Rannsaich

A Ghaoil Leig Dhachaigh gu Mo Mhàthair Mi

Ceann-latha 03 January 1954
Àireamh a’ chlàir 13399
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.272.A6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.272

Geàrr-chunntas

'S e còmhradh a th' anns an òran seo eadar nighean agus each-uisge. Tha an nighean ag iarraidh tilleadh gu a màthair, ach chan eil an t-each-uisge deònach a leigeil air falbh. Tha e follaiseach on rann mu dheireadh gun do rinn i an gnothach air teicheadh.

Notaichean a' Chlàir

Four verses sung.

See:
'Folksongs and Folklore of South Uist' (M. F. Shaw) song 55
'Gesto Collection' p. 25

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

'S a ghaoil leig dhachaigh gu m' mhàthair mi
A ghràidh leig dhachaigh gu m' mhàthair mi
'S a ghaoil leig dhachaigh gu m' mhàthair mi
Gu fhair' a' chrodh-laoigh a thàinig mi.

'S bidh diombadh piuthar is bràthair orm
Bidh diombadh fir agus chàirdean orm
'S o marbhaidh m' athair 's mo mhàthair mi
Mur till mise dhachaigh mar thàinig mi.

Ged 'iodh diombadh fir agus chàirdean ort
Ged 'iodh diombadh peathar is bràthar ort
'S ged mharbhadh d' athair 's do mhàthair thu
Cha till thusa dhachaigh mar thàna tu.

'S gur ann a-raoir a chuala mi
Mo ghràidh na fir a bha cuartachadh
'S ged fhuair thu 'n iomall na buailidh mi
Gun d' fhuair mise dhachaigh mar fhuair thu mi.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math