Search

Faidhir an t-Seasgainn

Date 28 August 1973
Track ID 109150
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1973.166.A1

Original Tape ID

SA1973.166

Summary

A humorous song about a horse the bard got at Shiskine Fair in Arran.

Item Notes

The song is sung here to the tune of a song by William Ross, which has a similar chorus.

See:
'The Book of Arran' p. 344

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Bute and Arran

Parish - Kilmory

Island - Arran

Village/Place - Shiskine

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

Ho-ró gur toigh leinn drama,
Hi-rì gur toigh 's bu mhath leinn,
Ho-ró gur toigh leinn drama,
'S iomadh fear tha 'n geall air.

Chaidh mi siar gu faidhir an t-Seasgainn
Thug mi leam deagh ghearran deas ann,
'S truagh nach robh mi anns an teasaich,
'S breisleach ann 'm cheann-sa.

Nuair a ràinig mise 'n fhaidhir,
Bha gach duine rium a' labhairt,
Seo, ma reiceas tu do ghearran,
Thalla 's bheir mi dràm dhut.

Ach cha robh mi ann an deifir,
'S dùil a'm gun robh margadh deas dhomh,
'S Dòmhnall Ruadh a bhith mar sheis leam,
'S bheatamaid gun taing iad.

Thachair ormsa giullan gleusta,
'S e air ùr-theachd nall à Èirinn,
Bhruidhinn e rium sa chànan Bheurla,
'S bha mi fhèin an call dheth.

Thug e sìos mi cùl a' mhuilinn,
'S leig e fhaicinn gearran dubh dhomh,
Thuirt e rium gun robh e cubhaidh,
Laighe muigh sa gheamhradh.

Chaidh an sin sinn don taigh-òsta,
'S ghlaodh an t-Èireannach air stòpa,
Bheireadh e na mionnan mòr,
Gun robh e òg is meamnach.

Chuir mi làmh am pòc' mo bhriogais,
Fhuair mi 'n sin ann aon 's dà sgillinn,
Chuir mi siud san stòpa rithist,
Bha ar cridh' an geall air.

Thuirt e rium ma bha mi 'g iarraidh
Òg-each dhèanadh cur no cliathadh,
Nach robh coimeas sear no siar,
D' a ghearran ciatach, gallta.

Cha do chuir mi ag na chòmhradh,
Chionn bha aogas duine còir air,
Rinn sinn malairt agus chòrd sinn,
'S cha robh an stòpa gann oirnn.

Dh'fhàs an oidhche dorcha, dòbhaidh,
Cha bu lèir dhut fad do bhròige,
'S iomadh fear a chluinnte gròcail,
'G iarraidh òirleach coinnle.

Thog mi orm is dh'fhàg mi 'n fhaidhir,
Is mi 'n dùil gun d' fhuair mi gearran,
Ach mun robh mi letheach rathaid,
Dh'fheumainn cabar calltainn.

Bha dhruim cho geur ri cùl an t-sàibhe
Cha mhòr nach sgoilteadh e mo mhàsan
Fhuair mi peallag o Iain Bàn
Is shàbhail siud gun taing mi.

Bha mi 'g imeachd mar a dh'fhaodainn,
Treis a' marcachd, 's treis ga shlaodadh,
Ach cha ghearaininn mo shaothair,
Mur biodh mar ghaoir a' chlann rium.

Fhuair mi dhachaigh 'n sin ri ùine,
'S chuir mi seachad ann an cùil e,
'S nuair a thàinig an là ùr,
Bha iomadh sùil ga shealltainn.

Thug mi 'n sin a-mach air blàr e,
'S chuir mi Iain air ga fheuchainn,
'S ged bhiodh spuirean air a shàiltean,
Dh'fhàgainn fhèin gun taing e.

Nuair a chuir mi anns an fheun e,
'S ann a bhuiceadh e 's a leumadh,
Mar a chunnacas boc fèidh,
Air feadh nan slèibh 's nam beanntan.

Nuair a chuir mi anns a' chliath e,
Shiùbhladh e cho luath 's a dh'iarrainn,
Fhuair mi còrr is obair bliadhn' às,
'S rinn a bhian dhomh barb-skin.


Iain Peatarsan (IP): Tha thu a-nise a' dol a dh'innse mu...

Uill, tha. Uill, 's e an rud, cha chuala mise an t-òran seo riamh ach tha òran aig Uilleam Ros air an aon t-sèist - Ho-ró gur toigh leinn drama, 's iomadh fear tha 'n geall air - 's mar sin, 's e fonn aig an òran aig Uilleam Ros a chuir mi ris na facail a tha seo, a chionn 's gun robh mi airson na facail a chur chun an duine chòir ann an Arainn bhon d' fhuair mi na facail, Dòmhnall MacAraig - nach e Dòmhnall a th' air? 'S e. Dòmhnall MacAraig. Agus 's e bha mi... bha mi 'n dùil... gheibhear fiosrachadh mu dheidhinn an òrain - cò rinn e 's a leithid sin - anns a' Book of Arran. An e am Book of Arran a th' air? Book of Arran.

IP: Ah, dìreach.

UM: Book of Arran, page three-four-four. Agus... dè tuilleadh bha mi a' dol a ràdh? Bha mi a' dol a ràdh rudeigin eile 's tha mi air dhìochuimhneachadh dè bha mi a' dol a ràdh. 'S e - bha a dhìth orm gun cuirinn air... gur e a bhiodh math nan ionnsaicheadh Dòmhnall MacAraig ann an Arainn, nan ionnsaicheadh e bhon an teip an t-òran a sheinn agus an uair sin gun dèanadh esan òran... gun dèanadh esan a sheinn, fhios agad, a-rithist ann an Gàidhlig cheart Arainn, a bheil fhios agad. Sin an rud a bha a dhìth orm.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good