Search

Alasdair agus an fhàlaire.

Date 1969
Track ID 107273
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1969.109.A2+B1

Original Tape ID

SA1969.109

Summary

Alasdair and the palfrey.

A young man called Alasdair was shipwrecked in Africa. He stayed with a giant who warned him not to go near certain things in the house. Alasdair looked into a kettle he had been warned not to touch and the flesh fell off one side of his face. He stole the giant's mare which told him how to heal his face. He was soon pursued by the giant. Alasdair and the mare put various obstacles in his way. The last one was a big loch. The giant burst as a result of trying to empty it.

Alasdair and the mare came to a town. He left the mare in a field there and found lodgings. The king was living in the town. His daughter fell in love with Alasdair. They were to be married. However, though the mare had asked to go to the wedding, Alasdair forgot to invite her. As this was something which had gone against her, the spell on her was broken. She turned into the king's sister who had been captured by the giant.

Item Notes

The contributor heard this story from his father.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chuala mise mar a siudach a bh' ann triop gille, agus 's ann gu muir a chaidh e. Bha e a' seòladh, agus 's ann san àm a bha sineach a bh' ann cha robh ann ach soithichean seòl co-dhiù.

Agus co-dhiù, chaidh iad a-null gu costa Afraga, no a-null mu na rìoghachdan sin, agus gu dè rinneadh ach am bàta a wreck-adh. Agus cha d' fhuair duine aiste ach e fhèin. Cha b' fhiosrach dha gun d' fhuair duine a chàch air tìr ach e fhèin.

Agus bha an t-àite anns an robh e, 's e àite fiadhaich anns an deach e air tìr. Cha robh... 's e coille a bh' ann. Agus cha robh coltas taigheadas no sìon ann, no duine idir. Ach co-dhiù chuir e seachad an oidhche sin a chaidh e gu tìr, chuir e seachad anns a' choillidh an sin e.

Agus an làrna-mhàireach dh'fhalbh e. Agus bha e a' coiseachd 's a' dol air aghaidh, agus cha robh e a' faicinn taigh no [?tùlach] ann. Ach an seothach feasgar chunnaic e coltas taighe bhuaithe ann an ùrlar glinne a bh' ann. Agus thuirt e ris fhèin gun rachadh e an seo co-dhiù - bha an t-acras air - agus gun tadhladh e an seo co-dhiù feuch gu dè seòrsa àite a bh' ann. Agus ràinig e an taigh, agus bhuail e aig an doras, agus chuala e bhith ag èigheach shuas:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's balgam dhe d' fhuil a mhic an Albannaich. Ach thig a staigh," ars esan, "agus dh'fhaodte gun dèanamaid," ars esan, "gun dèanamaid na b' fheàrr na sin dhut," ars esan.

Agus chaidh an gille a-staigh. Agus 's e Alasdair a bh' air. Agus chaidh e suas, agus bha fuamhaire mòr shuas an sin. Agus:

"Seadh, cò às a thàinig thu?"

Dh'innis e dha mar a dh'èirich dha.

"An-tà," ars esan, "ma thig thu gu còrdadh riumsa," ars esan, "'s ma bhios tu," ars esan, "ma nì thu," ars esan, "mar a dh'iarras mise ort," ars esan, "tha mise a' fàs sean a-nist," ars esan, "agus cha b' fhuilear leam cuideachadh còmhla rium ann a sheo," ars esan. "Agus," ars esan, "faodaidh sinn," ars esan, "faodaidh mi deagh cheann a dhèanamh riut fhathast," ars esan, "agus gum bi thu ceart gu leòr dheth."

Ò thuirt an gille gun dèanadh esan a dhìcheall co-dhiù, nach robh e ach a' wander-adh 's nach robh fhios aige cà robh e a' dol, no gu dè seòrsa àite a bh' ann.

'S ann mar seothach a bha. Nuair a thàinig àm dol a chadal, 's àm suipearach, dh'fhaighneachd am fuamhaire dheth co-dhiù b' fheàrr leis gad de chailleachan marbha no pìos de bhradan fìor-uisge. Agus thuirt Alasdair ris:

"Uill," ars esan, "ge brith gu dè rud a nì mi air a' bhradan fhìor-uisge," ars esan, "cha dèan mi sìon air na cailleachan marbha co-dhiù."

