a Tuath agus tha an nàdar, eag-eòlas agus cultar na Gàidhlig a tha ga chuartachadh an sin air buaidh mhòr a thoirt air an obair aige. ’S e neach-ealain lèirsinneach a th’ ann agus bidh e a’ cleachdadh iomadh meadhan, leithid peantadh, film, ealain chuartachaidh, agus obair mheatailt ’s obair fhiodha.

Calum Fearghasdan / Tara Drummie

Tha obair rannsachaidh aig teis-meadhan dòigh-obrach Chaluim agus tha e a’ cur fàilte mhòr air a’ chothrom a bhith a’ cur seachad mòran ùine a’ rannsachadh làrach-lìn TAD mar phàirt dhen Mhuinntireas.

Thug Calum a-mach ceum ann an Dealbhadh Riochdachaidh bho Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 2021. Anns an taisbeanadh ceuma aige, ‘Athurachadh’, bha Calum a’ toirt sùil air na dùbhlain a tha ron òigridh agus ro dhaoine a tha air ùr-thighinn gu croitearachd. Bha seo a’ gabhail a-staigh buaidh Chovid air suidheachadh a bha duilich mar-thà do dhaoine òga air sàillibh staing an taigheadais agus a’ bhuaidh a th’ aig atharrachadh na gnàth-shìde air na h-eileanan.