Search

Dathadh.

Date 12 September 1955
Track ID 1177
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.162.A7

Original Tape ID

SA1955.162

Summary

Dyeing.

Plant were used to dye cloth. Heather was boiled to produce a blue dye, and lichen gave a yellow dye. Soot and seaweed were also used to give colour.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Murdo John MacLean (MM): Seallaidh, bha iad a' toir nan dathan a bha iad a' cur air an aodach. 'S chunna mise mi fhìn na mo leanabh a' tional an fhraoich dha mo mhàthair 's ga ghearradh le làmhag, 's ga phronnadh, 's i ga bhruich, 's ga shìoladh, 's a' toir dath gorm às cho brèagha 's a chunna sibh riamh.

Calum MacIllEathain (CM): Dath gorm às an fhraoch.

MM: Seadh. A' sgileadh a' chrotail dhe na cl-... dhe na creagan. A' toir dath buidhe às a' chrotal. A' toir an t-sùith às an t-similear, no a' cumail an t-sùith, 's a' goil sin 's a' toir dath brèagha às a sin. A' toir dathan brèagha eile às an fheamainn anns a' chladach. An-tà, thèid iad an-diugh, 's ann a thèid iad dhan a' bhùth 's tilgidh iad a-bhàn gràinne sgillinnean 's gheibh iad e.

CM: Ò, sin agaibh mar a tha.

MM: 'S e, mar a tha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good