Search

Mar a fhuair an seann saighdear oighreachd an tighearna.

Date 1970
Track ID 107389
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1970.207.B5+208.A1

Original Tape ID

SA1970.207

Summary

How the old soldier inherited the laird's estate.

A former soldier came to town and an old couple let him stay with them. The old man killed his cow for meat. The laird had a fine bullock in a nearby field. The soldier killed it and stored the meat in barrels.

After seeking counsel, the laird put his foster-mother in a kist and left it a night in every house so she could eavesdrop. He said the kist contained damp clothing and was to be left by the fire. When it came to the soldier's lodgings, he looked inside and made the woman choke on a piece of cheese she was eating. He exhumed her corpse three times after her funeral, and left it in the laird's stable.

The laird sent for the soldier to ask what she wanted. He charged a fee each time. The first time (after answering his own questions) he claimed that she said she wanted all that was rightfully hers, and a better funeral. The next time she wanted her grey mare. By the third time, the laird could take no more and fled in a gig. The soldier tied the corpse to the grey mare and sent them after him. They all ended up in the river and the laird drowned. He had no family and, as the soldier's last fee was not paid, he demanded the laird's estate in lieu, and he and the old couple moved into the big house.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chuala mise mar a bha siudach mar a bha, seann saighdear a bh' ann. Agus bha e clìoras an t-arm a-nist - bha e air an ùine a thoirt ann. Agus cha robh dachaigh aige, agus cha robh e... cha bhiodh e ach a' falbh o àite gu àite.

Ach an triop a bh' ann a sheo thàinig e gu ruige baile a bha seothach. Agus bha taigh beag iomallach anns a' bhaile sin de bhothan, agus chaidh e thuige, agus cha robh a' fuireach ann ach bodach 's cailleach. Agus dh'fhaighneachd e dhaibh am faigheadh e fuireach treis ann, agus thu-... thuirt iad ris gum faigheadh.

Uill, bha e a' fuireach a-nist ann a sheothach, agus bhiodh e [?a' giutharnadh] còmhla ris a' bhodach. Bha aon mhart aca. Agus bhiodh e [?a' giutharnadh] còmhla ris a' bhodach ri obair a bhiodh iad a' dèanamh, agus bha e a' dol mu chuairt. Bhiodh e a' siubhal a' bhaile uaireannan fad an latha a' coimhead thuige 's bhuaithe. Agus bha a' bhò an seothach air fàs cho sean agus chan fhaigheadh iad margadh dhi. Agus 's e rud an rinn iad, mharbh iad a' bhò. Agus cha robh... cha robh i ann an òrdugh fuathasach math; cha robh i ach... ach righinn. Agus bha esan latha air falbh agus thàinig e dhachaigh, agus dh'fhaighneachd e dhan bhodach:

"Cò leis," ars esan, "an damh bàn snog," ars esan, "a tha siud," ars esan, "ann am pàirc," ars esan, "anns a' bhaile?"

"Tha," ars am bodach, ars esan, "leis an tighearna. 'S ann leis a tha na beothaichean a tha sin," ars esan.

"Ò uill," ars esan, "'s ann... 's ann ann a tha am beothach," ars esan. "Nach e," ars esan, "a chuireadh an t-seann bhò gu feum nam biodh e againn," ars esan.

"Ò uill, 's iochd an nàire dhut," ars am bodach, ars esan. "Na tèid," ars esan, "an comhair sìon dheth sin," ars esan, "no," ars esan, "tha do shaoghal air a dhìoladh," ars esan.

Cha tuirt e dad ris a' bhodach co-dhiù. Ach co-dhiù nuair a chaidh iad a chadal an oidhche sin, dh'èirich an saighdear agus dh'fhalbh e, agus thug e an damh bàn às a' phàirc. Agus mun do dh'èirich duine sa bhaile, no mun do ghluais sìon ann, bha a h-uile sìon aige. Bha an damh aige air a mharbhadh 's bha e aige air a chur ann... air a shailleadh ann am barailte, agus bha a h-uile sìon air a chosnadh 's a h-uile sìon air a... air a thiodhlacadh aige, oir 's nach aithnicheadh duine... chan aithnicheadh duine gun deach sìon tachairt riamh ann.

