Rannsaich
Ciad ainm Hamish
Cinneadh Henderson
Ainm eile James Scott Henderson
Far-ainm Seamus Mòr Maceanruig
Bliadhna breith 1919
Bliadhna bàis 2002

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Pheairt

Paraiste - Blàr Ghobharaidh

Baile/Àite - Blàr Ghobharaidh

Àireamh an neach 10

Eachdraidh-beatha

Tha Hamish Scott Henderson air fear dhe na h-obraichean-raoin agus na sgoilearan as cliùitiche agus as iomraitiche a chuir ri Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, agus e ri obair-cruinneachaidh fad còrr 's 40 bliadhna. Canaidh mòran dhaoine gur esan 'athair' ath-bheothachadh a' chiùil dhùthchasaich ann an Alba air sgàth na rinn e airson traidiseanan dùthchasach na h-Alba a bhrosnachadh tro fhèilltean agus clàraidhean coimearsalta, agus airson na thug e de thaic agus de chuideachadh don òigridh aig an robh ùidh ann a bhith ag ionnsachadh bho sheann seinneadairean agus sgeulaichean.

Ma bha an togail a fhuair Hamish gun mòran de mhaoin an t-saoghail, bha e air leth beairteach a thaobh cultar, agus làn de dh'òrain agus cleachdaidhean ionadail, agus tachartasan le Luchd-siubhail. Bha cothrom aige cuideachd eòlas a chur air cànanan Clasaigeach agus Nua-chànanan, agus dh'fhàs e gu math measail orra. Mar phàrant gun chèile, b' fheudar do mhàthair Hamish a dhol far an robh obair sam bith ri fhaotainn, agus air a' cheann thall chaidh iad gu taobh a deas Shasainn far an robh i air mhuinntireas. Gu mì-fhortanach, dh'eug màthair Hamish nuair a bha i fhathast òg, agus le sin choimhead a mhaighstir-sgoile coibhneil às a dhèidh.

Bha Hamish na shàr sgoilear, agus ghlèidh e sgoilearachd airson a dhol gu Colaiste Dulwich ann an Lunnainn, far an do rinn e fìor mhath ann an cànanan agus sgrùdadh bàrdachd 's litreachas na Roinn Eòrpa. Ghlèidh e sgoilearachd eile airson a dhol gu Cambridge a sgrùdadh Fraingis agus Gearmailtis, agus bha seo gu bhith na bhuannachd dha a-rithist agus e na oifigeach fàisneis anns an Dàrna Cogadh. Tron a' chogadh, bhiodh Hamish a' cruinneachadh òrain bho shaighdearan eile a bha còmhla ris, agus chaidh am foillseachadh às dèidh a' chogaidh anns an leabhar 'Ballads of World War II'. Bha na dh'fhiosraich e ann an Afraga a Tuath air a chur sìos anns an dàn aige, 'Elegies for the Dead in Cyrenaica', pìos bàrdachd a bha air a mholadh gu mòr agus a ghlèidh Duais Somerset Maugham ann an 1949.

Ach 's e an ùine a chuir e seachad anns an Eadailt, agus e an sàs ann an saoradh an rois Eadailtich, a thug buaidh mhòr air feallsanachd Hamish agus an dreuchd a bha gu bhith aige mar thrusaiche beul-aithris. An dèidh dha tighinn tarsainn air sgrìobhaidhean an fheallsanaiche Choimiunaich Antonio Gramsci, thàinig beachdan Hamish air poilitigs agus beul-aithris còmhla agus stèidhich seo am bun-bheachd a bh' aige fad a bheatha gun robh òrain dùthchasach agus sgeulachdan mar 'ghuth nan daoine' - rudeigin a leigeadh le na daoine cumanta agus iomallaichte breithneachadh air an t-suidheachadh aca fhèin, a bhith a' faighinn misneachd agus togail spioraid, agus a bhith a' strì an aghaidh fòirneart agus dùbhlain na beatha.