"Uill, ma-thà," ars esan, "ròstaidh tu dhà dhòmhsa," ars esan, "agus ròstaidh tu," ars esan, "pìos de bhradan fìor-uisge dhut fhèin."

Agus rinn Alasdair seo. Fhuair e inneal airson tòiseachadh air an ròstadh a' ghnothaich, 's ròst e na gnothaichean ud, 's chuir e air dòigh e cho math 's a b' urrainn dha co-dhiù. Agus nuair a fhuair am fuamhaire air a bheulaibh air a' bhòrd e an sineach:

"Ah gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ort," ars esan. "'S e Dia fhèin a chuir an rathad thu," ars esan. "Agus ma nì... ma nì thusa," ars esan, "ma bhios tusa," ars esan, "thig thu air mo rèir-sa," ars esan, "bidh sinn ceart gu leòr an seo le chèile," ars esan.

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Ghabh iad an suipear co-dhiù, agus fhuair e... sheall am fuamhaire dha àite anns an caidleadh e. Agus chaidh e a chadal co-dhiù. Agus làrna-mhàireach dh'èirich e seothach, agus rinn e a leithid eile. Ròst e dhà dhe na cailleachan marbha dhàsan agus pìos de bhradan fìor-uisge dha fhèin. Agus bha a bhracaist aige deiseil nuair a dh'èirich am fuamhaire.

"Ò dhuine, dhuine," ars esan, "'s e Dia fhèin," ars esan, "a chuir an rathad thu," ars esan. "'S mise a fhuair an gille," ars esan, "air deireadh," ars esan.

Agus ghabh iad am biadh co-... co-dhiù. Agus nuair a ghabh iad am biadh an seothach, thuirt am fuamhaire ris:

"Nist," ars esan, "tha mise a' falbh an-diugh," ars esan. "Agus," ars esan, "tha... bidh mi," ars esan, "air falbh fad an latha," ars esan, "ach thig mi a-nochd," ars esan. "Agus," ars esan, "air na chunna tu riamh," ars esan, "na teirig a dh'uachdar an taighe," ars esan, "'s na teirig a dh'ìochdar an taighe," ars esan.

Agus bha coire mòr air teine.

"Agus na tog an liod," ars esan, "às a' choire mhòr."

Agus sheall e fhèin anns a' choire mun d' fhalbh e, agus sheall e sìos agus sheall e suas, agus dh'fhàg e slàn aig Alasdair 's dh'fhalbh e.

Uill, bha Alasdair a-nist a-staigh leis fhèin, 's a' doidseadh a-mach timcheall na pàileis a' coimhead air gnothaichean 's air iongnaidhean an àite. Agus am beul na h-oidhche thàinig am fuamhaire.

"A-hà," ars esan, "'s mi bha sona dheth," ars esan, "nuair a thàinig thu nam rathad a-raoir," ars esan. "'S sinne," ars esan, "a bhios ceart an seo fhathast, mi fhìn 's tu fhèin," ars esan.

Agus bha am biadh aig Alasdair deiseil roimhe. Bha na cailleachan marbha aige, agus thug am fuamhaire fhèin dhachaigh gad air a mhuin dhiubh, agus bha feadhainn aigesan air an ròstadh dha agus pìos de bhradan fìor-uisge dha fhèin. Ghabh iad an suipear co-dhiù, agus chaidh iad a chadal.

Agus an làrna-mhàireach an seo nuair a dh'èirich iad thuirt am fuamhaire ris:

"Nist," ars esan, "tha mise," ars esan, "a' falbh an-diugh," ars esan, "agus bheir mi trì latha air falbh," ars esan, "mun tig mi," ars esan. "Ach air na chunna tu riamh agad fhèin," ars esan, "na seall a dh'uachdar an taighe," ars esan, "agus na seall a dh'ìochdar an taighe," ars esan, "agus na tog an liod às a' choire mhòr," ars esan.

Agus:

"Ò cha seall," ars Alasdair, "'s cha tog."

Agus dh'fhalbh am fuamhaire a-nist 's dh'fhàg e e. Bha e mar seo, 's ged a bha e na fhuamhaire fhèin, anns na h-oidhcheannan a bh' ann bha Alasdair ga ionndrainn, nach tàinig e dhachaigh. Ach thàinig e seothach an ceann an treas latha.

