Search

Mar a tha am muir saillte.

Date c. November 1964
Track ID 110295
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.85.A1

Original Tape ID

SA1964.085

Summary

Why the sea became salty.

At Easter time, a crofter by the name of Donald went to buy some ham. After the purchase, he was travelling home when he met a fairy. The fairy wished to exchange the ham for a magic mill which would create anything if the owner recited a certain rhyme. Another rhyme was given to stop production. Unfortunately, the mill eventually got into the hands of a captain who wished to fill his ship with salt. This he did, but he could not stop the mill from producing. Hence, the sea became salty.

Item Notes

See:
'Stories from South Uist' (Angus MacLellan, translated by John Lorne Campbell) p. 55

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT565

Transcription

Aonghas MacIllFhialain (AM): 'S e croitear a bha seo agus bha a chleachdadh anns an àm sin gum biodh ham aig a h-uile duine aig a' Chàisg, agus tha e ann fhathast. Agus bha a bhean ga chur air falbh aig àm na Càsg feuch am faigheadh e ham. Dh'fhalbh e air a comhairle 's bha ham, thachair dhi gun robh i gu math gann mar a bha i an àm a' chogaidh. Bha e fiù 's cha robh e a' faighinn ham ann an seop sam bith.

Thàinig e seo tarsaing am beul na h-oidhche air seop anns an robh beagan de ham 's fhuair e na bha a dhìth air. Bha e a' falbh dhachaigh 's gu dè thachair air ach sìthiche. Thòisich an sìthiche air iarraidh an ham air.

"Chan fhaigh," ars esan. "Fhuair mi fhìn damaiste gu leòr mun d' fhuair mi e," ars esan.

"Ò uill, 's fheàrr dhut a thoir dhomh, agus tha muileann agam agus gheibh thu e. Agus chan eil sìon a bhios a dhìth ort gu bràth nach dèan am muileann dhut, 's thoir dhomh an ham gun a dhol a thilleadh falamh."

Dhia, nuair a chuala e seo, 's ann a bhiodh math am muileann. Dh'fhalbh e còmhla ris an t-sìthiche. Nuair a ràinig iad an sìthean bha an sìtheach deònach rud sam bith a thoir dha an uair sin ach am muileann, ach cha ghabhadh esan sìon ach an rud a gheall e dha.

Uill, thug e dha am muileann 's dh'ionnsaich e dha rann airson am muileann a start-adh nuair a bhiodh feum aige air a dhèanamh le rud sam bith. Dh'fhalbh an duine dhachaigh, 's am muileann aige air a mhuin. Nuair a ràinig e thòisich a bhean air trod ris.

"Gu dè am mallachadh a tha air do mhuin an sin? An e sin an ham a chaidh thu a dh'iarraidh, air falbh o mhochthrath? Nam bithinn fhìn air falbh 's fhada o bha mi air ais agus ham agam. Tha thu a-nist nad bhall-bùird am measg na bheil sa bhaile."

Cha tuirt esan guth, ach leig e dheth am muileann 's ghabh e rann. Thòisich [?rothaichean] ham. Nuair a bha gu leòr aige ghabh e seo rann airson a stad. Stad am muileann.

"Bheil ham gu leòr a-nist agad?" ars esan.

"An-tà, 's ann agamsa a tha sin," ars ise. "'S dòcha gum faod sinn a-nist ham a thoir dhan a h-uile duine a tha sa bhaile. Bu tusa ceann an àigh 's an fhortain a' falbh."

"Chan fhaod e bhith nach eil thu toilichte a-nist," ars esan.

"An-tà, gu dearbha fhèin, tha," ars ise. "An dèan e sìon ach ham?"

"Ò rud sam bith a bhios a dhìth ort," ars esan.

Bha an duine, chaidh e na... thòisich e air marsantachd, 's chaidh e na mhillionaire le obair a' mhuilinn. Bha e a' creic gu math na bu shaoire na gin eile, agus 's e a dh'fhaodadh. Cha robh sìon aige ri cheannach, sìon aige nach dèanadh am muileann dha.

