Search

Mo Nighean Donn na Hùg Hù

Date 23 October 1970
Track ID 110018
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1970.354.A11+B1

Original Tape ID

SA1970.354

Summary

A love song by a Skye sailor who is unhappy at losing a girl he loved from the Portree area. He admits, however, to his affairs with two other girls; one in Glasgow and one in Uig.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Portree

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach (TD):

Mo nighean donn ó hó gù
Thug mi rùn dhut is gràdh.
Bidh mi tuilleadh ga do chaoidh
H-uile h-oidhch' agus là.

'S ann aig ceann Loch Phort Rìgh
A tha rìbhinn a' tàmh;
Cas as dìrich sheas am bròig
Beul as bòidhche nì gàir'.

Mo nighean donn ó hó gù
Thug mi rùn dhut is gràdh.
Bidh mi tuilleadh ga do chaoidh
H-uile h-oidhch' agus là.

Thug mi dhachaigh brògan ùr
Às a' bhùth dhut Dimàirt,
Air am fuaghal mun cuairt
'S cruidhean cruaidh air an sàil.

Mo nighean donn ó hó gù
Thug mi rùn dhut is gràdh.
Bidh mi tuilleadh ga do chaoidh
H-uile h-oidhch' agus là.

Mura bitheadh tu fèin
Bhithinn rèidh riut gu bràth;
Bheirinn thugad gùn den t-sìod'
Nall à Sìna gun dàil.

Mo nighean donn ó hó gù
Thug mi rùn dhut is gràdh.
Bidh mi tuilleadh ga do chaoidh
H-uile h-oidhch' agus là.

Chan eil leannan agam fèin
Fon a' ghrèin ach a dhà;
Tè dhiubh 'n Glaschu nam bùth
'S tè dhiubh an Ùige a' tàmh.

Mo nighean donn ó hó gù
Thug mi rùn dhut is gràdh.
Bidh mi tuilleadh ga do chaoidh
H-uile h-oidhch' agus là.


Tè an Glaschu nam bùth, 's tè an Ùige. Am beachd leannan Ceann Loch Phort Rìgh, bha dithis tuilleadh 's a' chòir aige. Nì a dh'adhbharaich gun do leig i, 's bu sraonaiseach, cead a choise dha.

Iain Peatarsan (IP): Agus cò bha sibh a' radha a rinn an t-òran seo?

TD: Ò, tha, rinn fear a bha na dheagh shuirghiche, ach tha eagal orm gun robh tuilleadh 's a' chòir de leannanan aige, agus 's e sin bu choireach gun do chaill e... gun do chaill e nighean Ceann Loch Phort Rìgh. Agus rinn e an t-òran seo ga caoidh. 'S e seòladair a bh' ann.

IP: Ach chan eil fhios agaibh cò an dearbh dhuine a bh' ann?

TD: Chan eil fhios a'm cò an dearbh dhuine a bh' ann, ach 's e Sgitheanach a bh' ann co-dhiù. 'S e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good