Search

Eas Niagara

Date 1972
Track ID 107185
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.243.A5

Original Tape ID

SA1972.243

Summary

A poem which the contributor composed in praise of the Niagara Falls, which he visited when on holiday in Toronto.

Item Notes

Seven verses. Composed by the contributor.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach: 'S e Eas Niagara ann an Canada aon de iongnaidhean an t-saoghail, 's cha dìochuimhnich ri mo mhaireannaich a' chiad sealladh a fhuair mi dhen an eas cheudna. Bha mi air mo làithean-saora ann am baile mòr Thoronto, agus ghabh mi an cothrom airson a dhol sìos gu ruige Niagara. Agus nuair a chunna mi an t-àite bha mi dìreach, mar gum bitheadh, fo gheasaibh aig an t-sealladh iongantach, agus 's e sin a bh' ann. Agus chaidh mi an uair sin dhachaigh air ais gu ruige Toronto, agus glè ghoirid às a dhèidh, an ceann beagan làithean, fhuair mi fios airson a dhol a shearmonachadh gu ruige baile ris an can iad Dalhousie ann an New Brunswick. Agus ma fhuair, chaidh mi ann, ach bha sealladh iongantach Niagara air m' inntinn an latha 's a dh'oidhche, 's cha d'fhuair mi fois gus an do rinn mi a' bhàrdachd a leanas. Seo i ma-thà.


Mòr-eas nan uisgeachan borb
Sìor bhrùchdadh le toirm a-nuas
Thar bhearradh nan àrd-chreagaibh coirbt'
An dian neart 's an onfhadh a luaiths
Càite fo aghaidh na grèine
Am faicear sealladh da rèir ri luaidh
Tuil allmhara garbh-shruth ta 'g èirigh
À doimhneachdan Erie shuas.

Chan eil m' anam gun athailt nad làthair
Ged tha d' àilleachd a' tàladh nan sùl
Cò bheir coimeas do chumhachd an Àrd-Rìgh
A dhealbh Niagara bho thùs
Dè an duine ann an glaic cumhachd nàdair
Ach mar shop air bheag stàth agus lùth
Ga ghrad-sguabadh gu bile na sgàirneach
Le ruais na tuil làidir ri chùl?

Glamair farsaing an cumadh crudh iarainn
Abhainn lìonta, cas fiadhaich ga leum
Na h-aon chaoir-gheal bho mhullach gu h-ìochdar
A' smùideadh à sian-chath don speur
B' e sin slugan na h-iargailt chianail
Na gàirich nad lìonadh le geilt
'S an linne gu h-ìseal ga riasladh
'S ga maistreadh fo liath-chop troimh-a-chèil'.

Cluinnear thar astar a nuallan
Ta 'g èirigh bho bhuaireas nan dùl
Trom-shlacraich nan sruthan ta uamhalt
Cur a' bhùirn air fuar-ghoil gu ghrunnd
Cha b' ioghnadh an t-Innseanach dàicheil
Bhith cràbhach a' lùbadh a' ghlùin
Tagradh deagh-ghean an spioraid a bhith làmh ris
Ga aiseag gu sàbhailte a-null.

B' ait leam amharc fad moch-thràth na maidne
Ged a bhodhradh mo chlaigeann le fhuaim
'S grian a' Chèitein ag èirigh le lannair
Dùsgadh nèamh agus talamh gu snuadh
Bu ghile na sneachda na gaillinn,
Am min-shad ga fhrasadh mun cuairt
'S nì a bu mhotha bha dhòmhsa na annas
Bogha-frois na làn-mhaise mu bhruaich.

Ann an dubh-dhorcha na h-oidhche
Nuair nach lèir dhut boillsg air gach taobh
Nochdar le inneal na soillse
A sgèimhealachd aoibhinn araon
Aiteal de thaisbean as nèamhaidhe
Chunnacas le lèirsinn cloinn dhaoin'
Fhaicinn fo sheachd dathan loinnreach
An cridhe na duibhre sgaoilt'.

Ceann-feadhna nan garg-allt ailbhinn
Ta aibheiseach, ainmig an glòir
Toirt dùbhlan do theanga 's mac-meanmhainn
Chur uile an seanchas air dòigh
Nach gailbheach a chaonnag a' taomadh
Thar amraichean craosach a bheòil
'S braon-chathadh ga dhalladh tighinn dlùth
Air smùid-shoitheach 'Maighdeann a' Cheò'.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good