Agus dh'èirich an seothach am bodach, agus cha do leig e sìon air co-dhiù. Ach nuair a bha a' chailleach a' cur air an seothach, bean an taighe a' cur air pìos dhen fheòil, dhen bhoin, thuirt an saighdear rithe:

"Feuch," ars esan, "am barailte eile a tha sin," ars esan, "agus cuir pìos dhe na bheil ann," ars esan, "còmhla rithe."

"Dè," ars a' chailleach, "a th' ann?"

"Siuthad thusa," ars esan. "Cuir thusa ann e," ars esan. "Cuiridh e blas... barrachd blais," ars esan, "air... air feòil na bà."

Agus:

"Ò cha tiochd Dia dhut," ars am bodach, ars esan, "dè... dè rinn thu?" ars esan.

Chaidh am bodach a-mach co-dhiù, 's bha an damh bàn air a shailleadh aig... aig an t-saighdear gun fhiosta dhaibh. Agus chuireadh air pìos dheth co-dhiù còmhla ris an fheòil. Agus nuair a ghabh iad an seothach an dinnear... a thòisich iad air an dinnear.

"Ò dhuine, dhuine," ars esan, ars... ars an saighdear, ars esan, "nach math a chuireas an damh bàn," ars esan, "an t-seann bhò gu fheum," ars esan.

Agus:

"Ò 's iochd an nàire dhut," ars esan ris-san, "na cluinneadh Crìosdaidh sin agad," ars esan, "no bidh sinne," ars esan, "air ar fuadach às a seo buileach," ars esan.

Ach cha robh turas co-dhiù a bhruichte an fheòil nach robh an saighdear ris an iorram a bha seo.

Ach mhiss-adh an seothach an damh bàn. Mhiss an tighearna e, no am fear a bha a' coimhead às dèidh nam beothaichean. Cha robh fhios o Dhia. Shiùbhladh gach àite feuch an e falbh às a' phàirc a rinn e, no gun deach e an àite sam bith, no an deach e an dìg no an àiteigin 's gun robh... Cha d' fhuaradh sgeul air an damh bhàn.

Ach chaidh an tighearna an seo gu fear-comhairle a bha san àite. Bhiodh e a' toirt comhairleachan air daoine. Bha e na dhuine glic. Agus bha cailleach a' fuireach còmhla ris an tighearna, a mhuime, agus bha i air fàs sean. Agus chaidh esan far an robh am fear-comhairle a bha seothach, agus dh'innis e dha mar a thachair, mar a dh'fhalbh an damh, 's nach robh sgeul air, 's gum feumadh gur e cuideigin a thug air falbh e no a chuir crìoch air choreigin air, 's nach robh e ri fhaighinn, 's nach robh fhios aige o Dhia gu dè mar a gheibheadh e a-mach gu dè mar a... dè dh'èirich dha, no cò... cò thug air falbh e. Agus:

"An-tà," arsa... "innsidh mise dhut," ars am fear seo, ars esan, "dè rud a nì thu. Dèan thusa," ars esan, "giùirnealair mòr," ars esan, "mar gum biodh ciste mhòr anns am biodh aodaichean agad," ars esan. "Agus," ars esan, "cuiridh tu do mhuime innte," ars esan, "agus bheir thu dhi biadh," ars esan, "a bhios aice ann fhad 's a bhios i ann," ars esan. "Agus cuir," ars esan, "o thaigh gu taigh i," ars esan, "agus can gur e aodaichean a tha thu airson a chumail goirid dhan teine, a thàinig dampachd orra. Agus cuir o thaigh gu taigh mar seothach e, agus cluinnidh ise," ars ise [sic], "gu dè bhios a' dol san taigh."

Agus 's ann mar seothach a bha. Rinneadh an giùirnealair a bha seo agus chuireadh àiteachan ann airson na caillich, gu 'm biodh i cofhurtail ann, 's chuireadh àite... gnothach airson biadh, far am biodh i a' cumail biadh, airson gun gabhadh i biadh fad na h-oidhche co-dhiù, ged nach biodh i na cadal.