'S ann anns an Eadailt cuideachd, aig deireadh nan 1940an, a thàinig Hamish Henderson tarsaing air inneal-clàraidh ùr Olivetti - inneal teip 'ruidhle-gu-ruidhle' a ghabhadh giùlan le aon neach - agus thuig e sa bhad gur e dòigh mhath a bha seo airson òrain agus sgeulachdan a chlàradh gu ceart agus gu mionaideach. Air dha tilleadh a dh'Alba rinn e tagradh ri Oilthigh Dhùn Èideann feuch am faigheadh e maoineachadh airson a dhol a dh'Obar Dheathain - an t-àite far am bu dual òrain Albais, a rèir mòran dhaoine - a lorg òrain dùthchasach agus a dhearbhadh gu bheil na seann nòsan a thaobh seinn agus òrain fhathast rim faighinn agus gum b' fhiach an clàradh. Fhuair Hamish suim bheag airgid gus tòiseachadh air an turas rannsachaidh aige agus thachair e ri cuid dhe na daoine as iomraitiche a chlàraich e bhon ear-thuath, Jimmy MacBeath à Port Saoithe agus Willie Mathieson à Eilean nam measg. B' e na clàraidhean seo, agus an coiteachadh a rinn Hamish, a thug fa-near don Oilthigh gum b' fhiach a leithid a dh'obair, agus bha seo am measg nam prìomh adhbharan a chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a steidheachadh ann an 1951.

Bha Hamish air fear dhe na ciad obraichean-raoin a chaidh fhastadh le Sgoil Eòlais na h-Alba, agus thòisich e ri òrain agus sgeulachdan a chlàradh bho air feadh Galltachd na h-Alba, agus gu ìre air a' Ghàidhealtachd, agus ri artaigilean a sgrìobhadh, an dà chuid acadaimigeach agus cumanta, mu na tachartasan aige agus mu òrain anns an fharsaingeachd. Thug e cuireadh do chuid dhe na daoine a b' fheàrr a chlàraich e - Jeannie Robertson à Obar Dheathain, Flòraidh NicNèill à Barraigh, agus Jimmy MacBeath à Port Saoithe nam measg - a dhol air an àrd-ùrlar ann an Dùn Èideann aig Cèilidhean Fèis nan Daoine (1951-54), a chuir e fhèin air dòigh mar fhreagairt dhan àrdanachd a bha, ann am barail cuid a dhaoine, an lùib na Fèis oifigich ann an Dùn Èideann. Thug e stiùireadh e cuideachd don eòlaiche-chiùil Ameireaganach Alan Lomax nuair a thàinig e a Bhreatainn a thogail chlàraidhean tràth anns na 1950an.

Anns na fichead bliadhna a lean, chruinnich Hamish stòras mòr de dh'òrain de gach seòrsa agus de sgeulachdan. Chruthaich e cuideachd lìonra farsaing de dh'fhiosraichean, agus thàinig mòran dhe na daoine seo gu bhith nan caraidean dha airson a' chòrr dhe a bheatha. Am measg nan rudan bu shònraichte a choilean e, 's e gun do rinn e ceanglaichean làidir eadar saoghal nan sgoilearan agus Luchd-siubhail na h-Alba, a bha air an iomall agus a dh'fhuiling geur-leanmhainn fad linntean. Le foighidinn agus leis an deagh nàdar a bh' aig Hamish, dh'fhàs e fhèin agus seanchaidhean an Luchd-siubhail - leithid an t-seinneadair chliùitich Jeannie Robertson à Obar Dheathain, agus Stiùbhartaich Fhothair Aonghais agus Bhlàr Ghobharaidh - mòr aig a chèile.

Thug na clàraidhean agus na càirdeasan seo buaidh mhòr air an ùrachadh a bha a' tighinn air ceòl agus òrain dùthchasach. Bhiodh an òigridh ag ionnsachadh òrain agus sgeulachdan bho 'sheinneadairean tùsail' air an sònrachadh le Hamish, aghaidh ri aghaidh air neo tro na clàraidhean glèidhte ann an Sgoil Eòlais na h-Alba. Mar an ceudna, nuair a thòisich an Sgoil ri cùrsaichean for-cheum a thairgsinn ann am beul-aithris agus eitneòlas, fhuair oileanaich Hamish buannachd mhòr bho na chruinnich e, agus cuideachd bho a stiùireadh 'air an raon', far am biodh iad a' dol còmhla ris a choinneachadh sheanchaidhean. Am measg nan daoine òga air an tug seo buaidh gu sònraichte, bha Jean Redpath, Andy Hunter, Alison McMorland, agus Stephanie Smith.

