Search

Air Madainn Mhoich 's na Speuran Ciùin

Date 31 August 1973
Track ID 109156
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1973.166.A7

Original Tape ID

SA1973.166

Summary

A song in which Young John is taken on a tour of the natural environment by a fairy woman.

Item Notes

The contributor learned this song from Ann MacDonald, a teacher from Kilmuir, Skye. It was composed by Iain Òg Murray who was at one time a teacher in Eigg.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

Air madainn mhoich 's na speuran ciùin
An uair bha 'n driùchda dlùth sa choill'
Le cùirnean braoin air dialtaig chaoil
'S an seillean maoth gu caomh a' seinn.
A' deocail meala bhàrr gach flùir
O fhlùr gu flùr, gu flùr an ròis
'S ann labhair gruagach os mo chiùin
An dèan thu gluasad leam Iain Òig?

Ghluais mi leatha 's rinn sinn èaladh
Staigh mu fhreumhaichean nan craobh
Bu phailt duilleach air gach crann
'S bu lìonmhor meanglan air gach taobh.
Tha laigh na h-eòin sna crannaibh
'S bu leadarra blas a beòil
Gus do chruinnich sinn nar sgùird 'ad
Gabh do rogha ciùil Iain Òig.

Chaidh sinn sìos ri taobh an àthaidh
'S chuir i làmh a-staigh an cùil
Thug i dorgha às an fheur
Is shiab i e air feadh a' bhùirn.
Chuir i 'm bradan air a' bhlian
Is dh'fhàg i shìos e siud gun deò
'S thuirt i: "Seo an t-àm dhen bhliadhna
Bheil thu 'd iasgair math Iain Òig?"

'S inntinneach obair an fhoghair
Bidh na cruinneagan a' seinn
Cuid aca a' gabhail òran
'S càch gu dòigheil togail fuinn.
Luchd nam bann is luchd a' cheangail
Cantainn "E horò bha hò"
'S aighearach dèanamh an arain
Cluinn an caithream ud Iain Òig.

Thug i leum a-staigh dhan ghoirtean
Far an robh 'n corca ga bhuain
Rug i ealamh air a' chorran
'S lìon i gu sona sguab.
Chuir i làmh a-staigh fo h-achlais
Do bhasgaid a bha fo sgòd
'S thuirt i: "Bheil thu gabhail pàighidh,
Seo dhut ubhal ghlas Iain Òig."

Thug i leum a-staigh dhan bhuaile
Far an robh crodh guaillfhionn cruinn
Laoigh sa chachaileith a' geumraich
Ris an sprèidh a bha sa lainn.
Chunnacas banarach na buaile
Tighinn a-nuas le cuach fo chròig
'S thug i deoch dhan ionmhainn àlainn
Trobhad 's pàirtich seo Iain Òig.

Nuair chaidh a' ghrian dhan àird an iar
'S an dà uair dheug a' bualadh thall
Air stìoblaichean a' bhaile mhòir
On tric a thòc an ceò na mheall.
Thug an teas asam mo chlì
Is chaill mi m' uile spìd 's mo threòir
Leum i gu taobh thall na dìge
'S thuirt i: "Leig do sgìths Iain Òig".


Uill, 's ann aig ban-sgoilear a mhuinntir Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach a dh'ionnsaich mi seo. Dh'ionnsaich mi oidhirp de dh'òrain uaipe. Anna Dhòmhnallach a bh' oirre, de Dhòmhnallaich Chnoc Odhar, mar a thuirt i fhèin. Dòmhnallaich Chnoc Odhar. Ach co-dhiù, bha mòran de sheann... de dh'òrain aice. Agus bha i... thuirt i rium gur e fear Iain Òg Moraidh a rinn e, agus sin na bha a dh'fhios aicese.

Ach tha fhios agamsa gun robh fear a mhuinntir an Eilein Sgitheanaich na mhaighstir-sgoile ann an Eige ris an canadh iad Iain Òg Moraidh, agus tha mi a' smaoineachadh gur e an aon duine a bh' ann, bheil fhios agad. Agus bha fiosrachadh aig... chuala... bha Coinneach MacLeòid, fhios agad, nach maireann à Eige ag innse mu dheidhinn an duine seo dhomh, Iain Òg. 'S e maighstir-sgoile a bh' ann, a bh' ann an Eige, agus bha e... tha e coltach gur e duine car àraid dheth fhèin a bh' ann, fios agad. Bha e a' còrdadh ris... bha e a' còrdadh ris a' chloinn uabhasach math. Nam biodh latha brèagha samhraidh ann, nam biodh latha brèagha samhraidh ann, chanadh e:

"Dè tha sinn a' dèanamh a-staigh ann a sheo le ar sròn os cionn leabhraichean, agus a' ghrian a' deàrrsadh a-muigh. Thugnamaid a-mach chun a' bhlàir a-muigh, agus innsidh mi dhuibh ainmean nan dìtheanan."

'S bha e a' dol a-mach ann a shin dhan an raon còmhla riutha, agus mar gum biodh e a' toirt leasan ann am botany dhaibh, bheil fhios agad. 'S bha a' còrdadh... bha seo... Thàinig seo a-nuas ann an Eige, fhios agad, gur e seo an seòrsa duine a bh' ann, bheil fhios agad.

Iain Peatarsan (IP): Agus am biodh seo mu mheadhan an naodhamh...

UM: Innsidh mi dhut... Chan eil cuimhn' agamsa... chan eil fad sam bith o chunna mi ann an liosta air choreigin mar, 'The Gaelic Schools Society' no rudeigin mar sin:

"A schoolmaster in Eigg, J. Murray, eighteen forty."

'S mar sin, 's ann anns a' chiad chuid dhen a' cheud mu dheireadh, 's ann a... fios agad, 's ann a bha e beò. Agus tha mi a' smaoineachadh, fhios agad, chan eil an t-ainm Moraidh no Murray no Moireach ri fhaighinn anns an Eilean Sgitheanach mòran ann. Agus tha mise a' smaoineachadh gur ann a h-uaislean a bha e. Nuair a thàinig Clann 'ic Leòid Ghrìsinis gu ceann, bheil fhios agad, 's e... cha robh mic ann, agus tha mise a' smaoineachadh gun do phòs fear air choreigin Murray, chan eil fhios a'm cò às a bha e, gun do phòs e nighean MhicLeòid Ghrìsinis, agus thàinig Grìsinis a-staigh air, bheil fhios agad, a thaobh na mnatha, agus tha mise a' smaoineachadh, Iain, 's e an t-amharas agam, Iain Òg seo, gur e mac de John Murray, taxman of Greshornish. Chunna mi an t-ainm John Murray, taxman of Greshornish, 's tha mise a' smaoineachadh, Iain Òg, gur e mac de... gur e macan an fhear sin a bh' ann. Tha mi a' smaoineachadh gur e sin a bh' ann.

IP: Agus a-nise, an tè on d' fhuair thu an t-òran, an robh fonn aice?

UM: Bha, bha, bha. 'S ann bhuaipe... Ò bha, bha na fuinn aice. Bha, bha. Bha, bha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good