"Ha-hà," ars esan, "gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ortsa," ars esan. "'S mise bha lucky," ars esan, "an latha a thàinig thu thugam," ars esan. "Agus bidh sinne... bidh sinn," ars esan, "ceart gu leòr," ars esan, "ma nì thusa," ars esan, "mar a dh'iarras mise ort," ars esan, "bidh sinn ceart gu leòr ann a sheo, 's cha bhi dad a dhìth oirnn."

'S ann mar seothach a bha co-dhiù. Bha iad... fhuair iad an suipear 's chaidh iad a chadal. 'S làrna-mhàireach nuair a dh'èirich iad, thuirt am fuamhaire ris-san:

"Nist," ars esan, "tha mise a' falbh an-diugh," ars esan, "agus bidh mi seachdain air falbh," ars esan. "Ach air na chunna tusa agad fhèin riamh," ars esan, "na coimhead a dh'uachdar an taighe 's na coimhead a dh'ìochdar an taighe," ars esan, "agus na tog an liod às a' choire mhòr."

"Ò cha... cha choimhead," ars Alasdair, "'s cha tog."

Dh'fhalbh am fuamhaire an seo co-dhiù. Ach eadar sin 's feasgar, bha e ag ràdh ris fhèin:

"An Dia, bidh an t-seachdain fada, agus nam faighinn a-nist teicheadh mun tig e agus m' aghaidh a thoir air taobheigin, agus math dh'fhaodte gun... gun na choinneamh a ghabhas mi, ach chan eil fhios a'm, ach meantraigidh mi an rud co-dhiù, agus mum falbh mi togaidh mi... chì mi dè tha sa choire."

Uill, sheall e sa choire. Thog e an liod às a' choire mhòr agus sheall e ann, agus thuit an dàrna taobh dhe na bheil a dh'fheòil air... air an t-... an dàrna taobh dhe aodann. Thuit e dheth. Agus dh'èigh guth shuas:

"Ò cho luath 's a rinn thu riamh," ars ise, "a-nuas an seo thu," ars ise, "ann an ìochdar an taighe."

Agus chaidh e sìos, agus bha fàlairidh shìos an sineach ann a... anns a' cheann shìos aige.

"Thalla a-nist," ars ise, "agus tog leat," ars ise, "an cuman feòil ud agamsa," ars ise, "agus bheir chun nam mucan anns a' cheann eile dhen taigh e," ars ise, "agus bheir a-nuas thugamsa an cuman fliodh a th' acasan," ars ise. "Agus," ars ise, "siud currac agad," ars ise, "agus càirich," ars ise, "mu do cheann e, agus nuair a bhios tu a' dol seachad air a' choire mhòr," ars ise, "seall ann leis an taobh eile," ars ise, "agus cuir an currac," ars ise, "mu do cheann."

'S ann mar seothach a rinn Alasdair co-dhiù. Tharraing e, agus thug e leis an cuman, 's sheall e anns a' choire anns an dol seachad dha. Thuit na bh' air a chraiceann air an taobh eile dheth, thuit e dhan choire. Cha do rinn e ach an currac a chàradh mu a cheann 's a cea-... a cheangal air, 's tharraing e suas, 's bha tòrr mhucan shuas an sin. Agus thug e bhuapa am fliodh a bh' aca 's thug e... chaith e thuca an cuman anns an robh na cnàmhan a bha... agus thug e thuice sìos, thuicese, chun na fàlairidh iad.

"Siuthad a-nist," ars ise, "cho luath 's a rinn thu riamh. Beartaich... beartaich mise," ars ise, "'s faigh deiseil," ars ise. "Tha am fear ud air dìochuimhne a dhèanamh," ars ise, "agus tha e a' tilleadh dhachaigh. Agus," ars ise, "ma bheireas e oirnn le chèile an seo," ars ise, "tha sinn ullamh co-dhiù."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Tharraing e... bheartaich e suas i 's tharraing e a-mach i. Dhùin e leis an doras 's dh'fhalbh e. Leum e anns an dìollaid aicese 's tharraing iad.

