Search

An t-seann lampa dhubh.

Date 1969
Track ID 107306
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1969.119.A1

Original Tape ID

SA1969.119

Summary

The old black lamp.

A woman had one son. He met a man who told him he was his uncle. The boy's mother told him he had no uncle. He went to meet the man the next day. The man sent him down into a cave to get a lamp, and when he never came out he closed the entrance. The lamp talked to him and asked him what he wanted. He asked to be back above ground. He found himself back on a hill with the lamp and a ring which he had also taken.

The lamp gave him every wish. He asked for a beautiful house, amongst other things. He became wealthy and married a duke's daughter.

One day a man came collecting old lamps, exchanging each one for two new ones. The boy's wife, in her innocence, gave the magic lamp away. When he got the lamp, the man asked for the husband, who was not at home, to be sent to a barren place. He also asked for the house to fall down, and anything done by the lamp to be undone.

The boy suddenly found himself on a strange island. He found a stone which did his bidding and asked it to bring the lamp and the thief to him. He got back home and got the lamp make an even better house, and he and his wife went back to live there.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT561

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Bha siud ann ma-thà boireannach agus bha aona mhac aice. Cha chuala mi gun robh athair beò idir no sìon mu dheidhinn. Agus bhiodh an gille, bha e air fàs na chnapach mòr suas agus bhiodh e a' gabhail cuairtean a-mach. Agus bha e siud latha a-muigh agus thachair fear ris agus dh'fhaighneachd an duine seo dha cò às a bha e, 's dh'innis e cò bu leis e. Agus:

"An-tà," ars esan, "thig thu," ars esan, "thig," ars esan, "a-màireach," ars esan, "a-mach," ars esan, "agus tachraidh mi riut ann a sheo," ars esan. "Agus canaidh tu rid mhàthair," ars esan, "gum faca... gum faca thu bràthair a... bràthair do mhàthar an-diugh," ars esan.

Agus dh'fhalbh an gille co-dhiù 's dhealaich e ris agus chaidh e dhachaigh, 's dh'innis e dha a mhàthair an seo nuair a chaidh e dhachaigh gum faca e fear a thachair ris agus gun tuirt e ris gur e bràthair a mhàthar a bh' ann.

"Ò," ars ise, "chan e bràthair do mhàthar a bh' ann co-dhiù," ars ise. "Chan eil bràthair-màthar agad," ars ise.

"Ò chan eil fhios agamsa," ars an gille, ars esan, "ach siud a thuirt e riumsa, a chantail rim mhàthair," ars esan, "gum faca mi bràthair mo mhàthar an-diugh," ars esan.

"Ò," ars ise, "ge bith cò chunna tu," ars ise, "chan fhaca tu bràthair do mhàthar," ars ise.

"Ach," ars esan, "tha agam," ars esan, "ri fhaicinn a-màireach," ars esan.

'S ann mar seothach a bha co-dhiù. Làrna-mhàireach dh'fhalbh an gille. Agus chaidh e a-mach agus bha... 'S e car de dh'àite fàsach a bh' ann far an robh e. Agus thachair esan ris. Agus:

"Seadh," ars esan, "tha thu air tighinn an-diugh."

"Tha," ars an gille.

"Seadh," ars esan, "dè thuirt do mhàthair riut," ars esan, "nuair a dh'innis thu gum faca thu bràthair do mhàthar?"

"Thuirt e... thuirt i," ars esan, "nach robh bràthair-màthar agam," ars esan.

"Ò," ars esan, "tha brà-... 'S e do bhràthair-sa... a bràthair-se a th' ann," ars esan.

"Ò chan eil fhios agamsa," ars an gille, ars esan, "ach bha i ag ràdh riumsa nach robh bràthair-màthar agam," ars esan. Agus:

"Ma-thà, thugainn... thugainn mar seo," ars esan.

'S dh'fhalbh iad 's... Agus chùm iad pìos romhpa agus chaidh esan a-null gu tom de luachair a bh' ann agus thog e i. Agus bha àite sìos an sineach. Agus thuirt e ris a' ghille.

"Seall," ars esan, "an t-àite a tha shìos an sin," ars esan.

"Tha," ars an gille.

Agus bha steapannan a' cromadh sìos ann. Chaidh an gille sì-... Thuirt e ris a' ghille:

"Thalla," ars esan, "agus a bheil thu a' faicinn na lampa ud," ars esan, "thall," ars esan, "air an stob a tha siud?" ars esan.

"Tha," ars an gille.

"Thalla," ars esan, "sìos," ars esan, "agus bheir thugam an lampa."

Agus dh'fhalbh e sìos agus bha e a' coimhead air feadh an àite 's leithid a dh'iongnadh aige de ghnothaichean a bha crochte thall 's a-bhos an sineach 's... Agus chunnaic e an seo fàinne air stob a bh' ann agus thog e leis am fàinne. Thog e am fàinne agus thug e leis e. Agus dh'èigh esan an seothach dha:

"Bheil thu a' tighinn?" ars esan.

