Fiosrachadh mu dheidhinn luadhadh

Leasan 24

An Sgeulachd

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/73036?l=gd

1. Tar-sgrìobhadh (pdf)

2. Obair (pdf)

Gnìomhan do Sgoilearan

a. Ceistean

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Cairistìona Sheaghach agus Peigi Mhoireasdan, à Àird Àsaig anns na Hearadh, a’ bruidhinn ri Mòrag NicLeòid bho Sgoil Eòlais na h-Alba.

  1. Dè bhiodh ann às dèidh an luadhaidh?
  2. Am biodh bodach a’ cruinneachadh anns an taigh?
  3. Dè an comas a bha aig màthair Cairistìona?
  4. Dè an aois a bha Cairistìona nuair a chaidh i dhan a’ chiad luadhadh aice?
  5. Carson a ghluais iad Cairistìona gu ceann na clèithe?
  6. An robh iad a’ faighinn pàigheadh airson na h-obrach seo?
  7. Cia mheud a bhiodh a’ suidhe aig a’ chlèith?
  8. Dè nach robh iad ag iarraidh gun tachradh dhan chlò?
  9. Dè bha iad a’ cleachdadh airson an clò a thomhas?

b. Ealain

Èist ri grunn mhath de dh’òrain luaidh on tasglann aig Tobar an Dualchais. Dèan òran luaidh ri fonn traidiseanta. Dèan clàradh dheth.

Stuthan Taic

a. Briathrachas

luadhadh – a’ deasachadh clò le bhith ga nighe agus ga bhualadh

mnathan-luadhaidh – na boireannaich a dhèanadh luadhadh

meadhan na clèithe – a’ chliath: am bòrd a bhiodh ga chleachdadh airson luadhadh

cromadh – aonad-tomhais, a’ cleachdadh corraig

b. Geàrr-chunntas

Bhiodh Cairistìona agus Peigi an làthair nuair a bha luadhadh a’ dol a-staigh aca. Bhiodh iad a’ falbh a luadhadh air feadh a’ bhaile cuideachd. Bhiodh dannsa ann às a dhèidh, le òrain agus pìobaireachd cuideachd. Bhiodh na bodaich a’ cruinneachadh airson an t-seinn a chluinntinn aig an luadhadh. Fiosrachadh mun luadhadh fhèin.

c. Luadhadh

’S e obair chruaidh, mhì-chàilear a bh’ anns an luadhadh, ged a dhèanadh iad tlachdmhor e le bhith a’ gabhail òrain, agus a’ dèanamh cèilidh às a dhèidh. Bhiodh an clò air a bhogadh ann an siabann agus maistir, air a chleachdadh mar amòinia, mus deach a bhualadh air a’ bhòrd. Mar thoradh, bha an clò uabhasach fhèin trom, agus airson an cuideachadh leis an obair bhiodh na boireannaich a’ gabhail òrain luaidh. Dh’fheumadh na h-òrain deagh ruitheam. Bha cuid dhiubh gu math spòrsail. Tha na ceudan de dh’òrain luaidh air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Fiosrachadh Eile

a. Na Fiosraichean

Peigi Mhoireasdan (1901-1988). Rugadh i ann an Àird Àsaig anns na Hearadh. B’ e bean-taighe a bh’ innte.

Cairistìona Sheaghach (1907-1996). Rugadh agus thogadh i ann an Àird Àsaig anns na Hearadh. B’ e bean-taighe a bh’ innte.

b. Ceanglaichean

Tha an t-uabhas de dh’òrain luaidh air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Seo feadhainn dhiubh:

O Horò ’Ille Dhuinn

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/96412?l=gd

le Cairistìona Sheaghach.

Hè Mo Leannan, Hò Mo Leannan

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/96569?l=gd

le Cairistìona Sheaghach.

Dh’Èirich Mise Moch ro Latha

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/73042?l=gd

le Peigi Mhoireasdan.

Horò ho hù ill Anna Bheag

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/73146?l=gd

le Peigi Mhoireasdan.

Tha Latha An-diugh

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/73155?l=gd

le Peigi Mhoireasdan.

Òran Luaidh

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/94518?l=gd

le Ruairidh Caimbeul.

Hoireann Ò, Ho-ri Horò

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/95037?l=gd

le Ruairidh Caimbeul.

Hòrò Mo Chuachag

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/94521?l=gd

le Ruairidh Caimbeul.

Bheir Soraidh Bhuam dha na Hearadh

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/95419?l=gd

leis an Urr. Uilleam MacMhathain.

Mhòrag ’s na Hòro-gheallaidh

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/102159?l=gd

le Gormshuil NicCoinnich.

Freagairtean

  1. Dannsa, òrain agus pìobaireachd.
  2. Bhitheadh. Bhiodh an taigh làn bhodach.
  3. Bha i math air seinn.
  4. Dusan bliadhna a dh’aois.
  5. Bha i cho beag ’s nach ruigeadh i meadhan na clèithe.
  6. Cha robh. Bha airgead gann, ach bhiodh iad a’ cuideachadh a chèile.
  7. Ochdnar no deichnear; còignear air gach taobh.
  8. Cha robh iad ag iarraidh gum biodh e ro chaol.
  9. An cromadh.

Fios mu na Clàraidhean air Fad

Liosta de na clàraidhean air fad (pdf)