Agus bha esan a' tighinn, agus nuair a thàinig e chun an taighe cha robh duine roimhe, agus chunnaic e gun robh a h-uile sìon a bh' ann air falbh 's gun robh a h-uile sìon air atharrachadh. Agus laom e às an dèidh.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud," ars ise, "air tighinn dachaigh a-nist," ars ise, "agus," ars ise, "tha e air... air ar tòir. Tha e a' leantail a-nist," ars ise, "às ar dèidh," ars ise. "Chunnaic e," ars ise, "gun robh a h-uile sìon," ars ise, "air falbh."

Agus chùm... chùm iad romhpa co-dhiù. Cha ruigeadh e leas ise a ghreasad. Bha i a' greasad cho math 's a b' urrainn dhi fhèin, an fhàlairidh. Agus thuirt i ris, nuair a bha e... bha e seothach... bha... thàinig e ann an àite-èigheach dhaibh, agus thòisich an talamh air dol air chrith, fon casan. Agus thuirt ise ris:

"Cuir," ars ise, "làmh," ars ise, "a-staigh nam chluais," ars ise, "agus feuch," ars ise, "am faigh thu ubhal an sin."

Agus dh'fhalbh Alasdair 's dh'fheuch e a-staigh a' chluas aice, agus fhuair e an ubhal.

"Siuthad a-nist," ars ise, "dèan dà leth oirre sin," ars ise, "agus coi-... caith an dàrna leth dhith," ars ise, "far do ghuaille dheas," ars ise, "agus na coimhead às do dhèidh air na chunna tu riamh."

'S ann mar seothach a bha. Rinn esan mar a dh'iarr i. Chaith e às a dèidh i, agus dh'fhàs a' choille ann a shin nach... a b' àirde agus bu dlùithe agus nach robh rathad aig creutair mhàthar faighinn troimhpe, mura faigheadh eun-adhair seachad oirre. Agus thàinig esan thuice.

"Thalla," ars esan, "tha a' chiad chuid a dh'innleachdan bradaig an seo," ars esan, "air a chur ro mo shròin an-diugh," ars esan, "ach 's e mi fhìn bu choireach," ars esan, "nuair a dh'ionnsaich mi a leithid dhi," ars esan.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud air tighinn chun na coille," ars ise.

"Ach," ars esan, "nam biodh," ars esan, "mo thuagh bheag agus mo thuagh mhòr agamsa," ars esan, "cha bhithinn-sa fada," ars esan, "a' dèanamh rathad dhomh fhìn tron choillidh," ars esan. "Agus 's fheàrr dhòmhsa tilleadh dhachaigh," ars esan, "agus am faighinn."

Thill e dhachaigh.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud air tilleadh dhachaigh," ars ise, "agus faodaidh sinn dèanamh air ar socair beagan a-nist," ars ise. "Tha e air tilleadh dhachaigh," ars ise, "a dh'iarraidh na tuagh bheag agus na tuagh mhòr," ars ise, "agus bidh e aig a' choillidh an-ceartuair a-rithist," ars ise, "a' dèanamh rathad."

'S ann mar seothach a bha. Ràinig e an taigh agus thug e leis an dà thuaigh, agus tharraing e. Agus ràinig e a' choille, agus nuair a ràinig e a' choille thòisich e air gearradh rathad tron choillidh. Agus gheàrr e seo rathad tron choillidh, oir 's gum faigheadh e troimhpe. Agus nuair a thàinig e chun an taoibh eile dhen choillidh dh'fhalbh e a' dol a chur am falach an dà thuaigh. Agus thàinig feannag os a chionn agus:

"Gràc, gràc," ars ise, "mas tu a chuireas ann iad cha tu a bheir às iad," ars ise.

"An-tà, chan eil fhios a'm fhìn, a rud bhig ghrànda ghlais," ars esan, "ged nach toireadh tusa às iad," ars esan, "nach innis thu do chuideigin eile," ars esan, "a bheireadh às iad," ars esan. "Agus 's fheàrr dhòmhsa," ars esan, "tilleadh dhachaigh leotha," ars esan, "agus bidh fhios a'm," ars esan, "cà 'm faigh mi iad nuair a bhios mi gan iarraidh."

'S ann mar seothach a rinn e co-dhiù. Thill e dhachaigh, agus dh'fhàg e an dà thuaigh a-staigh, agus tharraing e air an trac cheunda air ais. Agus ràinig e an rathad a rinn e tron choille agus chaidh e tron choillidh, agus laom e às an dèidh-san an uair sin a-rithist.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud," ars ise, "air tighinn tron choillidh a-nist," ars ise, "agus tha e air ar tòir a-rithist," ars ise.