"Tha," ars an gille, ars esan. "Tha mi a' falbh an-ceartuair," ars esan. Agus:

"Siuthad ma-thà," ars esan, "greas ort," ars esan.

Agus bha an gille co-dhiù, fhuair e grèim an seothach air an lampaidh, 's bha i aige. Agus bha e a' coimhead thuige 's bhuaithe timcheall agus a leithid a dh'iongnadh aige 's sannt aige air mòran dhe na bha e a' faicinn ann. Agus dh'èigh esan an seothach a-rithist dha a bheil e a' tighinn.

"Ò tha," ars an gille, "tha mi dìreach," ars esan, "a' dol a dh'fhalbh."

Agus cha do dh'fhan an g-... cha d' fhalbh an gille anns an t-seasamh bonn ach...

"Uill," ars esan, "falbh no tighinn," ars esan, "bidh ann a shin fhèin," ars esan.

'S dhùineadh an toll.

Uill, bha an t-àite a' dol san dorcha. Cha robh e a' faicinn paoise de... càit an robh e idir. Ach co-dhiù seothach bha e ag obair feuch am f-... feuch an amaiseadh e air na steapannan, 's feuch am faigheadh e dìreadh suas gu bàrr an rud. Cha robh e ag amas orra co-dhiù ach seothach dh'fhalbh e 's thuit e agus thug an lampa... thug e sgrìob dhan lampa 's i aige na làimh air àite cruaidh a bh' ann. Agus:

"Ò dud, dud, dud," ars ise, "na sgrìob cho cruaidh siud idir," ars ise. "Dè dhìth... Mise," ars ise, "do sheirbh-... sheirbheiseach," ars ise, "gu dè tha dhìth ort an-dràsta, a dheagh mhaighstir?" ars ise.

"Tha dhìth orm," ars esan, "a bhith... a bhith air talamh glas," ars esan, "às a seo," ars esan.

Agus ann am priobadh na sùl bha... bha e air a' chnoc gu h-àrd. Agus dh'fhalbh e an uair sin nuair a fhuair e chun a' chnuic. Dh'fhalbh e agus bha am fàinne 's an lampa aige. Chan fhaca e sgeul air an fhear a chuir sìos e. Dh'fhalbh e 's tharraing e air an taigh. Agus 's e a' chiad rud a dh'òrdaich e bhon lampaidh 's e deagh bhiadh. Agus bha sin air a' bhòrd. Dìreach ann am blinceadh na sùl bha sineach aca air a' bhòrd, biadh cho math 's a b' urrainn dhaibh iarraidh dhen a h-uile seòrsa. Agus ghabh e fhèin 's a mhàthair a bhiadh. Agus nuair a ghabh e a bhiadh an sineach bha e an uair sin... thug e... rug e air an lampa 's thug e an ath sgrìob oirre ris a' bhalla.

"Seadh, seadh," ars ise, "dè tha dhìth ort an-dràsta?" ars ise.

"Tha dhìth orm," ars esan, "taigh," ars esan, "a bhith thall," ars esan, "air a' ghnoban sin thall," ars esan, "nach dèanadh," ars esan, "pàileis," ars esan, "an duin'-uasail a tha sineach," ars esan, - bha tighearn air an cùlaibh - "nach dèanadh e," ars esan, "bothan chearc dha."

Agus latha... dìreach ann am priobadh na sùl bha an caisteal a bha sineach air a thogail. Bha daoine a bha timcheall a' tighinn a-mach 's a' coimhead air an taigh. Dè mar a thàinig an taigh an siud? Co-dhiù seothach bha e an uair sin agus chuir e e fhèin 's a mhàthair dhan taigh. Làrna-mhàireach chaidh iad dhan taigh. 'S bha taigh àlainn aca ann a shin.

Bha nighean aig a... aig an diùc a bha seo. Agus bha... thòisich e an uair sin... dh'fhàs e na dhuine mòr suas, 's bha... thòisich e ri dol a choimhead air an nighinn a bha seo. Agus bhiodh e a' toirt dhi presents uabhasach agus... de... dhen a h-uile seòrsa. Agus [???] ghabh an diùc, ghabh e nòisean mòr dhen duine. Agus co-dhiù seothach nuair a thàinig e gu ìre pòsaidh phòs e fhèin agus nighean an diùc a bha seo. Agus bha a-nist bha a mhàthair còmhla riutha agus bha e fhèin... bha e fhèin 's a bhean anns an taigh a bha seothach. Agus bha esan, bhiodh e air falbh cuairtean an siud 's an seo. Agus an latha a bha seothach co-dhiù thàinig fear mu chuairt an àite agus e ag iarraidh seann lampachan, agus gun toireadh e seachad dà lampa ùr airson seann lampa. Bha an lampa dhubh a fhuair esan bha i crochte a-staigh. Agus smaointich a bhean agus nach robh i ach a' cur mì-shealladh, nach robh innte ach lampa dhubh ghrànda, nach robh i ach a' cur mì-shealladh air a' phàileis a bh' ann. Smaointich i gun toireadh i dha an lampa 's gum faigheadh i a dhà ùr air a son. 'S e seo an rud a rinn i. Agus bha esan air falbh. Cha robh e a-staigh. Agus thug i an lampa dhubh seachad agus fhuair i dà lampa ùr air a son.

