Search

Fionnlagh Dubh nam Fiadh.

Date 23 September 1955
Track ID 1291
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1955.168.A11&B1

Original Tape ID

SA1955.168

Summary

Fionnlagh Dubh nam Fiadh.

Fionnlagh Dubh nam Fiadh was a strong man from Kintail. Lochaber raiders stole some of his cattle. He went after them, killed the men and retrieved his beasts. Some weeks later, three men came to take revenge. Fionnlagh met them, and when he heard they were looking for him, he said he was his herdsman and took them to his bothy. His wife took them in, handed bow and arrows to Fionnlagh out through a hole in the wall and he killed them.

Item Subject/Person

Fionnlagh Dubh nam Fiadh

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain Fionnlasdan (IF): Fionnlagh Dubh nam Fiadh.

Calum MacIllEathain (CM): Seadh, seadh, glè mhath ma-thà.

IF: Gun teagamh.

CM: Seadh, ma-thà.

IF: A bheil e deas?

CM: Tha, seadh, tha e deas.

IF: Uill, tha mi a-nochd na mo thaigh ann am Ploc Loch Aillse am measg comann beag aig a bheil a' Ghàidhlig, 's tha mi toilichte a bhith nan cuideachd. 'S tha mi a' dol a thoirt seann eachdraidh seachad, cho sean agus gum faod mi a ràdh gu bheil còrr agus dà cheud bliadhna [?no 'n còrr o bha] na gnothaichean sin, bhon a bha iad a' tachairt air a' Ghàidhealtachd againne, agus mar seo bidh mi a' sìneadh oirre.

Bha duine làidir, borb dhe na seann fheadhainn bho shean a' fuireach ann an gleann beag eadar dà oighreachd ris an can sinn Oighreachd Chinn t-Sàile agus Oighreachd Chill Fhaolain. Agus b' ainm dhan an àite sin Coille an Rìgh. Bha beagan sprèidh aig an duine leis an robh e a' dèanamh a bheothachd agus beothachd na mnatha, mar a their sinn ris anns a' Ghàidhlig. Ach nuair a char Fionnlagh a-mach am feasgar a bha seothachdainn, bha earrainn dhen an sprèidh nach d' fhuair e, agus bha Fionnlagh ro-eòlach agus mion-eòlach às a h-uile ceàrnag agus 's math a bha fhios aige gu dè rud a thachair dhaibh, thoradh anns na seann aimsirean sin gun robh feadhainn ann ris an canadh iad spùilleadairean a bha a' togail nan creach bho na daoine bochda agus a' falbh len cuid sprèidh gun fhios cà robh iad a' dol leotha. Ach bha an t-seann sluagh, bha iad às an aonais.

Agus thuirt Fionnlagh ris fèin nach robh feum a bhith a' cur dàil anns a' chùis ach a' siubhal às an dèidh. Shiubhail e 's dh'fhalbh e, ach mu dheireadh ged a bha an t-astar fada, cha b' fhada ga fhaotainn gus an do ràinig e àite... dùthaich ris an canadh iad dùthaich Loch Abar, anns an robh iad ag ràdh bha mòran dhe na spùilleadairean sin anns na seann lathaichean. 'S bha na spùilleadairean nan cadal dar a ràinig seann Fhionnlagh iad. 'S thàinig Fionnlagh orra mar a thàinig Samson air na Philistich. Cha deach iad a dh'innse sgeul - mharbh Fionnlagh iad anns an làraich.

Thill Fionnlagh dhachaigh gu neo-mhathach, e fhèin agus am beagan a bh' air fhàgail dhen an sprèidh, 's e cho toilichte, 's e an dòchas nach tigeadh farbhas air gu bràth fhad 's a bhiodh e beò, 's thug e an crodh dhachaigh.

Char seachdainean seachad, 's seachdainean seachad, 's bha a' chùis a' dol glè mhath, ach madainn de na bh' ann, dh'fhalbh Fionnlagh a shaodachdainn a' chruidh a-rithist chun an aonach, mar a their sinne, an t-aonach. 'S dar a bha e sgìth a lorg... ag iomain a' chruidh air ais 's air adhart, 's ann a shuidh e agus leig e anail. Nuair a thug e sùil mun cuairt da ri aonach ris an can sinn Màm an Tuirc, anns a' chrìoch eadar Cille Fhaolain agus Cinn t-Sàile, 's ann a chunnaic e triùir dhaoine a' teàrnadh a-bhàn leis an aonach.