Agus bha... bha iadsan a' cumail romhpa co-dhiù, agus thàinig esan an seothach ann an àite-èigheach dhaibh a-rithist.

"Coma leat co-dhiù, nuair a bheireas mise oirbhse," ars esan, "cha bhi agaibhse ach gigean anns gach goigean, agus cha tusa tha mi a' coireachadh," ars esan, "ach a' bhana-bhuistreach a dh'fhalbh còmhla riut," ars esan. "Ach cha dèan i an còrr," ars esan, "nuair a gheibh mise na mo làmhan a-rithist i."

Agus:

"Nist," ars ise, "faigh deiseil," ars ise, "an leth eile dhen ubhal," ars ise.

Agus fhuair esan deiseil an ubhal. Agus nuair a thòisich an talamh an seo a' dol air chrith fon casan:

"Nist," ars ise, "caith," ars ise, "far do ghuaille cheàrr an triop seo i," ars ise, "agus na seall às do dhèidh air na chunna tu riamh."

Agus rinn Alasdair sin. Cha do rinn e ach a caitheamh far a ghuaille cheàrr, agus cha do... cha do sheall e às a dhèidh no sìon. Agus dh'fhàs an sgalla bu chaise agus a b' àirde agus nach robh rathad aig creutair, mura rachadh eun-adhair fhèin seachad oirre, troimhe. Agus ràinig esan an sgalla.

"Thalla," ars esan. "Seo," ars esan, "an dàrna cuid a dh'innleachdan bradaig," ars esan, "ach 's e mi fhìn bu choireach," ars esan, "nuair a dh'ionnsaich mi a leithid dhi," ars esan. "Tha e an-diugh," ars esan, "ga chur na thacaid ro mo shròin fhìn," ars esan. "Ach," ars esan, "nam biodh mo thu-... mo ghèimhleag bheag agus mo ghèimhleag mhòr agamsa," ars esan, "cha bhithinn-sa fada a' dèanamh rathad tron sgalla seo," ars esan, "agus 's fheàrr dhomh," ars esan, "tilleadh dhachaigh," ars esan, "gan iarraidh."

Uill, thill e dhachaigh an seo a dh'iarraidh na gèimhleag bheag agus na gèimhleag mhòr. Agus ràinig e an taigh 's thug e leis iad, 's dh'fhalbh e air ais, agus ràinig e an sgalla, 's thòisich e air gearradh steapannan anns an sgallaidh leis na gèimhleagan, oir 's mu dheireadh gun d' fhuair e an sgalla a dhìreadh seachad oirre. Agus nuair a dhìrich e seachad air an sgallaidh an seo, thuirt... dh'fhalbh e a' dol a chur am falach an dà ghèimhleig, agus thàinig an fheannag os a chionn agus:

"Gràc, grac," ars ise, "mas tu a chuireas ann iad," ars ise, "cha tu a bheir às iad," ars ise.

"An-tà, chan eil fhios a'm fhìn, a rud bhig ghrànda ghlais," ars esan, "ged nach toireadh tusa às iad," ars esan, "nach innis thu do chuideigin eile," ars esan, "a bheireadh às iad," ars esan. "Agus 's fheàrr dhòmhsa tilleadh leotha," ars esan, "agus bh-... tha... nuair a bhios feum agam orra," ars esan, "bidh fhios a'm cà 'm faigh mi iad."

Agus 's e seo an rud a rinn e.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud air tilleadh dhachaigh," ars ise, "leis an dà ghèimhleig a-rithist," ars ise. "Bidh sinn deagh phìos air aghaidh a-nist," ars ise, "mum faigh... mun tig e faisg oirnn a-rithist. Ach," ars ise, "mura dèan sinn an gnothach air an triop seo," ars ise, "tha droch theansa againn, nas lugha na bheir sinn a-mach baile."