Agus nuair a fhuair e an lampa seothach chaidh esan a chur... òrdachadh a leithid seo a dh'àite aig an fhear a fhuair an lampa, agus gun chlach a bhith air muin cloiche dhen taigh no sìon eile dhe na rinn i. Agus thachair sin agus bha esan a-nist anns an àite fhàsach a bha seo. Cha robh fhios aige o Dhia gu dè minigeadh. Ach co-dhiù seothach bha e a' dol mu chuairt an sin 's cha robh fhios aige dè mar a bha e a' faighinn às. 'S ann an eilean iomallach air choreigin a bha e. Chan eil cuimhn' agamsa an-diugh dè an t-ainm a bh' air an eilean ach bha ainm air. Agus bha e a' dol mu chuairt an sineach anns an eilean. Agus ah, cha robh fhios aige dè rud a dhèanadh e.

Uill, cha do rinn a bhean ach chaidh i... Chaidh iad dhan t-seann taigh i fhèin 's a mà-... a mhàthair. Agus cha robh sgeul airsan 's cha robh fhios aca dè dh'èirich dhàsan, no cà robh e. Cha do rinn e ach falbh cuairt a-mach 's cha do thill e. Ach co-dhiù seothach bha... bha an oidhche ann agus bha e ann an àite car sgrabach air choreigin. Agus shleamhnaich e ris an àite bh' ann agus thug a làmh sgrìob sìos ris a' chloich, agus gu dè rinn a' chlach ach breith air an fhàinne aige. Agus:

"Seadh, seadh," ars esan. "Mise," ars esan, "do sheirbheiseach," ars esan. "Gu dè tha dhìth ort," ars esan, "a dheagh mhaighstir?" ars esan.

"Tha dhìth orm," ars esan, "an t-seann lampa," ars esan, "a bhith ann a sheothach," ars esan, "anns a' mhionaid," ars esan. "Agus tha dhìth orm," ars esan, "am fear a chuir mise an seo," ars esan, "e a bhith ann an comhair a chinn ann am barailte tearra 's gun am bàrr ach òrdag an dà choise dheth," ars esan.

Agus thòisich teine-adhair 's thòisich tàirneanaich, 's thòisich ùpraid anns an iarmailt. Agus eadar a h-uile h-ùpraid a bh' ann an dèidh na h-ùpraid thàinig an lampa agus chroch i i fhèin air a chorraig. Agus:

"Seadh, seadh a-nist," ars ise, "Gu dè a-nist tha dhìth ort?" ars ise.

"Tha dhìth orm," ars esan, "a bhith aig mo dhachaigh fhìn," ars esan.

Uill, dh'fhalbh e. Cha robh fhios aige co-dhiù... gu dè an dòigh... cha robh e a' faicinn talamh no àite eile. Ach bha e a' tighinn seachad air àite agus shaoil leis gum faca e fear agus gun am bàrr ach an dà chois dheth ann am barailte... chasan... òrdagan a chasan am bàrr anns a bharailte. Agus chùm e air chun an taighe. Agus nuair a ràinig e cha robh tul-... tom no tulach roimhe. Agus làrna-mhàireach an seothach thug e sgrìob air an lampaidh. Agus dh'fhaigh-... dh'fhaighneachd i dha gu dè a-nist a bha dhìth air. Agus bha dhìth air an-dràsta taigh a tha... a bhith aige nach dèanadh an taigh a bh' ann reimhid paidse air. Agus bha siud aige. Agus chaidh e fhèin 's a bhean an uair sin dhan taigh.

Agus chan eil fhios agamsa gun do chùm e an lampa riamh tuilleadh ach cha chuala mise gu dè an ceann-crìch a-chaoidh. Ach bha e toilichte tuilleadh anns an taigh agus cha deach an taigh a chur sìos. Ach cha do... cha do dhealaich e ris an lampa chan eil mi a' smaointinn. Sin mar a chuala mise i.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Agus cò aig a chuala sibh seo?

DA: Chuala aig m' athair. 'S ann aige a chuala mi i.

AI: Agus an robh e ag innse seo tric?

DA: Uill, bhitheadh uaireannan. Bhitheadh.

AI: Agus a bheil sibh a' smaoineachadh gun robh barrachd... a bheil sibh... tha sibh a' smaoineachadh gun do rinn sibh dìochuimhne...

DA: Ah chan eil mi a' smaointinn gun do rinn mi dìochuimhne. Chan eil fhios a'm... chan eil mi a' smaointinn gun do rinn, gun do rinn mi dìochuimhne idir, ach tha siud an ceann-crìch a bh' aige, nuair a thill e à siud a-rithist.

AI: Agus cha chuala sibh seo aig duine sam bith a bharrachd?

DA: Ah cha chuala riamh. Cha chuala. Cha chuala mise riamh i ach aige fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good