Search

Dh'fheumadh rud sònraichte tachairt mus rachadh geas air nea...

Date 1971
Track ID 107458
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1971.186.A5

Original Tape ID

SA1971.186

Summary

Some particular action would have to take place before a spell could be broken.

Some particular action would have to take place before a spell could be broken. The contributor gives an example of this from a story. A boy imprisoned by a giant looked in a cauldron though this was not allowed, and one side of his face fell off. He heard a voice then asking him to go to a forbidden part of the house. There he found a mare which told him how to repair his face. They both then escaped from the giant who had held them in captivity. The boy eventually married the king's daughter but forgot to invite the mare to the wedding, as she had asked. This deed broke the spell on the king's sister, who had been turned into a mare.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, chan eil fhios agamsa, ach tha e coltach leam, duine no creutair, duine sam bith a rachadh a chur fo gheasaibh, gun robh rud air choreigin aige ri dhol troimhe, no ri bhristeadh air choreigin mum faigheadh e clìoras na geasaibh, no mura dèanadh e sineach nach fhaigheadh e bho na geasaibh gu bràth, gum biodh e anns a... mar a chuireadh e, co-dhiù bha e na each no na chreutair no na rud. Agus tha e coltach leam na ròin a tha sineach, le... lem chiad chuimhne an sin na seann daoine, 's minig a chuala mi iad a' bruidhinn orra, iad fhèin agus na h-ealachan, gur e daoine fo gheasaibh a bh' annta. Agus gur h-e Clann 'icCodruim a bha sna ròin, a bha sna daoine a chaidh an cur fo gheasaibh nan ròin agus gur e Clann 'icLeòid a bha sna h-ealachan.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Agus ciamar a-nist a bhiodh sibh a' dèanamh a-mach gum feumadh iad a dhol tro rudeigin no rud-... bristeadh air rudeigin mun do chuir iad geasaibh dhiubh?

DA: Uill, chì... chunna mi sineach ann a... ann an sgeulachdan 's ann an naidheachdan, ma tha e fìor, feadhainn a bha a' dèanamh tallaidhean dhiubh 's rudan dhen t-seòrsa sin, gan cur fo gheasaibh. Agus bha iad... nan dèan-... bha iad a' faighinn clìoras iad nuair a bhathar... bha a leithid seo a' tachairt dhaibh.

AI: Nach robh tè ann... ciamar a bha... nach robh tè ann mu dheidhinn fiathachadh gu banais no rudeigin. Ciamar a bha sin, no dè...?

DA: Bha... bha... 's dòcha gu robh f-... bha aon sgeulachd ann co-dhiù, fear a theich air an fhuamhaire mhòr an sineach agus nuair nach robh aige ri coimhead... cha robh aige ri coimhead anns a' choire mhòr ach losgadh foidhe fad an latha. 'S bha esan gus a bhith... agus cha robh aige ri dhol a dh'ìochdar an taighe 's cha robh aige ri dhol a dh'uachdar an taighe, ach an aon bh-... an àite a bh' ann a sheothach ann am meadhan an taighe agus bha coire mòr an sineach air teine aig an fhuamhaire agus cha robh sìon a' tighinn às uair sam bith ach bha e a' sìor losgadh foidhe. Agus cha robh aig... cha robh aig an duine a bh' ann a sheothach ri dhèanamh ach... cha robh aige ri coimhead anns a' choire mhòr idir 's cha robh aige ri dhol a dh'uachdar an taighe 's cha robh aige ri dhol a dh'ìochdar an taighe ach losgadh fon choire mhòr.

Uill, bha am fuamhaire gus a bhith air falbh seachdain an triop a bha seothach agus smaointich e aige fhèin co-dhiù gum faiceadh e gu dè rud a bha sa choire. Agus dh'fhalbh e 's thog e an liod às a' choire 's sheall e air. Thuit an dàrna... an taobh bu ghiorra dhan choire dhe aodann, thuit an dàrna taobh dhen fheòil a bh' air... a bh' air an t-... an aodann aige dhen choire. Agus chuala e guth ag èigheach shìos ann an ceann an taighe:

"A-nuas an seo cho luath 's a rinn thu riamh."

Agus chaidh e suas agus bha fàlairidh ann a shineach air a ceangal ann an uachdar an taighe anns a' cheann dhen taigh. Agus co-dhiù seothach thug i dha...

"Seo," ars ise, "siud currac agad," ars ise, "agus," ars ise, "nuair bhios tu a' dol seachad air a' choire," ars ise, "bheir leat," ars ise, "an cuman chnàmh a tha siud," ars esan [sic], "agus bheir chun nam mucan e anns a' cheann eile dhen taigh ud agus bheir a-nuas thugamsa an cuman fiodh a th' ann. Agus nuair bhios tu a' dol seachad air a' choire," ars ise, "coimhead ann leis an taobh eile," ars ise, "agus faodaidh tu an currac an uair sin a chur mud cheann."