Thàinig an seo droch fhoghar 's chaill na tuathanaich am bàrr. Bha aon fhear ann 's chaill e air fad e. Cha robh fios aige dè mar a gheibheadh e sìol a rachadh anns an talamh airson na h-ath bhliadhna.

Smaointich e gun rachadh e far an robh am fear aig an robh am muileann feuch an toireadh e dha iasad dheth, no an creiceadh e e, on a bha gu leòr aige fhèin.

Ràinig e, 's smaointich am fear sin gun reiceadh e am muileann ris. Reic e am muileann sin airson suim mhath airgid, agus dh'ionnsaich e dha an rann airson am muileann a start-adh nuair a bhiodh rud sam bith aige ri dhèanamh, ach cha do dh'ionnsaich e dha an rann airson a stad. Bha toil aige fhèin gum faigheadh e am muileann air ais.

Dh'fhalbh an tuathanach leis a' mhuileann 's thug e a-staigh dhan t-sabhal e, 's ghabh e rann 's thòisich sìol. Thòisich na gillean air tarraing bhuaithe 's air lìonadh a h-uile granaraidh a bh' ann. Mu dheireadh bha a h-uile h-àite làn aige, 's bha am muileann a' cur bhuaithe cho trang 's a bha e riamh. Cha robh fios aige gu dè a dhèanadh e. Bha e air thuar gun cuireadh e am baile fodha. Bha e tuilleadh 's a' chòir na bu mhiosa na bhith falamh.

'S ann a dh'fhalbh e far a... far an robh am fear a thug dha am muileann feuch dè rud a dhèanadh e. Thàinig am fear sin còmhla ris. Ghabh e rann gu beag na inntinn fhèin 's stad am muileann. Thill e dhachaigh 's cha leigeadh an t-eagal leis an tuathanach sìon a dhèanamh leis tuilleadh o nach robh rathad aige air a stad.

Ach gu dè thàinig an seo mun cuairt ach saothach a bha ag iarraidh shalainn. Agus chuala an sgiobair mu dheidhinn a' mhuilinn agus 's ann a dh'fheumadh e a dhol ga choimhead. Ràinig e 's dh'fhaighneachd e dhen tuathanach an robh e... an creiceadh e e. Dhia, smaointich an tuathanach nam faigheadh e faisg air na thug e fhèin air gum biodh e pàighte gu leòr. Reic e am muileann ris an sgiobair, agus dh'fhalbh an sgiobair 's am muileann aige. Dh'ionnsaicheadh dha an rann airson am muileann a start-adh, ach cha robh an còrr rann aige.

Thug an sgiobair air bòrd e, 's thogadh a h-acraichean 's dh'fhalbh i. Ghabh e an rann 's thòisich am muileann a' cur bhuaithe shalainn. Thòisich na gillean a' stobhadh an t-saothaich shìos 's shuas. Mu dheireadh bha an saothach luchdaichte 's bha am muileann a' cur bhuaithe salann cho trang 's a bha e riamh 's cha robh rathad air a stad, mu dheireadh gus an do chuir e fodha am muil-... an saothach.

Tha i ann a shin air a' ghrunnd fhathast, 's bidh, 's am muileann a' cur bhuaithe an t-salainn, 's chan eil sgeul air an rann. Agus sin an reusan a bheil am muir saillte seach an t-uisge. A dh'aindeoin 's na thèid a dh'uisge dhan chuan cha bhi e... bidh e saillte le obair a' mhuilinn.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh gu dearbh. Ò uill tha i math. Aonghais. 'S cò aige a bha i seo? Cò aige a bha an tè sa?

AM: Ò Dhia, cò a-nist a dh'innis dhomh? Cha chreid mi nach e Peigi mo phiuthar a dh'innis dhomh i.

DE: Seadh gu dearbh. Tha i math.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good