Search

'S e Fàth Mo Mhulaid

Date 11 July 1975
Track ID 109068
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.88.B2

Original Tape ID

SA1975.088

Summary

The bard is in Glasgow, but would much prefer to be in Mull. He expresses anger about those who have cleared people from the island.

Item Notes

Composed by Aonghas MacMhuirich, Mull.

See:
'An t-Òranaiche' (Gilleasbaig Mac na Ceàrdadh ed., 1879) p. 246

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Argyllshire

Island - Mull

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

'S e fàth mo mhulaid gun d' fhàs mi duilich,
Bhon dh'fhàg mi buileach an t-àite.
'S ann fada mu thuath an iomall a' chuain
Tha 'n t-eilean san d' fhuair mi m' àrach.

'S e mheudaich mo mhulad bhith 'm-bliadhna 's an-uiridh
Gu cian bhom chuideachd air ànradh,
'S ge taitneach le cuid a bhith 'n Glaschu fuireach,
'S e b' annsa bhith 'm Muile nan àrd-bheann.

Fhir a thèid thairis do Mhuile nam beannaibh,
Thoir soraidh bhuam dhachaigh gu m' chàirdean,
'S innis gur math leam bhith cluinntinn gur maireann
Gach duine 'n Loch Leamhainn mar dh'fhàg mi.

Ma gheibh mi mar 's math leam tha dùil a'm dhol fhathast
A chumail na Callainn mar b' àbhaist;
'S ged bhios mi air m' aineol cha leig mi às m' aire
Gach fasan bh' aig clanna nan Gàidheal.

Marbhphaisg air na daoine a chuidich an sgaoileadh,
A mheudaich 's a dhaor na màil oirnn,
Ach guidheam do phàirt dhiubh mum fàg iad an saoghal
Gum faigh iad nan saothair pàigheadh.

Rinn peirceall nan caorach am fearann a dhaoradh
'S dh'innis dhuinn daoine 'n fhàisneachd,
Gun cuireadh iad gaisgeach nan gleannan air faondradh,
'S dùthaich nan laoch na fàsach.

'S e fàth mo mhulaid gun d' fhàs mi duilich,
Bhon dh'fhàg mi buileach an t-àite.
'S ann fada mu thuath an iomall a' chuain
Tha 'n t-eilean san d' fhuair mi m' àrach.


Iain Peatarsan (IP): Seadh a-nise, dè...

UM: Ò chan eil dad agam ri ràdh mu dheidhinn seo idir. Chan eil fiù cuimhn' agam cò aig a chuala mi seo. Ò, chuala mi tric e. Chuala mi tric e. Tha mi a' smaoineachadh gun cuala mi ann am Muile e, ach bha e agam fada mus robh mi riamh am Muile. Bha e aig mòran. Tha mi a' smaoineachadh gun cuala mi mu dheas agus mu thuath e. Fiù aig cèilidhean an seo an Dùn Èideann.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good