Rannsaich

Mar a bhite a' dèanamh ròpan.

Ceann-latha 10 September 1955
Àireamh a’ chlàir 1029
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1955.161.A13

Àireamh an Teip Thùsail

SA1955.161

Geàrr-chunntas

Mar a bhite a' dèanamh ròpan.

Chuala am fiosraiche aig athair mar a bhite a' dèanamh ròpan à seann chraobhan air an tigeadh iad tarsainn - giuthas-blàir - ri àm buain na mònach. Tha e ag innse mar a bhite gan deasachadh gus ròpan-giuthais a dhèanamh. Bhiodh a sheanair gan cleachdadh air a' bhàta mar phàirt dhen acfhainn. Bhite cuideachd a' dèanamh nan nasg dheth. Bhathas a' cleachdadh còcrach airson nan lìon - bha e a' fàs san Alltan Dubh. Thuirt e gun tug bràithrean a sheanmhar cuibhle à Gallaibh a bha air a chleachdadh a dh'aona-ghnothach airson snìomh na còcraich dha na lìn.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Chan eil fhios a'm... bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh an cuala sibhse iomradh riamh iad a bhith a' faighinn giuthas ris an canadh iad giuthas-blàir air na h-achannan, a-mach air a' mhonadh. Bheil fhios a'd, gheibheadh iad seann stocan craobh, de chraobhan.

Murdo John MacLean (MM): Gheibh.

CM: Agus an cuala sibh riamh iad a bhith a' dèanamh ròpan dheth siud?

MM: Chuala mi sgeul air sin aig m' athair, agus e a' sealltainn 's ag innse mar a bha iad ga dhèanamh. Agus bha iad a' togail, dar a bha na craobhan a' tuiteam [???], tha fhios agaibh, bha iad... tro na linntean, bha an talamh ag èirigh suas orra, agus bhiodh iad gam faighinn glè thric dar a bhiodh iad a' buain na mòine. Agus nan do rachadh... dh'aithnicheadh iad gur e craobh a bhiodh ann, rachadh a fàgail, dh'fhaodte airson bliadhnachan, 's rachadh a-rithist a togail. Agus bha iad an toiseach a' sgileadh nam meòir dhith leis an... leis an tuagh no leis an làmh-thuagh, agus a' cur an òrd i. Agus bha a-nise coltas de sgian gheur aca, agus bha iad a' toir dhith na sliseagan leis an sgian bho cheann gu ceann. Agus bha e a-rithist a' gabhail dha na sliseagan a bha sin le plocan air clach gus an robh iad ga bristeadh a-bhàn, tha fhios agaibh, mìn - na [?gaoirdean], mar a theireas sinn, agus gun gabhadh toinneamh air. Agus bha iad a-rèist a' toinneamh sin agus a' dèanamh ròpan dheth. Agus chuala mise m' athair a' cantainn:

"Tha cuimhn' a'm," ars esan, "dar a bhiodh do sheanair," ars esan, "na thobha-cinn anns a' bhàta, agus tha cuimhn a'm," ars esan, "gur e," ars esan, "tobha na lìon a bh' aig do sheanair anns a' bhàta mhòr, ròp-giuthais."

Ròp-giuthais. Agus bha iad a' dèanamh nan nasg air, agus bha iad a' dèanamh nan ròp-eallaich dheth. Agus... nise, chan eil sin o cianail fada. Bha cuimhn' aig m' athair, ged a... ged a bha an linn aig mo sheanair, bha iad air an dèanamh anns a' bheart. Bha a' chuid bu mhotha dhiubh air am fighe a-staigh, air an deilbh a-staigh 's air am fighe a-staigh, agus iad fhèin a' dèanamh an t-snàth. 'S bhiodh iad a' toir... Bha iad a' fàs na còcrach, rud ris an can iad hemp. Bha iad ga fàs shìos anns an Alltan Dubh 's shuas an seo ann an àitean. Bha. Agus chuala mi m' athair a' cantainn gun tug... gun tug a bràithrean, gun tug iad cuibhle à Gallaibh gu mo sheanmhair 's i na pàiste òg. Bha e air a dhèanamh... bha e air a dhèanamh gu sònraichte airson snìomh... airson snìomh na còcraich dha na lìn. 'S bha ise a' snìomh na còcraich 's bha iad fhèin a' fighe nan lìon. 'S bha iad gam beartachdainn... bha na linntean sa, bhiodh ròpan-feòir aca no ròpan-còcraich aca, ach bha iad gam beartachdainn ron a sin leis na dromaichean a bha iad fhèin a' dèanamh dhen a' ghiuthas.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math