'S ann mar seothach a bha co-dhiù. Ràinig esan an taigh leis na gèimhleagan 's dh'fhàg e a-staigh iad, agus thill e air falbh a-rithist. Agus ràinig e a' choille 's chaidh e troimhpe tron rathad a rinn e 's ràinig e an sgalla, 's dhìrich e na steapannan a rinn e anns an sgallaidh, agus fhuair e chun an taoibh eile dhith. Uill, laom e às an dèidh an uair sin. Agus bha e a' teannadh orra gu math, agus bha iad ga chluinntinn ag èigheach às an dèidh. Agus nuair a thòisich an seothach an talamh ri dol... dol air chrith thuirt ise ris:

"Feuch a-nist," ars ise, "an t-earball agamsa," ars ise, "agus an snàithlean gaoi-... gaoisid," ars ise, "a tha a' fàs... à... à cridhe an earbaill," ars ise, "bheir às e," ars ise.

Agus thòisich Alasdair ri smeurachd an earbaill aice, agus fhuair e an snàithlean... an snàithlean a bha a' fàs ann an... ann an cridhe an earbaill aice, agus thug e... spìon e às e.

"Nist," ars ise, "nuair a bhios e gus a bhith againn," ars ise, "leig air falbh leis a' ghaoith e," ars ise, "far do ghuaille dheas," ars ise.

'S ann mar seothach a bha co-dhiù. Nuair a bha e a' teannadh orra, 's gura gann a sheasadh iad air... air an talamh leis mar a bha e ga chur air chrith, leig Alasdair air falbh an snàithlean gaoisid a bha seothach. Agus dh'fhàs an uair sin locha bu leatha agus bu doimhne agus nach robh rathad aig creu-... sìon air tighinn troimhe, nas lugha na thigeadh bàta tarsainn air, no eun-adhair seachad air. Agus ràinig e an locha.

"Ha-hà," ars esan, "seothach, ars esan, "a' chuid mu dheireadh a dh'innleachdan bradaig," ars esan. "Ach bha mise latha dhe mo lathaichean," ars esan, "ach nam biodh mo shluasaid bheag," ars esan, "agus mo shluasaid mhòr agamsa," ars esan, "cha bhithinn-sa fada a' taomadh seo," ars esan. "Ach," ars esan, "bha mise latha dhe mo lathaichean," ars esan, "a thaomainn an locha sa le trì srùbagan."

Agus:

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud air tighinn chun an locha," ars ise, "'s mura dèan sinn an gnothach an-dràsta air," ars ise, "mura dèan seo an gnothach air," ars ise, "'s... no mura toir sinn a-mach baile," ars ise, "tha sinn caillte co-dhiù."

'S ann mar seothach a bha co-dhiù. Agus:

"Ach," ars esan, "chan eil fhios a'm," ars esan, "an latha dha bheil mi an-diugh," ars esan, "nach rachainn glè fhaisg air," ars esan.

Agus dh'fhalbh e agus thàinig e chun an locha, agus chuir e òrdagan an ceannaibh a leas, agus thòisich e air gorradaich agus thug e a' chiad srùbag às an locha, agus chuir e a-mach air a chùlaibh e, agus bha an ath locha an sin. Agus chaidh e seo agus thug e às an dàrna tè.

"Uill," ars esan, "nan toirinn an treas tè às beagan na b' fheàrr," ars esan, "chuirinn gu àite-grunnachaidh e."

Agus chuir e a-mach an dàrna srùbag air a chùlaibh, agus chaidh e ann a... [???] e ris an treas tè a tharraing. Agus tharraing e i 's tharraing e tuilleadh 's a' chòir, agus spreadh e.

"Thalla," ars ise, "tha am fear ud air spreadhadh," ars ise. "Faodaidh tu," ars ise, "gabhail air do shocair a-nist," ars ise. "Cha chuir e an còrr dragh oirnne tuilleadh."

Agus cha do... cha robh iad an uair sin ach a' coiseachd. Bha esan air muin na fàlairidh, 's bha... bha i a' coiseachd air a socair, 's... agus ann am beul dorcha na h-oidhche an seothach nochd iad ri baile. Agus thuirt ise ris, nuair a ràinig iad am baile:

"Nist," ars ise...

Thàinig iad faisg air... fhuair iad pàirc ann a shin mun deach iad a-staigh dhan bhaile, agus thuirt i ris:

"Nist," ars ise, "fàgaidh tu mise ann a sheo," ars ise, "agus thèid thusa," ars ise, "agus gheibh thu àite," ars ise, "anns a' bhaile," ars ise, "an cuir thu seachad an oidhche," ars ise. "Agus," ars ise, "cuimhnich," ars ise, "thig," ars ise, "gam choimhead an seo a h-uile feasgar," ars ise.