CM: 'S ann a chunnaic e triùir... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.] Tha sibh ceart. 'S ann a chunnaic e triùir dhaoine a' teàrnadh a-bhàn leis an aonach.

IF: Leis an aonach.

CM: Seadh.

IF: Agus math a dh'aithnich Fionnlagh gum bu choigrich iad. Agus chan e gun do dh'aithnich e gum bu choigrich iad ach gun robh e a' smaoineachdainn gur e luchd-tòir a bh' annta, a' dol a thoirt tòrachd a-mach. Agus thuirt e ris fèin a-rèiste gun robh e cho math dha suidhe. A bheil e a' dol, an rud?

CM: Tha, tha.

IF: Gun robh e cho math dha suidhe, agus shuidh e. Thàinig iad a-bhàn leis an aonach agus... gus an do choinnich iad ri Fionnlagh, agus labhair fear dhiubh ris.

"'S e coigreach a th' annadsa dhan an àite seo?"

"Ò chan e. Tha mise bitheanta, eòlach anns a' cheàrnag seo."

"Agus am faithne dhuibh a-rèiste duine sam bith air feadh seo ris an can iad Fionnlagh Dubh nam Fiadh?"

"'S math sin. Tha mi fhìn na mo bhuachaille aige."

Cha robh còrr a dhìth air na spùilleadairean ach sin.

"Uill, gabhaibh mo leisgeul," arsa Fionnlagh. "Tha mise," ars esan, "cho ciorramach, 's chan urrainn mi bhith a' cumail coiseachd ribh."

"Cobhairidh sinn fhìn sibh."

Uill, uill. Chobhair iad Fionnlagh ceum air cheum gus an tàinig iad chun a' bhothain aig Fionnlagh. Dar a thàinig iad chun a' bhothain aig Fionnlagh:

"Seallaibh agaibh am bothan agamsa."

'S bha a bhean na seasamh anns an doras. Agus dar a ràinig iad an doras thuirt Fionnlagh ris a bhean:

"Seallaibh agaibh coigrich a thachair ormsa, agus thoir a-staigh iad 's tha mi cinnteach gu bheil feum blasad dhen a' bhiadh orra."

"Thigibh a-staigh, a dhaoine còire," ars ise, "'s gum faigh sibh biadh."

"Ò chan eil càil biadh againn. 'S e tha bhuainn fear an taighe fhaicinn. A bheil e a-staigh?"

"Tha fear an taighe a-staigh, ceart gu leòr, ach chan eil fear an taighe a' cumail gu math. Cha do dh'èirich e fhathast."

B' e siud facal a b' fheàrr a bha a dhìth orra, ach dh'fhiathaich a' bhean a-staigh iad, 's bha i cur a' bhidhe air dòigh cho math agus a dh'fhaodadh i, agus aig an aon àm a' dèanamh mar a bha bogha seann Fhionnlagh.

Chuir i am bogha agus na saigheadan a-mach tro toll a bh' air cùl a' bhothain. Cha robh glainneachan anns na lathaichean sin ann an uinneagan ann, [???] am ploc agus an sgrath annta dar a thig... thigeadh solas an latha.

Dar a fhuair Fionnlagh am bogha agus na saigheadan, thàinig e timcheall far na robh an doras air a' bhothan. Char e a-staigh 's thuirt e riutha:

"Tha sibhse an seo mar a bha Noah dar a rinn e an àirc, 's dar a thuirt e: 'Bidh Noah a-staigh 's bidh sibhse a-muigh, 's bitheas na sionnaich bàthte.' Ach tha mise a-muigh 's tha sibhse a-staigh agus 's e sibhse a bhios bàthte."

'S mharbh e an triùir aca. 'S crìoch math leis an stòiridh aig Fionnlagh Dubh nam Fiadh. Iain Fionnlasdan dhen Druim Buidhe ga toir seachad.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good