Search

'Ille Dhuinn Chaidh Thu 'm Dhìth

Date December 1968
Track ID 109957
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1968.311

Original Tape ID

SA1968.311

Summary

In this love song, which is sometimes used as a waulking song, a woman tells of her sadness at losing the man she loves, as he has joined the army of King George. She also complains about the lies which others have told about her.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

'Ille dhuinn chaidh thu 'm dhìth
Slàn gun till thu 's gun ruig thu
'Ille dhuinn chaidh thu 'm dhìth.

'Ille dhuinn a dh'fhalbh à Brògaig
Bidh mi brònach gu 'n tig fios ort.

'Ille dhuinn an leadain àlainn
'S ann Dimàirt a dh'fhàg thu mise.

Dh'fhàg thu mi air cnoc nam aonar
'S lèir don t-saoghal mar tha mise.

'Ille dhuinn an leadain dualaich
'S ann Diluain a fhuair mi fios ort.

Ghabh iad thus' an arm Rìgh Seòras
Och mo leòn! Cha ghabh iad mise.

'S tha mhailisidh an Dùn Èideann
Dh'fhalbh mo cheud-ghaol fo na h-itean.

Dh'fhàg thu mo shùilean gun lèirsinn
Ann 'ad dhèidh cha lèir dhomh litir.

Ach nan gealladh tu mo phòsadh
Chunntainn òr dhut mar na sligean.

Mìle marbhphaisg air na breugan
'S iomadh deuchainn gus an tig iad.

Thug iad orm gun robh mi aosmhor
'S ann thuirt daoine gun robh mi leth-cheud.

Ach nam pàigheadh iad mo shaothair
Dh'innsinn m' aois dhaibh ann an tiotan.

Nì iad naidheachd do na breugan
'S bheir iad anns gach [?beul a' clisgeadh].

'Ille dhuinn an leadain dualaich
'S òg a luaidh a fhuair thu mise.

'Ille dhuinn an leadain chraobhaich
Thug mi gaol thar aon gun fhios dhut.

'Ille dhuinn an leadain bhòidhich
'S ann fo bhròn a dh'fhàg thu mise.

'Ille dhuinn ma dh'fhàg thu 'n dùthaich
'S mòr mo chùram nist nach tig thu.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good