Uill, thuirt Alasdair rithe gun dèanadh e sin, agus dh'fhàg e anns a' phàirc i, 's dh'fhalbh e fhèin 's fhuair e àite, taigh beag a bha sineach a bha an iomall a' bhaile. Chaidh e ann agus fhuair e àite-fuirich ann a shin. Agus an làrna-mhàireach an seothach, feasgar, chaidh e sìos, agus:

"Siuthad a-nist," ars ise, "cuir cuairt," ars ise, "timcheall a' bhaile," ars ise.

Agus rinn e sin. Chaidh e anns an dìollaid, 's chuir e air dòigh ise, 's dh'fhalbh iad. 'S chaidh iad cuairt agus mar a chaidh iad gach àite, bha rìgh ann a shineach agus... anns a' bhaile a bh' ann, agus bha nighean òg ann, aig an rìgh. Cha chuala mi gun robh ann ach i fhèin. Ach co-dhiù, chunnaic i am marcaiche a bha seo, agus ghabh i nòisean mòr dhen duine.

Agus co-dhiù seothach fhuair i... fhuair i ann an contact ris. Agus a h-uile h-oidhche co-dhiù bhiodh Alasdair a' gabhail raighd leis an fhàlairidh, bhiodh e... nighean an rìgh a' tachairt ris. Ach 's ann mu dheireadh... 's ann a thàinig an gnothach an seo mu dheireadh gur ann a dh'fheumadh e a pòsadh. Agus thuirt an fhà-... thuirt an fhàlairidh ris an seo, thuirt i:

"Nist," ars ise, "bidh nighean an rìgh," ars ise, "tha i a-mach," ars ise, "airson do phòsadh," ars ise, "agus pòsaidh i thu cuideachd," ars ise, "agus pòs i cuideachd," ars ise. "Agus cuimhnich," ars ise, "air na chunna tu riamh," ars ise, "nach fhàg thu mise," ars ise, "gun fiathachadh a thoirt dhomh chun na bainnse."

"Ò gu dearbh, gu dearbh," ars Alasdair, "chan fhàg agus 's ann... chan ann dhomh bu chòir," ars esan.

Ach 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Bha iad a' dol air aghaidh mar sin, 's bha gnothaichean na bainnse ga chur air aghaidh, 's iad a' dol a phòsadh. Agus bha nigh-... bha an rìgh a' toirt dhi a leithid seothach a dh'àite dhen stàid airson... airson, air a nighean. Cha robh aige ach an aon tè co-dhiù. Agus bha e a' toirt dhi a leithid seothach dhen stàid dhi fhèin.

Agus co-dhiù seothach thàinig latha na bainnse. Agus chruinnicheadh mòran dhen ri-... dhen rìoghachd a bha sineach chun na bainnse agus banais nighean an rìgh agus an duine a bh' ann a sheothach. Agus phòs co-dhiù Alasdair. Agus 's ann an dèis... an làrna-mhàireach an dèis na bainnse 's ann a chuimhnich Alasdair air an fhàlairidh, nach tug e fiathachadh dhan fhàlairidh mar a dh'iarr i air.

Agus dh'fhalbh e. Sgioblaich e e fhèin sa mhionaid 's dh'fhalbh e, 's ràinig e a' phàirc 's cha robh sgeul oirre. Uill, far am biodh i aige daonnan shuidh e ann a shin agus thòisich e ri caoineadh. Agus bha e a' caoineadh ann a shin, agus a chridhe gus a bhith briste air sàillibh mar a rinn e. Agus thàinig seòrsa de norradaich cadail air 's e air toirt fairis a' rànaich ann a shineach, agus chuala e gàire air a chùlaibh, agus sheall e, agus bha am boireannach a bha sin na seasamh air a chùlaibh.

"Dè tha ceàrr ort?" ars ise.

"Ò," ars esan, "'s coma sin dè tha ceàrr orm," ars esan. "Chan eil e gu feum... reusan dhòmhsa a bhith ag innse a dhuine sam bith gu dè rud a tha ceàrr orm. Tha e ceàrr," ars esan, "air sàillibh mo ghòraiche fhìn," ars esan.