Uill, bhathar ga cur mu chuairt nan taighean, 's mar a thàinig i gach àite thàinig i a thaigh a' bhodaich a bha seo, far an robh an saighdear. Agus bha an saighdear a-nist, bha e an oidhche siud co-dhiù 's bha, mar a b' àbhaist nuair a bha am biadh ullamh an seothach:

"Ò uill, uill," ars an saighdear, ars esan, "nach... nach e an damh bàn an tighearna a chuireas... a chuireas an t-seann bhò gu feum," ars esan.

"Ò," ars esan, "'s iochd an nàire dhut," ars esan, ars am bodach, ars esan, "dè rud... na bi a' bruidhinn air a leithid sineach idir," ars esan.

Thug e seo sùil bhuaithe 's chunnaic e an giùirnealair a bha siud.

"Dè," ars esan, "an t-arm a tha sibh air fhaighinn thall an sin?" ars esan.

"Ò chan eil," arsa... ars a' chailleach, ars ise, "ach aodaichean a tha dampachd fuarachadh," ars ise, "a th' aig... th' aig an tighearna," ars ise, "agus," ars ise, "chuir e... chuir e... tha e," ars ise, "ga chur gu ruige taighean mar seo," ars ise, "airson a chumail goirid dhan teine far am faigh e tiormachadh 's blàths."

Agus:

"Ah," ars an saighdear, ars esan, "chì sinn," ars esan, "gu dè rud a th' ann."

Agus:

"Ò," ars a' chailleach, ars ise, "na teirig na chomhair."

"Thèid mi na chomhair," ars esan. "[?mura bi fios a'm] gu dè rud a th' ann an toiseach," ars esan, "de rud a th' ann."

Dh'fhosgail... ghabh e a-null thuige 's dh'fhosgail e... ge bith co-dhiù bha e glaiste 's gus nach robh, cha... cha chuala mise e, ach dh'fhosgail e an giùirnealair co-dhiù, agus bha a' chailleach dìreach anns an àm agus i ag obair air ithe càise, agus slis chàise aice na dòrn agus i dìreach a' dol ga chur na beul.

"Tha thu ann a shin," ars an saighdear.

"Tha," ars a' chailleach.

Rug e dìreach air dhòrn na caillich 's dhinneadh an t-slis 's an dòrn na h-amhaich agus chumadh ann a shin e gus an do thachdadh i.

"Thalla," ars esan, "chan innis thusa naidheachd co-dhiù."

Agus dhùin e suas an giùirnealair mar a bha e reimhid.

Làrna-mhàireach... Bhathar ga toirt air falbh a h-uile latha às an taigh anns am biodh i, feuch gu dè na naidheachdan a chuala i. Làrna-mhàireach thugadh air falbh i. Ach leth na truaighe, nuair a dh'fhosgladh i ann an taigh an tighearna bha a' chailleach air a tachdadh le slis chàise.

Cha robh fhios a-nist. Bha iad a' smaointinn a-nist gur e i fhèin a... gur e an t-slis a thachd i ga h-ithe. Agus cha robh fhios gu dè rud a dhèanadh, ach bha iad a' dol a thiodhlacadh na caillich.

Uill, rinneadh seo co-dhiù. Rinneadh... chuireadh mu dheidhinn tiodhlacadh 's rinneadh tiodhlacadh mòr dhan chaillich, dha mhuime, an tighearna. Agus bha an saighdear air mar a bha gach duine, agus fhuair e deagh ghabhail aige.

Agus co-dhiù seothach chaidh sin seachad. Ann an ceann seachdain thuirt e ri... thuirt e ris an fheadhainn a bha a-staigh, ris a' bhoireannach, ris a' chaillich:

"A dhuine, dhuine," ars esan, "bu mhath," ars esan, "tiodhlacadh eile a dhèanamh dhan chaillich fhathast," ars esan. "Bha an t-... tiodhlacadh ud math," ars esan.

Agus:

"Ò," ars esan, "'s iochd an nàire dhut," ars iadsan, "na teirig an comhair sìon; na teirig an comhair na caillich bhochd. Leig leatha far a bheil i."

