Tàillear a shaoil gun robh e ann an Ifrinn.
Date October 1966
Track ID 107547
Part 1 Loading...

Track Information

Original Track ID

SA1966.99.A10

Original Tape ID

SA1966.099

Summary

The tailor who thought he was in Hell.

A tailor from Skye decided to go to Glasgow. He met many friends there, went to a pub with them, and got drunk. Eventually, his friends went, leaving him alone and lost. He went to a mine in Maryhill, sat down beside a tree, and slept. A man from Skye recognised him, and he and an Irishman took him into the mine and left him sleeping. Later they decided to waken him, and the Irishman went to the tailor. He told the tailor he was in Hell and would be fine there. He asked him what work he wanted to do, and brought him some sacks to make a pair of trousers by the evening. When the evening came the Irishman and the Skyeman brought the tailor a large dram and got him drunk again. They eventually took him back to his lodgings, and the next day the man returned to Skye. When he went to church on Sunday, the minister was preaching about Hell and how to avoid it. The tailor stood up and told him he had been there, and it wasn't too bad. He got food and drink there.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall MacAoidh: Anns an t-seann aimsir bha tàillear anns an Eilean Sgitheanach, agus cha bhiodh iad an uair ud ach an taigh anns am biodh tàillearachd ri dhèanamh, bha iad a' cur fios air an tàillear. Agus bha an tàillear, dh'fhàs e cho eòlach san Eilean Sgitheanach, agus bha e uabhasach dèidheil air deoch. Thàinig e seo dhachaigh. Bha e a' bruidhinn air naidheachdan a bha e a' cluinntinn sa h-uile taigh anns an robh e mu dheidhinn Ghlaschu.

"Nach fheàrr dhut fhèin," ars a mhàthair, "'s tu air airgead a dhèanamh a-nist, nach tèid thu fhèin a Ghlaschu?"

'S ann a dh'fhalbh an tàillear an làrna-mhàireach leis an stìomair a Ghlaschu. Nuair a ràinig an stìomair Glaschu, bha mòran de Sgitheanaich ag obair aig a' chidhe ann a shin, agus dh'aithnicheadh a h-uile duine an tàillear. Rinn iad a leithid a thoileachadh ris an tàillear. Thug iad a thaigh-seinnse e, 's bha iad a' toirt dha dhramannan.

"Feumaidh sibh," ars an tàillear, "àite fhaighinn dhòmhsa," ars esan, "anns am fan mi fhad 's bhios mi an seo."

"Ò gheibh sinn sin."

Agus dh'fhalbh iad suas leis gu taigh a bha seo anns an robh ban-Sgitheanach. 'S ann leatha a bha an taigh.

Agus gheibheadh an tàillear fuireach ann a shin fhad 's a thogradh e. Agus thug iad a-mach leotha air ais e. Chaidh iad a thaigh-seinnse 's thòisich iad air òl ann a shin. Mar a bhios an deoch co-dhiù, nuair a ghabh iad an deoch bha duine 's duine a' tràghadh air falbh. Mu dheireadh thall cha robh duine aig an tàillear bhochd ach e fhèin. Agus dh'fhalbh e, agus cha robh fhios aige cò an taobh a bha e a' dol. Bha e cho dona leis an deoch. Agus ràinig e suas taigh-guail a bha shuas aig Maryhill, toll-guail, agus chaidh e na shìneadh ri taobh craoibh agus chaidil e.

An oidhche sin, bha Sgitheanach 's Èireannach a' dol air sioft dhan toll-ghuail, agus nuair a bha iad a' dol seachad air:

"Ò Dhia," ars an Sgitheanach, "seall," ars esan, "an tàillear, fear a mhuinntir an Eilein Sgitheanaich," ars esan. "Chunnaic sinn a-raoir e."

"Bheir sinn leinn," ars an t-Èireannach, "sìos dhan toll-ghuail e."

Thug iad leotha an tàillear sìos co-dhiù, agus bha an tàillear na chadal leis an deoch. Chuir iad ann an oisinn shìos e, 's dh'fhalbh iad a dh'obair dhan toll-ghuail. 'S nuair a bha an sioft aca seachad am feasgar sin thuirt an Sgitheanach ris an Èireannach:

"'S fheàrr dhomh," ars esan, "a dhol agus an tàillear a dhùsgadh."

"Leig thusa leamsa," ars an t-Èireannach, "'s thèid mise ga dhùsgadh. Fan thusa am falach."

Bhiodh lampaichean anns na cip aig na gualadairean an uair ud. Chaidh an t-Èireannach far an robh an tàillear 's dhùisg e e.

"Ò Dhia," ars an tàillear, "cà bheil mi? Cà bheil mi?" ars esan.

"Tha thu," ars an t-Èireannach, "ann an Ifhrinn."

"Ah Dhia," ars an tàillear, "cuin a thàinig mi ann?" ars esan. "Bha mi," ars esan, "anns an Eilean Sgitheanach 's thàinig mi a Ghlaschu," ars esan. "Agus bha mo mhàthair ag ràdh rium riamh," ars esan, "mura seachnainn an deoch gur ann an seo a landainn."

Agus:

"Och," ars an t-Èireannach ris, "bidh thu math gu leòr ann a sheo. Dè," ars esan, "an obair a chòrdadh riut ann a sheo?" ars an t-Èireannach.

"Uill," ars an tàillear, "nuair a bha mi air an t-saoghal eile," ars esan, "'s ann nam thàillear a bha mi."

"Uill," ars an t-Èireannach, dìreach thug e a-nuas dhà no trì de phocannan. "Bi briogais agad," ars esan, "deiseil a-nochd," ars esan, "aig sia uairean."

Thòisich an tàillear air dèanamh na briogais. Bha a' bhriogais deiseil aige.

"'S fheàrr dhuinn a-nist..." Nuair a thàinig sia uairean: "'S fheàrr dhuinn a-nist," ars an Sgitheanach, "a dhol 's an tàillear... far a bheil e."

Agus dè bh' aca ach botal uisge-bheatha. Agus chaidh iad suas far an robh an tàillear, 's lìonadh glainne mhòr uisge-bheatha dhan tàillear.

"Cha ghabh, cha ghabh, cha ghabh," ars an tàillear, "agus gur e an deoch a chuir an seo mi," ars esan.

"Hod," ars an t-Èireannach, ars esan, "deoch gu leòr an seo," ars esan.

Thòisich iad air an tàillear gus an robh e cho dona leis an deoch a' dol a dh'Ifhrinn 's a bha e a' falbh às. Cha do rinn iad ach thog iad eatorra e 's thug iad dhan taigh anns... na ban-Sgitheanaich e.

Chuir iad dhan leabaidh ann a shin e. Agus nuair a dhùisg an tàillear sa mhadainn an làrna-mhàireach, chunnaic e am bàta air an tàinig e shìos aig a' chidhe. Cha do rinn e ach èirigh bog, balbh, 's ghabh e dìreach sìos na broinn 's shuidh e innte, 's cha do charaich e riamh aiste gu 'n do ràinig e an t-Eilean Sgitheanach.

Chaidh e dhan eaglais Didòmhnaich. Bha am ministear an sin a' searmonachadh air gnothaich... searmonachadh air an t-saoghal eile 's air an Droch Àite 's air na deagh ghnìomhan a dh'fheumadh duine airson faighinn fuireach às. Ach dh'èirich an tàillear na sheasamh.

"Èist, èist," ars esan, "agus dùin do bheul," ars esan. "Chan eil e leth cho dona 's a tha thu ag ràdh," ars esan. "Mise a bh' ann," ars esan, "'s fhuair mi biadh 's deoch ann."