Search
Obair dachaigh air a’ chroit

Obair dachaigh air a’ chroit

Leasan 21

An Sgeulachd

http://www.tobarandualchais.co.uk/track/68218?l=gd

1. Tar-sgrìobhadh (pdf)

2. Obair (pdf)

Gnìomhan do Sgoilearan

a. Ceistean

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Dithis à Barraigh, Ceit NicColla agus Ciorstaidh NicDhòmhnaill, a’ bruidhinn ri Màiri NicDhòmhnaill (Sgoil Eòlais na h-Alba).

1. Cuir ann an òrdugh na rudan a dh’fheumadh am fiosraiche a dhèanamh nuair a dh’èireadh i anns a’ mhadainn:-

2. Dè bhiodh iad a’ cleachdadh mar chonnadh? Gual no mòine? Tagh an fhreagairt cheart.

3. Dè dhèanadh iad ris an teine air an oidhche?

4. Dè bhiodh a’ tachairt fhad ’s a bhiodh iad a’ biathadh nam beathaichean?

5. Dè bhiodh iad a’ bleoghan mura robh bainne aig a’ bhoin?

6. Dè am beathach eile nach ro cho pailt anns an àite?

b. Còmhradh

Maith na Bà (agus na gobhair is na caorach!)

Bha bainne glè chudromach do dhaoine anns na seann làithean. Tha an seanfhacal ag ràdh: “Maith na bà a-muigh ’s a-staigh; mura leighis sin duine chan eil leigheas ann dha.”

Ach tha tòrr dhaoine ann nach toigh leotha bainne. An òladh tu bainne caorach? An òl thu bainne idir? Mura h-òl, carson nach òl?

c. Ealain

Dèan rannsachadh air reasabaidhean traidiseanta. Am bi gin dhiubh a’ cleachdadh bainne gobhair? An urrainn dhut ìm a dhèanamh anns a’ chlas?

Stuthan Taic

a. Briathrachas

a’ chiad char – a’ chiad rud

nuair a dh’èirinn – nuair a bhiodh i fhèin ag èirigh

a’ fodradh nam beothaichean – a’ toirt fodar do bheothaichean

a’ bleoghan – a’ faighinn bainne bho bheathach

a’ chagailt – far an dèanar teine ann an taigh fòidean – pìosan mòine

a’ smàladh – a’ mùchadh

slabhraidh – sèine, air a chleachdadh an seo airson poit a chrochadh os cionn an teine morghan – talamh/cladach a tha còmhdaichte le clachan beaga

b. Geàrr-chunntas

Còmhradh mu obair maidne air a’ chroit. Bhiodh an crodh ri bhleoghan agus uaireannan caoraich nam biodh an crodh seasg. Bhiodh cuid a’ cumail ghobhar cuideachd. Iomradh air smàladh an teine.

Fiosrachadh Eile

a. Na Fiosraichean

Ciorstaidh NicDhòmhnaill, Ciorstaidh Alasdair (1906-1992). Rugadh agus thogadh i ann am Buaile nam Bodach, Barraigh. Tha grunn chlàran aice air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

b. Ceanglaichean

Tha grunn chlàran aig Ciorstaidh Alasdair air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus i a’ bruidhinn air cleachdaidhean san dachaigh. Seo trì dhiubh:

A’ deasachadh na clòimhe.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68206

Cunntas math air deasachadh na clòimhe: nighe, cìreadh, càrdadh, dealbh, dathadh agus snìomh. 

Banais-taighe.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68215

Bhiodh dà bhanais aca: aon oidhche ann an taigh bean na bainnse, agus an ath oidhche ann an taigh fear na bainnse.

An taigh-cèilidh.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68209

Còmhradh mu chur-seachad a bhiodh aca anns na taighean-cèilidh: còmhradh, fealla-dhà, a’ cluich chairtean, agus a leithid. Bhiodh dannsaichean aca cuideachd. 

Freagairtean

Tidsearan: cuiribh post-d gu dualchas@smo.uhi.ac.uk gus lethbhreac de na freagairtean airson nan leasanan air fad fhaighinn.

Fios mu na Clàraidhean air Fad

Liosta de na clàraidhean air fad (pdf)