Agus:

"Dè," ars ise, "a dh'èirich dhut?"

Uill, dh'innis e dhi mar a dh'èirich dha.

"Uill," ars ise, "èirich thusa, ghille mhath," ars ise. "Agus 's mise am boireannach," ars ise, "agus rinn thu glè mhath," ars ise. "Tha mise fo gh-... tha mise clìoras na geasaibh a-nist," ars ise, "'s tha mi mar a bha mi riamh," ars ise, "agus thugainn thusa," ars ise, "còmhla riumsa."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Dh'fhalbh Alasdair, e fhèin 's i fhèin, air achlais aig a chèile, 's ghabh iad suas am baile an sin. Agus ràinig iad, agus rinn iad dìreach air taigh an rìgh. Agus bha ise pailt cho eòlach ann agus a bha Alasdair fhèin, mura robh na b' eòlaiche.

Agus bha iad aig pàileas an rìgh agus thug cuideigin an aire dha... dhaibh tro uinneig, agus leigeadh an èigh gun robh Alasdair a-nuas an seo agus tè eile còmhla ris. Agus thàinig an rìgh, thàinig e a-mach dhan doras. Agus:

"Nach eil thu Dhia mhòr gam fhaicinn," ars esan, "an dèidh dhomh," ars esan, "a leithid seo dhen rìoghachd a thoirt seachad," ars esan, "nuair," ars esan, "tha tè eile aige an-diugh," ars esan.

Agus bha e a' studaigeadh agus e na sheasamh anns an doras agus e a' sìor choimhead orra tighinn 's iad a' tighinn a-nuas chun an taighe. Ach a-mach a ghabh e seothach ann am bonnaibh nan cas nan coinneamh, agus ghabhabh mu amhaich a' bhoireannaich a bha còmhla riutha. Agus cò bha seothach ach piuthar dhan rìgh a chaidh a ghoid o chionn bhliadhnachan air ais, 's nach robh fhios co-dhiù bha i beò no marbh, no cà 'n deachaidh i, 's nach d' fhuaradh sgeul riamh oirre. Agus thugadh an uair sin a-staigh i, agus ma bha banais aca reimhid 's ann a rinneadh a' bhanais an-dràsta, nuair a thàinig Alasdair agus a ph-... piuthar an rìgh aige.

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

Agus fhuair mise mi fhìn cuireadh chun na bainnse, ach cha do dh'fhan mi idir aice. Bha an t-astar tuilleadh 's fada agam airson faighinn dhachaigh, agus smaointich mi gum bithinn a' falbh, ach chan fhaca... cha deach mi rathad pàileas an fhuamhaire co-dhiù. Agus thàinig mise dhachaigh. Agus sin mar a chuala mise mar a dh'èirich dhan ghille sin. Agus bha e ceart gu leòr tuilleadh.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Glè mhath. Agus 's e piuthar an rìgh, 's i an fhàlairidh, an i?

DA: 'S i an fhàlairidh, 's bha i air a cur fo gheasaibh aigesan.

AI: Aig an fhuamhaire.

DA: Aig an fhuamhaire.

AI: Ò seadh.

DA: Bha.

AI: Agus dè a-nist bu choireach gun do thogadh na geasaibh dhith?

DA: A chionn 's, bha... feumaidh gur e siud na geasaibh a bh' oirre gus am faigheadh... gus an tachradh siud dhi, no rud...

AI: Nam biodh Alasdair air a fiathachadh chun na bainnse cha bhiodh na geasaibh idir air a thogail dhith?

DA: Cha bhitheadh. Cha bhitheadh. Cha tigeadh na geasaibh dhith idir.

AI: Ò seadh.

DA: Ach siud an dòigh anns an tàinig na geasaibh dhith, rudeigin a chaidh na h-aghaidh, fhios agad, mar siud, mar a chaidh nan aghaidh a thaobh Alasdair nach do dh'fhiathaich e chun na bainnse i.

AI: Seadh dìreach.

DA: Sin an dòigh anns an robh i... an dòigh anns am faigheadh i clìoras na geasaibh.

AI: Agus cò aige a-nist a chuala sibh i sin?

DA: Ò chuala mi aig an fhear a chuala mi a h-uile gin aca, aig m' athair.

AI: Aig ur n-athair a-rithist.

DA: Seadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good