Bhiodh Hamish a' dèanamh bàrdachd agus òrain an-dràsta 's a-rithist, agus thàinig an t-òran a rinn e airson gluasad an CND ann an 1960, 'Freedom Come-All-Ye, gu bhith na laoidh airson ceartas sòisealta am measg sheinneadairean a bha an sàs ann an ùrachadh dùthchais agus gluasadan eile, agus tha cuid a dhaoine an-diugh ga mheas mar laoidh nàiseanta neo-oifigeil.

Thugadh iomadh deagh ais-shealladh air obair Hamish an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth bhon Sgoil ann an 1987, agus nam measg bha am film aithriseach 'Journey to a Kingdom – Hamish Henderson returns to the North East of Scotland' (1992), air a stiùireadh le càraid Hamish, Timothy Neat, agus sgrìobhaidhean comharraichte (1992) agus litrichean comharraichte (1996) air an deasachadh le Alec Finlay. Bha barrachd ùidh aig daoine anns a' bheatha agus an obair aige an dèidh a bhàis ann an 2002, agus anns na bliadhnachan a lean chaidh leabhar mòr mu a bheatha fhoillseachadh ann an dà phàirt le Timothy Neat, cho math ri ceithir cruinneachaidhean de dh'aistidhean mun obair aige ann an cultar dùthchasach air an deasachadh le Eberhard 'Paddy' Bort. Chaidh dà phìos obrach fhoillseachadh cuideachd le Corey Gibson, an dàrna fear a' coimhead air a' bhuaidh a bh' aig Hamish gu cultural agus gu poilitigeach, agus am fear eile na chruinneachadh a rinn e de dhàin agus de dh'òrain. Tha na pàipearan aig Hamish fhèin (ach a-mhàin an fheadhainn a reic e do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba) rim faighinn ann an Ionad nan Cruinneachaidhean Rannsachaidh ann am Prìomh Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann.

Chan urrainnear cus a ràdh mun bhuaidh mhaireann a th' aig Hamish Henderson air mòran dhaoine de gach seòrsa ann an Alba agus nas fhaide air falbh, agus tha na clàraidhean aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais / Kist o Riches am measg nan rudan as cudromaiche bhon dìleab a dh'fhàg e.

Seo feadhainn dhe na daoine iomraiteach a chlàraich Hamish Henderson:

Jimmy MacBeath à Port Saoithe (1894-1972)
Willie Mathieson à Eilean (1879-1958)
Jeannie Robertson à Obar Dheathain (1908-1975)
Willie Mitchell à Ceann Loch Chille Chiarain (1904-1986)
Willie Scott à Lìdeasal (1897-1990)
John Strachan of Fyvie (1875-1958)
Belle Stewart (1906-1997) agus Sheila Stewart (1937-2014) à Blàr Ghobharaidh
Lucy Stewart à Fothair Aonghais (1901-1982)


Tùsan agus Barrachd Leughaidh

Bort, Eberhard (ed.), Anent Hamish Henderson: Essays, Poems, Interviews (Ochtertyre: Grace Note Publications, 2015)

———, At Hame Wi' Freedom: Essays on Hamish Henderson and The Scottish Folk Revival (Ochtertyre: Grace Note Publications, 2012)

———, Borne on the Carrying Stream: The Legacy of Hamish Henderson (Ochtertyre: Grace Note Publications, 2010)

———, 'Tis Sixty Years Since: The 1951 Edinburgh People's Festival Ceilidh and The Scottish Folk Revival (Ochtertyre: Grace Note Publications, 2011)

Gibson, Corey, The Voice of the People: Hamish Henderson and Scottish Cultural Politics (Edinburgh: Edinburgh University Press, 2015)

Henderson, Hamish and Alec Finlay (ed.), Alias MacAlias: Writings on Songs, Folk and Literature (Edinburgh: Polygon, 1992)

———, The Armstrong Nose: Selected Letters of Hamish Henderson (Edinburgh: Polygon, 1996)

Henderson, Hamish and Corey Gibson (ed.), Hamish Henderson: Collected Poems (Edinburgh: Polygon, 2019)

Neat, Timothy, Hamish Henderson: A Biography, Volume 1: The Making Of The Poet (1919-1953) (Edinburgh: Polygon, 2007)

———, Hamish Henderson: A Biography, Volume 2: Poetry Becomes People (1952-2002) (Edinburgh: Polygon, 2009)