Ach co-dhiù seothach, nuair a ghabh iad mu thàmh, dh'fhalbh an saighdear agus tharraing e air a' chladh, nuair a ghabh a h-uile taigh mu thàmh, agus thog e a' chailleach, agus thug e dhachaigh air a mhuin i, agus ghabh e gu ruige stàball leatha aig taigh an tighearna.

Agus bha loth ghlas ann a shineach. Bha loth agus làir aig an tighearna a-staigh anns an stàball. Agus bha loth ghlas ann a shineach, agus chuir e gu dòigheil i na seasamh i ann an stàl na lotha.

Ach co-dhiù seo sa mhadainn nuair a thàinig an gille a bha a' coimhead às dèidh nan each, nuair a thàinig e chun an stàbaill 's dh'fhosgail e an doras 's thug e... chunnaic e a' chailleach 's leig e an aon [???] às 's a-mach a ghabh e. Thill e gu taigh an tighearna. Dh'innis e. Dh'fhaighneachd an tighearna gu dè bha ceàrr. Dh'innis e gun robh a' chailleach na seasamh ann an stàl na lotha glaise.

"Ò dhuine, dhuine, dhuine," ars an tighearna, "gu dè," ars esan, "a tha sinn a' dol a dhèanamh?" ars esan.

"Ò chan eil fhios agamsa," ars am fear sin, "gu dè ghabhas dèanamh. Cha tèid mise," ars esan, "a-staigh air an doras aige," ars esan.

Agus chaidh an tighearna a dhìdearachd agus an doras fosgailte, chaidh e a dhìdearachd, agus bha a' chailleach ann ceart gu leòr.

"Och," ars esan, "chan eil duine an seo," ars esan, "ma-thà," ars esan, "a thèid na h-àite," ars esan, "mura tèid an seann saighdear a tha shìos an sin an taigh a' bhodaich ann," ars esan. "Agus 's fheàrr dhut," ars esan, "a dhol sìos far a bheil e," ars esan, "agus can gun do dh'iarr mise," ars esan, "e thighinn a-nuas, agus innse," ars esan, "mar a tha an gnothach."

Dh'fhalbh e, 's ràinig e taigh a' bhodaich. Bha an saighdear air a chois. Thuirt e gun robh an tighearna ga iarraidh.

"Dè," ars an saighdear, "an turas a th' aig an tighearna riumsa?" ars esan.

"Tha," ars esan, "a mhuime," ars esan, "i ann an s-... ann an stàl na lotha glaise."

"'S a bheil e a' smaointinn... a' smaointinn," ars esan, "gu bheil mise a' dol far a bheil i?" ars esan. "Nach tèid duine agaibh fhèin far a bheil i?" ars esan.

"Ò cha tèid duine," ars am fear seo ris-san. "Ach dh'iarr e ortsa a dhol suas," ars esan.

Uill, dh'fhalbh an saighdear co-dhiù còmhla ris 's ràinig iad suas an tighearna. Dh'innis an tighearna mar a bha.

"Ò," ars an saighdear, ars esan, "chan eil mise airson a dhol far a bheil i," ars esan. "Chan aithnte dhòmhsa," ars esan, "am boireannach idir," ars esan. "Chan eil turas agam rithe," ars esan. "Ach," ars esan, "ma gheibh mi deagh dhuais air a shon," ars esan, "thèid mi a bhruidhinn rithe ceart gu leòr," ars esan.

Agus, ò gheibheadh e rud sam bith a dh'iarradh e ach a dhol a dh'innse gu dè bha ga cur an siud, no gu dè bha i ag iarraidh.

Dh'fhalbh an saighdear co-dhiù, 's bha e a' [?fàthadaireachd] mun doras a' dol a-staigh. 'S an Dia, fhuair e seothach, fhuair e sliopadh a-staigh, 's chaidh e... bha e a' teannadh rithe suas. Agus dh'fhaighneachd e an seothach... Bha iadsan a-muigh. Dh'fhaighneachd e seo dhi:

"Dè," ars esan, "a tha thu ag iarraidh an seo?" ars esan, gu danarra rithe.

