Rannsaich

Muiltean.

Ceann-latha 10 September 1955
Àireamh a’ chlàir 1035
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1955.161.B2b & B2c

Àireamh an Teip Thùsail

SA1955.161

Geàrr-chunntas

Muiltean.

Tha am fiosraiche a' bruidhinn air cruadal na seann aimsir. Bhiodh biadh gann nuair a theirigeadh a' mhin a bha iad fhèin a' dèanamh. Bha mòran mhuiltean anns an sgìre aig aon uair, ach cha robh ach aon mhuileann ag obair ri linn an fhiosraiche, nuair a bha e na bhrogach beag. Tha cuimhne aige a dhol ann còmhla ri athair, agus am muillear fhaicinn. Bha an duine seo geal, bho bhonn a chois gu mullach a chinn le smod a' mhuilinn - am min air an robh e ag obair. Bha seanfhacal ann, 'Am fear a bhios anns a' mhuileann, bidh smod a' mhuilinn air' - a' ciallachadh, ma nì duine mì-mhodh, leanaidh sin ris.

Notaichean a' Chlàir

Uncommon word: 'smod' meaning mill dust.

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Murdo John MacLean: Bha am biadh uaireigin gann ann an seo, tha fhios agaibh, nuair a theirigeadh a' mhin a bha iad fhèin a' dèanamh. Agus ged a bha mòran mhuillear anns an t-àite seo aig aon uair, 's e aon mhuileann a bha ri obair ann ri mo chuimhne-sa, agus sguir e a dh'obair mus robh mi ach na mo bhrogachan glè, glè bheag. Tha cuimhn' a'm air a dhol ann na mo bhrogach beag. Bhithinn naoi no deich a bhliadhnachan no rudeigin mar sin. M' athair, char e ann le sìol no a dh'iarraidh min, agus bha dà rud co-cheangailte ris nach do dhealaich riamh ris a' chuimhn' agam, agus 's e a' chiad rud staidhre chloich a bha dol a-mhàin dhen a' bhruthach gus làr ìochdrach a' mhuilinn, agus am muillear, duine mòr tlachdmhor, fear dhe na daoine bu tapaidh a bha san dùthaich a bha seo an uair sin. Dearbh, 's e athair Alasdair air an robh sinn a' bruidhinn a bh' ann. Agus bha feusag thiugh air, agus bha falt mòr air, agus bha a h-uile rud geal, 's bha am falt geal 's bha an fheusag geal 's bha e fhèin geal, 's ghabh mi iongantas uabhasach. Agus dar a fhuair mi cothrom air fhaighneachd dhe m' athair, thuirt mi:

"Ò," arsa mise, "nach e a bha geal," arsa mise, "an ann liath a tha e?"

"Ò chan ann," arsa m' athair, ars esan, "ach shiud agad," ars esan, "smod a' mhuilinn."

An cuala tu riamh rud ris an can iad smod a' mhuilinn? Ag obair air a' mhin, 's bha an duine sa a bha timcheall air bha e... bha e geal mar a' mhin.

Chuala sibh fhèin an seanfhacal, 'Am fear a bhios anns a' mhuileann bidh smod a' mhuilinn air'. Tha sin a' ciallachadh, tha fhios a'd, ma nì thu mì-mhodh, leanas e riut, no... 'S e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math