Rannsaich

Turas a Leòdhas.

Ceann-latha 10 September 1955
Àireamh a’ chlàir 1031
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1955.161.A15

Àireamh an Teip Thùsail

SA1955.161

Geàrr-chunntas

Turas a Leòdhas.

Bha uaireigin, mus do rugadh athair an fhiosraiche, bùth air a' Bhac ann an Leòdhas na b' ainmeile na bùth sam bith a bh' ann an Steòrnabhagha a thaobh gnothaichean-mara. Bhiodh iasgairean às a' Chòigich a' dol a-null chun a' Bhac a dh'iarraidh uidheam airson nan lìon aca. Chaidh dithis de bhràithrean a sheanmhair a-null air turas a cheannachd stuth a bha bhuapa. Air an turas seo, chuala iad gu robh am buntàta pailt an Leòdhas am bliadhna ud. Mar sin, thug iad air ais na b' urrainn dhaibh anns a' bhàta. Nuair a fhuair iad dhachaigh, 's ann a chuir iad romhpa gun deidheadh iad air ais gus luchd buntàta eile fhaidhinn chum a reic. Air an t-slighe dhachaigh, bhàsaich a' ghaoth is thuit iad nan cadal. Nuair a dhùisg iad, bha a' ghaoth air èirigh agus bha am bàta a' dèanamh a-mach dhan chuan. Fhuair iad dhachaigh gu sàbhailte aig deireadh an latha. Tha cuimhne aig an fhiosraiche air bàtaichean fosgailte.

Notaichean a' Chlàir

Uncommon word: contributor uses the word 'tabh' for the sea.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Am Bac

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math