Agus thuirt a' chailleach ris:

"Tha mi," ars ise, "ag iarraidh pàirt dhe mo chòraichean fhìn."

Agus:

"Dè," ars ise... ars an saighdear, ars esan, "na còraichean a tha seothach?"

"Cha do rinneadh," ars ise, "tiodhlacadh ceart gu leòr dhomh," ars ise. "Cha robh an tiodhlacadh math gu leòr," ars ise. "Agus 's ann leamsa," ars ise, "tha an roinn as motha a tha a' dol san àite a tha seo," ars ise.

Agus:

"Bheil thu a' cluinntinn siud?" ars a... ars an saighdear.

'S dh'innis e dha an rud a bha i ag ràdh, dhan tighearna.

"Ò tha," ars an tighearna. Agus: "Ach gu dè nì mise rithe?" ars esan.

Agus:

"Dè," ars... "Dè," ars an saighdear rithe, ars esan, "dè bu mhath leat a dhèanamh?"

"Bu mhath leam," ars ise, "tiodhlacadh na b' fheàrr," ars ise, "a dhèanamh dhomh na rinneadh," ars ise.

Bha e fhèin ga fhreagairt fhèin.

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

Agus thuirt an tighearna ris an uair sin:

"Ò ma-thà," ars esan, "bheir mise tiodhlacadh dhi," ars esan, "cho math 's," ars esan, "a thèid... a b'... is urrainn dhomh a dhèanamh," ars esan. "Agus," ars esan, "bi thu a' falbh às mo shealladh."

'S:

"Thalla," ars an saighdear, 's ghabh e... ghabh e an luib na caillich. "Bi tarraing," ars esan, "às a seothach," ars esan, "'s na cluinneam... faiceam d' aghaidh no d' aodann an seo tuilleadh," ars esan.

Agus chuireadh... leagadh a' chailleach co-dhiù, 's ma... ma bha i marbh reimhid bha i marbh a-rithist. Agus chuireadh an uair sin air dòigh i 's thugadh a dh'àite air choreigin i, 's chuireadh mu dheidhinn tiodhlacadh a dhèanamh dhi.

Agus rinneadh sin dìreach agus rinneadh tiodhlacadh dha-rìribh.

Agus chaidh seothach seachad. Ach ann an ceann na seachdain a-rithist, rinn an saighdear sgeama 's gun togadh e a' chailleach triop eile mun rachadh i bhuaithe buileach fhad 's a dh'fhanadh i na seasamh.

Agus 's e seo an rud a rinn e. Dh'fhalbh e air feadh na h-oidhche agus thogadh a' chailleach, agus chuireadh anns a' cheart àite anns an robh i reimhid, ann an stàball an tighearna i. Agus làrna-mhàireach an seothach, nuair a chaidh an gille dhan stàball, bha a' chailleach roimhe far an robh i reimhid. Leig e na ràin-bhàis às 's thug e aghaidh air taigh an tighearna, 's dh'fhaighneachd an tighearna dha dè bha ceàrr. Dh'innis e gun robh a' mhuime ann a shiud an-diugh a-rithist.

"Ò dhuine, dhuine," ars an tighearna, ars esan, "gu dè rud a tha mise a' dol a dhèanamh?" Agus: "Tha e cheart cho math dhòmhsa," ars esan, "a bhith a' fàgail an àite," ars esan.

Ach co-dhiù seothach, chaidh e a dh'iarraidh an t-saighdeir. Ò cha robh an saighdear a-muigh no a-mach airson tighinn an-dràsta idir. Agus och, gheibheadh e rud sam bith a dh'iarradh e ach e a' tighinn a-nuas agus fhaighinn a-mach gu dè bha ga cur an siudach thuige.

Agus thàinig an saighdear co-dhiù. Agus chaidh e a-staigh ann am bruidhinn na caillich, 's dh'fhaighneachd e dhith:

"Bheil thu an seo," ars esan, "air ais a-rithist?" ars esan.

"Ò tha," ars ise.

"'S gu dè," ars esan, "a tha gad chur ann?" ars esan.