'S e seo an rud a rinn e. Uill, fhuair e a-nis air teicheadh, e fhèin 's am fàlairidh a bha sineach, fhuair iad air teicheadh air falbh. Agus thàinig iad gu ruige baile, agus tha e coltach leam gum b' aithnte dhìse am baile, co-dhiù a rèir choltais, a rèir deireadh na gnothaich uile-gu-lèir.

Agus bha... bha rìgh ann a shin anns an àite seo. Agus co... co-dhiù seothach bha nighean... nighean aig an rìgh, nighean òg aige. Agus bha aigesan a-nist a h-uile feasgar, ge bith cà 'n rachadh e ga chosnadh, no gu dè an obair a gheibheadh e, bha aige ri faighinn dheth a h-uile feasgar airson raoid a thoirt anns an fhàlairidh. Agus bha an fhàlairidh, bhiodh deise ùr aice dha an dràsta 's a-rithist ga chur air agus ghabh a-nist an nighean a bha seo, nighean an rìgh, ghabh i tlachd uabhasach dhen duine seo 's dh'fheumadh i fhaighinn airson a phòsadh. Agus thuirt an fhàlairidh seothach ris-san, an oidhche a bh' ann, thuirt i ris:

"Nist," ars ise, "tha nighean an rìgh," ars ise, "an geall dhut a phòsadh," ars ise, "agus pòsaidh... pòsaidh tu i ceart gu leòr," ars ise. "Ach," ars ise, "air na chunna tu riamh aig do dhaoine," ars ise, "na fàg mise," ars ise, "gun mo thoirt chun na bainnse."

Agus seo an rud a rinn iad co-dhiù, phòs e fhèin co-dhiù agus nighean an rìgh. Agus eadar a h-uile sìon a bh' ann, mar a bha a cheann-san na bhoil - mar a bhios a h-uile duine 's e a' pòsadh co-dhiù, bidh e a' dèanamh mistakes uaireannan - rinn e mistake agus dh'fhàg e... cha do dh'fhiathaich e an fhàlairidh idir. Agus 's ann an làrna-mhàireach an dèidh na bainnse 's ann a thàinig e thuige fhèin agus a thuig e nach do dh'fhiathaich e an fhàlairidh chun na bainnse mar a dh'iarr i idir.

Agus dh'fhalbh e, agus chaidh e sìos agus nuair a ràinig e a' phàirc cha robh sgeul air an fhàlairidh. Agus far am biodh i aige air... air... air... teadhair ann a shin anns a' phàirc bhuail e e fhèin ris a' chnoc agus thòisich e air caoineadh, agus thòisich e ri caoineadh. Agus bha e a' caoineadh ann a shin agus chuala e seo sgal gàire air a chùlaibh agus thug e sùil agus bha am boireannach a bh' ann a shineach air a chùlaibh. Agus dh'fhaighneachd i dheth:

"Dè th' ort?" ars ise.

"Ò," ars esan, "faodaidh mi bhith coma dè th' orm."

"Agus an gabh e idir," ars ise, "innse?"

"Ò gabhaidh," ars esan. "Cha dèan e sìon a chron innse," ars esan, "'s cha dèan e
sìon a mhath dhomh."

"Innis thusa e," ars ise.

Dh'innis e dhi o thùs gu èis mar a bha iad, mar a bha i airson a toirt chun na bainnse 's mar a dh'fhalbh iad, mar... gura h-i a shàbhail a bheatha 's a thug air falbh à taigh an fhuamhaire e, agus a h-uile sìon mar a chaidh e troimhe agus... gus an tàinig e dìreach gus a' bhanais agus gun do dh'fhàg e an dìochuimhne air a' bhanais i, agus gur ann an-diugh fhèin dìreach a chuimhnich e air dè rud a rinn e, agus gun robh e coma tuilleadh gu dè dh'èireadh dha.

"Èirich thusa," ars ise, "[?a làmh] thapaidh," ars ise, "agus thugainn thusa còmhla riumsa," ars ise, "agus mura biodh tusa air siud a dhèanamh," ars ise, "cha bhithinn-sa mar seo an-diugh," ars ise, "ach," ars ise, "tha mo gheasaibh-sa briste tuilleadh," ars ise.

Agus cò bh' ann ach piuthar dhan... dha piuthar athar na h-ighinn a phòs e, piuthar an rìgh.

AI: Agus a-nist nam biodh esan air a fiathachadh...

DA: Nam biodh esan a-nist... tha teansa a-nist nam biodh esan air a fiathachadh nach
robh na geasaibh briste.

AI: Sheadh.

DA: Gun robh siud gu tachairt, gur e siud an dòigh anns am faigheadh i clìoras na geasaibh. Chuala mi sin agus... Chuala mi rudeigin eile, ach chan eil cuimhne a'm air. 'S iomadh turas a chuala mi bruidhinn air geasan mar sineach, ach... gan cur fo gheasaibh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good