Search

An t-amadan a ghoid feur an t-sagairt.

Date 20 August 1953
Track ID 11042
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.135.B6

Original Tape ID

SA1953.135

Summary

The fool who stole the priest's hay.

A fool was sent to steal the priest's hay. The priest saw him and set light to the bundle which the fool was carrying. The fool fled thinking the Devil had come. On Sunday, the fool went to the priest to ask forgiveness. The priest told him it was a wonder that the Devil didn't set fire to the hay. The fool told him he did.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Seadh, chuala sibh iomradh air...

Calum MacLachlan: Chuala mi iomradh air crofter an siud 's bha seòrsa de dh'amadan aige, 's bhiodh iad a' dèanadh pleidh air an amadan. Ruith iad a-mach às fodar, an duine seo, agus cha robh fodar an àite sam bith air a thogail na b' fhaisg orra na 'n sagart. Bha e dìreach an taobh eile dhiubh 's bha gu leòr san t-sagart aige... san talamh aige. 'S thug iad air an amadan falbh oidhche a ghoid feur air. Ultach feur a ghoid air an t-sagart airson nam beathaichean. Cha robh an sagart... an t-amadan airson dol ann ach bhribe iad e 's b' fheudar dha dol ann.

Ach an ath oidhche bha e air a dhèanadh eadar an tuathanach seo agus an crofter agus an sagart. Agus chaidh e ann an ath oidhche a-rithist a ghoid, agus bha an sagart roimhe anns an talamh, agus nuair a rinn e an t-ultach feur 's a chuir e air a mhuin e, leum an sagart a-mach agus leag e e anns an dorcha agus las e spong agus chuir e an t-ultach feur na theine mu mhullach a chinn. Uill shaoil e gur e an Deamhan a bh' ann agus theich e. Theich e. Chaidh e dhachaigh.

'S b' fheudar dha [?sin] dol Didòmhnaich chun an t-sagairt airson maitheanas fhaotainn.

"Uill, dè tha thu a' dèanadh an seo?" thuirt an sagart ris.

'S dh'innis e dha dè bha e a' dèanadh, gun robh e a' goid feur agus gun tàinig e airson maitheanas fhaotainn.

"'S iongantach leamsa," thuirt an sagart, "nach tàinig an Deamhan 's nach do chuir e am boitean feur na theine mu mhullach do chinn."

"Och tha, [???] nach do rinn e sin."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good