Search

Faili, Faili, Faili Ò Ro

Date December 1956
Track ID 106046
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1956.151

Original Tape ID

SA1956.151

Summary

The bard gives information about the song 'Faili, faili, faili ò ro', which he composed after emigrating to Canada. In this song he remembers island life in Lewis.

Item Notes

Composed by the contributor.

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Non Scottish Item Location

Canada

Non Scottish Item Location

Canada

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Murchadh MacPhàrlain: 'S ann mar seo a bha an dàn a bha seo air a dhèanamh bho thùs, air a rinn mise an toiseach e, agus bidh mi ga chluinntinn ga sheinn aig cuid, agus sop às gach seid. Cuid a' toirt rud às; cuid eile a' cur rud ann nach robh ann a-riamh. Ach seo mar a rinn mise an dàn.


Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
'S cian nan cian on dh'fhàg mi Leòdhas

'S fhada leam an oidhche gheamhraidh
'S fhada 's fhada 's fhada leam i
'S o chan fhaic ach prèiridh lom mi
Cha chluinn tonn ri tighinn gu tràigh mi

An àm don fheasgar bhith ri ciaradh
'S tric a bhios mo chridhe cianail
Cuimhneachadh g' eil cian nan cian uam
Far 'm bu mhiann leam dhol a chèilidh

Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
'S cian nan cian on dh'fhàg mi Leòdhas

Chan ann a lùchairt mhòr nan cùirtear
Ach don bhothan thughaidh shùgrach,
Teine mònach air an ùrlar
'S luchd mo rùin-sa cruinn a' cèilidh

Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil,
Nam biodh bunag chrèathadh 's ceò ac',
Bhiodh na brogaich snìomh nan snòta
Air glùin rùisgte, siud an dòigh orr'

Bhiodh seann shaighdear nan ciad chruaidh-chath
'S leis a' chlobha anns an luath aig'
Dealbh dhuinn mar a thug a' bhuaidh iad
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh

Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
'S cian nan cian on dh'fhàg mi Leòdhas

Bhiodh seann sheòladair 's air stòl e
'S cha robh cuan no loch nach d' sheòl e
'S nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheigheadh gu èisteachd.

Sgap an comann, sgaoil na fiùrain
'S tha gach sgeulaiche 's an ùir air
Chunnaic mise cridheil, sùrdail
O, mo dhùrachd bhith gan èisteachd

Ach càit a-nis a-nochd an tèid mi
Chan eil cèilidh air a' phrèiridh
'S o chan fhaic mi 'n àm dhomh èirigh
An-àirde 'g èirigh ceò na mònach

Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
Faili, faili, faili o ro
'S cian nan cian on dh'fhàg mi Leòdhas

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good