Search

Seann chàraid agus na trì iarrtasan aca a chaidh ceàrr.

Date 19 March 1953
Track ID 1132
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.25.B7

Original Tape ID

SA1953.025

Summary

A poor old couple's three wishes go wrong.

A poor old couple lived near a fairy knoll. If anyone got into a knoll, they were granted three wishes. The old woman saw that it was open one night and they went in; the old man put a metal object in the entrance to keep it open. The first thing the woman asked for was a ladle that she saw. The old man, annoyed, said, "Cuir nad dheireadh e!" [stick it up your backside] as he was disappointed at her meagre request. The third wish had to be used to remove the ladle from the old woman's rear.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT750

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Seo ma-thà, bha sibh ag ràdh gun robh naidheachd air choreigin agaibh mu dheidhinn sìthein?

Aonghas Iain Caimbeul (AC): Bha. Chuala mise naidheachd bheag an seo mu dheidhinn sìthean a bha shìos ann am meadhan na dùthcha, 's ann a bha e a rèir choltais, 's ann a chuala mise a bha e co-dhiù. Agus a rèir mar a tha sinn a' tuigsinn, mar a chuala sinn co-dhiù anns an t-seann aimsir, gun robh àiteachan fon talamh ris an canadh iad sìthein, agus daoine beaga a' fuireach ann a shin.

Nist, bha bodach agus cailleach a' fuireach goirid dhan t-sìthean a bha seo, agus co-dhiù bha sin fìor gus nach robh, bha... bha supposed ris nam faigheadh sibh sìos dhan t-sìthean a bha seo, gun robh trì iarrtasan agaibh; gum faigheadh sibh rud sam bith a dh'iarradh tu... a dh'iarradh sibh trì turais; trì iarrtasan agaibh. Agus bha am bodach 's a' chailleach a bha seo uabhasach bochd dheth nan staid, agus bha iad daonnan a' feitheamh feuch am fosgladh an sìthean a bha seo, feuch am faigheadh iad sìos; feuch am faigheadh iad sin 's na h-òrduighean a bha seo a-mach.

Ach co-dhiù, bha iad a' feitheamh 's cha robh tuar air an t-sìthean a bha seo a' fosgladh. Ach an oidhche a bha siud sheall a' chailleach a-mach, agus bha an sìthean air fosgladh. Agus thill i a-staigh agus thuirt i ris a' bhodach gum faodadh iad falbh; gun robh an sìthean air fosgladh. Ach dh'fheumadh iad a-nist, a rèir na seann chunntais, rudeigin a chur am beul an t-sìthein a chumadh fosgailte e, cruaidh. Iarainn no sgian no rud dhen t-seòrsa sin a chur na bheul, air neo mura cuirte rudeigin mar sin ann bha e a' dol a dhùnadh suas. Chan fhaigheadh duine às gu bràth tuilleadh.

Ach co-dhiù, chuir am bodach rudeigin na bheul agus chaidh an dithis aca sìos, agus bha an ceòl 's an dannsa 's an dol air n-aghaidh shìos gu h-ìseal an sin. Agus nuair a nochd a' chailleach, nuair a thug i sùil mun cuairt, 's e a' chiad rud air an do laigh a sùil-se, 's e ladar. Ladar. Agus ghabh am bodach uabhasach dona cho beag 's a dh'iarr i, agus thuirt e ris a' chaillich:

"Cuir nad dheireadh e."

A' chiad òrdachadh a rinn ise, ladar, bha iarrtas air falbh. B' e sin a' chiad iarrtas a-mach. Agus an ath iarrtas, 'Cuir nad dheireadh e', b' e sin a dhà. Agus b' fheudar dhan bhodach iarrtas eile a dhèanamh airson an ladar a thoirt às. Agus thàinig iad a-nuas gun sìon.

Sin mar a chuala mise, 's chan eil fhios a'm an robh e ceàrr ach co-dhiù ma bha, chan eil cothrom air.

CM: Bha i sin math. Gu dearbh fhèin e, bha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good