Rannsaich

Tuathanach a' tabhann do Dhòmhnall Èireannach, a chuir roimh...

Ceann-latha 03 January 1954
Àireamh a’ chlàir 13365
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.272.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.272

Geàrr-chunntas

Tuathanach a' tabhann do Dhòmhnall Èireannach, a chuir roimhe obair fhàgail agus tilleadh dhachaigh, a thuarastal no trì comhairlean.

Dh'fhàg Dòmhnall Èireannach Gèirinis is e a' lorg obair. Thug tuathanach faisg air Glaschu obair dha. An ceann trì bliadhna, chuir Dòmhnall roimhe gun tilleadh e dhachaigh. Dh'fhaighnich an tuathanach dha an robh e ag iarraidh a thuarastal air neo trì comhairlean. Thagh Dòmhnall na comhairlean. Is e a' chiad chomhairle a fhuair e, gun an rathad bu ghiorra a ghabhail. B' e an dara comhairle, gun a bhith a' fuireach ann an taigh-òsta a bha le seann duine aig an robh bean òg. B' e a' chomhairle mu dheireadh, smaoineachadh trì turais mun dèanadh e rud sam bith. Thug bean an tuathanaich dha bonnach agus dh'iarr i air gun ithe gus an ruigeadh e an taigh.

Thachair e ri dithis mharsantan-màileid air an rathad. Bha fios acasan air an rathad bu ghiorra, ach ghabh Dòmhnall an rathad fada. Ràinig na marsantan-màileid an toiseach agus fhuair iad seòmraichean anns an taigh-òsta. B' fheudar do Dhòmhnall cadal anns an stàball. Tron oidhche, chuala e dithis a' bruidhinn. Bha droch amharas aige agus gheàrr e pìos o chòta fear dhiubh. An ath latha, fhuaradh fear an taigh-òsta air a mhurt, agus chuireadh na marsantan-màileid an grèim. Anns a' chùirt, dh'aithnich Dòmhnall gur ann o chòta an t-siorraim a gheàrr e am pìos aodaich agus thug e seachad sin mar dhearbhadh. Chuireadh an siorram an grèim agus leigeadh na marsantan-màileid ma sgaoil.

Nuair a thill Dòmhnall dhachaigh, cò bh' anns an leabaidh còmhla ris a' bhean aige ach fear òg. Bha Dòmhnall deiseil gus ionnsaigh a thoirt air leis an sgithinn, nuair a chuimhnich e an treas comhairle aig an tuathanach. Chuala Dòmhnall an gille ag innse mar a bha aisling aige gun robh athair os a chionn agus sgian aige. Nuair a bhrist Dòmhnall am bonnach a thug bean an tuathanaich dha, dè bha na bhroinn ach tuarastal trì bliadhna. An ath latha, fhuair mac Dhòmhnaill leabhar-pòca agus £5 ann. B' ann le Siosalach Ghèirinis a bha e. Bha fios aig an t-Siosalach gun robh Dòmhnall air tilleadh dhachaigh nuair a thill a mhac dha an t-airgead.

Notaichean a' Chlàir

See:
'More West Highland Tales' vol. 1 (J. F. Campbell) p. 74

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall Èireannach

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Gèirinis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT910B

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math