"Ò," ars ise, "cha d' fhuair mi leth dhe mo chòraichean fhìn an seo fhathast," ars ise. "'S ann leamsa," ars ise, "tha am beathach a tha sin," ars ise, "an loth ghlas a tha sin," ars ise, "agus 's ann leam," ars ise, "tha an roinn as motha a tha san àite a tha seo," ars ise.

"Bheil sibh a' cluinntinn siud?" ars... ars an saighdear.

"Ò tha," ars an tighearna. Bha iad [?clìor a-mach].

Agus:

"Dè rud a tha mise a' dol a dhèanamh?" ars esan.

Agus:

"An do rinneadh tiodhlacadh idir math dhut... math gu leòr?" ars... ars an saighdear.

"Ò rinn," ars ise.

"'S gu dè a-nist," ars esan, "a tha gad [???]."

"Ò," ars ise, "tha mi airson pàirt dhe mo chòraichean fhìn fhaighinn às a seo."

Agus thuirt... thuirt an tighearna ris-san:

"Leig a-mach an làir," ars esan.

Leig an saighdear a-mach an làir, agus thòisich an saighdear ri beart-... an tighearna ri beartachadh a' ghige. Chuir e an làir sa ghige 's fhuair e deiseil 's thuirt e gun robh esan a' falbh às a seo buileach, nach robh esan gus a bhith mar siudach idir.

Uill, ge brith gu dè bh' aige co-dhiù thug e leis a h-uile sìon a b' fheàrr na chèile a bha e airson a thoirt leis co-dhiù. Chan eil fhios a'm dè bh' aige. Bha a bhean ann co-dhiù, ach chan eil fhios a'm dè an còrr, an robh teaghlach no sìon ann co-dhiù. Agus dh'fhalbh e, agus dh'fhàg e slàn aca, an tighearna, leis a' ghige 's an làir.

Dh'fhalbh an saighdear agus cheangail e a' chailleach ris... ri tòin na làire glaise. Agus nuair a... Bha an là-... an loth, bha i a' sitrich a-staigh nuair a chaidh a màthair a-mach, agus bha i ag iarraidh a-mach co-dhiù, agus dh'fhalbh e agus dh'fhuasgail e a-mach an loth.

Uill, bha... bha an tighearna pìos math air falbh an uair sin. Ach thug e an aire dhan lothaidh a' tighinn agus a' chailleach às a dèidh. Agus ma bha astar air an làiridh reimhid fhuair i barrachd astair a thoirt dhi a-nist. Ach bha an loth a' dlùthadh oirre. Agus an rathad air an robh iad a' dol a-nist, bha abha-... bha drochaid, seòrsa de dhrochaid air an abhainn, agus bhiodh i uairean nach biodh i air idir; bhiodh iad ga toirt a-null mar gum biodh rudeigin a' dol troimhpe, no rud air choreigin. 'S cha tug an tighearna riamh an aire gun robh an drochaid fosgailte, 's chaidh an gige 's an làir 's an loth às dèidh a chèile gu ruige an abhainn, 's chaidh am bàthadh ann a shin, a h-uile duine.

Bha an saighdear a-nist air fhàgail 's cha d' fhuair e a thuarastal idir. Agus cha robh duine an siudach, cha chreid mi, a bhuineadh dhan tighearna co-dhiù. Ach bha an saighdear a' demand-adh an àite airson a thuarastail, o nach d' fhuair e pàigheadh on tighearna mun d' fhalbh e.

Agus 's e seo an rud a bh' ann. Fhuair an saighdear àite an tighearna agus thug e am bodach 's a' chailleach ann còmhla ris. Agus dh'fhàg mise iad ann a shin, ge bith gu dè dh'èirich dhaibh às a dhèidh sin.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Ò uill, tha sin math dha-rìribh. 'S cò aige a chuala sibh i seo a-nist?

DA: Chuala aig m' athair.

AI: Aig ur n-athair a-rithist.

DA: 'S ann.

AI: 'S tha mi a' smaoineachadh gun teagamh gun do record Dòmhnall Eairdsidh seo...

DA: Tha mi a' smaointinn gun do record.

AI: [???] air a cluinntinn. Tha. Ò uill, tha sin math dha-rìribh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good