Search

Dithis ag iarraidh fearann.

Date c. November 1964
Track ID 110312
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.85.B3

Original Tape ID

SA1964.085

Summary

Two men who requested land.

When a piece of land became vacant, an old man and a young man wanted to get it. They went to Askernish House, and were told that the first one to arrive at the ruin on the site would get it. The old man knew the shortcuts and got there first.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - South Uist

Village/Place - Lochboisdale

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT275A

Transcription

Aonghas MacIllFhialain (AM): Bha mòran chroitearan an siud an Uibhist an seo uaireigin, a-mach air an taobh an ear, cus a bharrachd 's air na th' ann an-diugh. Agus bha croitear a-muigh aig bun Loch Baghasdail an sin, agus dh'fhàg e an t-àite 's dh'fhalbh e gu ruige Ameireaga.

Agus chaidh seann bhodach a bh' ann a dh'iarraidh an àite, agus gille òg eile còmhla ris. Bha iad le chèile... thachair dhaibh a bhith còmhla anns an oifis an Àisgearnais. Agus 's e Teàrlach Gòrdan 's e bha na... an uair sin a' fuireach ann an Àisgearnais, bràthair dhan fhear aig an robh an oighreachd.

Uill, cha robh fios aig Eairdsidh co-dhiù bheireadh e dhan ghille òg an t-àite no bheireadh e dhan bhodach e. Ach thuirt e riutha:

"Uill, ma-thà," thuirt e, "chan urrainn mise sìon a dhèanamh ribh," ars esan, "ach a' chiad fhear a bhios aig an tobhtaidh agaibh 's ann leis a bhios an t-àite."

"Ò uill," ars am bodach, "ma-thà, cuiridh sin a dhìth ormsa e," ars esan.

"Ò uill, chan eil cothrom agamsa air," ars am bàillidh.

Dh'fhalbh an dithis aca. Chùm iad a-mach am monadh. Shealladh an gille an-dràsta 's a-rithist às a dhèidh 's bha am bodach a' tuiteam air an deireadh. Mu dheireadh cha robh sgeul aige air a' bhodach. Agus, ò bha ùine gu leòr aige a bhith aig an tobhta mun ruigeadh am bodach.

Chùm e air aghaidh, ach nuair a nochd e ris an tobhtaidh bha am bodach na shuidhe air an tobhtaidh.

"Ò chaill thu i," ars esan, 's e tionndadh.

"An e an Donas fhèin a thog thu?" ars am fear eile, 's e a' tionndadh ris.

Bha am bodach cho eòlach 's ghabh e a h-uile rathad bu ghiorra na chèile, 's cha robh an gille ach a' cumail roimhe straight an aghaidh gach bruthaich, agus 's e am bodach a ghlèidh an t-àite.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S e dìreach. 'S cha robh... cha robh sin ach sin fhèin?

AM: Cha robh.

DE: Glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good