Rannsaich
18.07.22

Fiosraichean Ùra à Siorrachd Pheairt Ghàidhealach

Na crois-rathad eachdraidheil far an do choinnich cultar nan Gall agus cultar nan Gàidheal, tha Siorrachd Pheairt an-còmhnaidh air a bhith na sgìre shònraichte do dhaoine le ùidh ann an cultar agus cànain na h-Alba. Aig Tobar an Dualchais, tha sinn air ar dòigh innse dhuibh gu bheil fiosraichean ùra bho Shiorrachd Pheairt - bho thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus tasglann a' BhBC - a-nis rin cluinntinn air an làrach againn an dèidh iomairt coimhearsnachd gus na daoine agus an teaghlaichean a lorg. Seo cuid de na fiosraichean ùra a tha a-nis air an làraich againn:

Alexandra Mary Walker [Person ID: 3462]

Rugadh agus thogadh Alexandra Mary Walker (née Stiùbhart) ann an 1896 ann an Gleann Lìomhann, Siorrachd Pheairt. Thug i seachad deich bliadhna air fhichead a’ fuireach ann an Woodend faisg air a teaglach mus do rinn i imrich a dh’Obar Pheallaidh aig deireadh nan 1920an. Bha a h-athair, Alexander Stewart na sgrìobhadair agus na neach-eachdraidh ionadail, mar a bha Alexandra cuideachd nas anmoiche na beatha, a’ sgrìobhadh dà leabhar air beatha ann an Gleann Lìomhann – ‘The Glen that Was’ agus ‘The Daughters of the Glen’.

Chaidh Alexandra a chlàradh le Anne Ross - às leth Sgoil Eòlais na h-Alba - anns na 1960an, a’ bruidhinn air caochladh chuspairean bho Ghàidhlig Shiorrachd Pheairt agus eachdraidh ionadail gu sgeulachdan os-nàdarra.

Cathie Fhriseal [Person ID: 5111]

Na seinneadair Gàidhlig à Fartairchill, sheinn Cathie Fraser gu tric ann an Siorrachd Pheairt agus ann an sgìrean eile. Bhuannaich i an t-Aigeallan Airgid ann an 1959 aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Dè, agus chaidh a clàradh do Sgoil Eòlais na h-Alba le Maurice Fleming aig cèilidh a bha mar phàirt de Sheachdain Chatharra Dhùn Dè ann an 1961.

Carol Phillips [Person ID: 9120]

Bha Carol Phillips (1961-1995) na seinneadair Gàidhlig à Dùnainn, Siorrachd Pheairt. Bhuannaich i an t-Aigeallan Airgid aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Loch Abar ann an 1981, agus chaidh a clàradh leis a' BhBC a’ gabhail nan òran ‘Miann an Eilthirich’ agus ‘Mo Chridhe Trom ’s Duilich Leam’ anns an aon bhliadhna.

Anne Bennett [Person ID: 8620]

Bhuannaich Anne Bennett (née Phillips) – na piuthar do Charol – Bonn Òr Alba Nuaidh aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an 1975 ann an Cille Bhrìghde an Ear. Chaidh a clàradh leis a' BhBC aig na Mòdan ann an 1975 agus 1976.

Hamish Robasdan [Person ID 1152]

Tha Hamish Robasdan na sheann mhiseanaraidh agus òraidiche à Siorrachd Pheairt. Cluinnear e air Tobar an Dualchais a’ cur ri ‘Program Choinnich’ air BBC Radio nan Gàidheal, gu sònraichte ri còmhraidhean mu Choirèa a Deas agus mu eachdraidh Shiorrachd Pheairt.

Donnchadh MacGriogair [Person ID: 6672]

B’ ann à Baile nan Allt ann an Gleann Lìomhann a bha Donnchadh MacGriogair (1896-1980). Bha e na rothadair agus na shaor, a’ tighinn bho iomadh ginealach de rothadairean agus de shaor-chàirtean a fhuair an cosnadh ann am Baile nan Allt. Chaidh a chlàradh le Anne Ross airson Sgoil Eòlais na h-Alba anns a’ Ghiblean 1965, a’ bruidhinn air eachdraidh na sgìre ionadail a bharrachd air eachdraidh a theaghlaich fhèin.

Janet (1892 – 1966), Isabella (1906-1977), and John (1895-1967) Marshall

B’ ann à Glac Mòr, Coille Chreanaich a bha Janet, Isabella, agus John Marshall. Bha iad uile às an aon teaghlach, agus bha ceanglaichean làidir nan sinnsireachd ri Gleann Teilt. Chaidh an clàradh ann an 1965 le W F H Nicolaisen bho Sgoil Eòlais na h-Alba a’ bruidhinn air ainmean-àite ionadail.

Dòmhnall MacMhaighstir [ID: 8742]

Bha Dòmhnall ‘Hilltops’ MacMhaighsir (1879 – 1959) à Ceann Loch Raineach na phìobaire anns an Fhreiceadan Dhubh a bha an sàs ann an Cogadh nam Boer agus anns a’ Chogadh Mhòr. Chaidh a chlàradh le Calum Iain MacIlleathain - neach-clàraidh Sgoil Eòlais na h-Alba - ann an 1958 a’ bruidhinn air eachdraidh pìobaireachd ann an sgìre Loch Raineach.

Uilleam S Dòmhnallach [ID: 8628]

B’ e seinneadair Gàidhlig a bh’ ann an Uilleam S Dòmhnallach le ceanglaichean làidir ri Siorrachd Pheairt. Rugadh agus thogadh e ann an Leth-Pheairt, Siorrachd Shruighlea, agus thàinig e – an dèidh trì bliadhna anns an Eilean Sgitheanach – a Shiorrachd Pheairt aig aois 16 gus a chosnadh a choisinn mar bhuachaille faisg air Cill Fhinn. Dh’obraich e 13 bliadhna an sin mus deach e a Chalasraid, far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.

Bhuannaich e Bonn Òr a’ Mhòid Nàiseanta ann an Obar Dheathain ann an 1976, agus cluinnear a-nis na h-òrain a ghabh e an uair sin air Tobar an Dualchais.

Uilleam Ailean [ID: 2982]

Rugadh Uilleam Ailean (1911-1999) anns an Eaglais Bhric agus thogadh e ann an Cill Fhinn, Siorrachd Pheairt. Chaidh a chlàradh a’ seinn le Anne Ros bho Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1964, agus an uair sin le Mairead Bennett - a bha cuideachd ag obair dhan Sgoil - aig Cèilidh Bliadhnail Bhoth Chuidir ann an 1988.

Dealbh: William [Person ID: 2977] agus Peter Forbes a' togail chruachan-feòir aig Tuathanas Camserney.