Search

Smeòrach ag ràdh ri duine am botal uisge-bheatha aige òl.

Date 25 May 1952
Track ID 1346
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.3

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

A thrush telling a man to drink his bottle of whisky.

Donald, who was going fishing, met a thrush. The thrush made him drink his bottle of whisky. Afterwards, he lay down by the side of the road, and woke up the next day with a sore head.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha Dòmhnall a' falbh chun an iasgaich agus e ann an sunnd agus ann an saod gasta. Thug e leis botal uisge-bheatha a bhiodh aig a chompanaich agus aige fhèin mum... mum fàgadh iad tìr, no dar a bhiodh iad air adhart an t-slighe chun an iasgaich.

Bha e a' dol air adhart agus feasgar bha e a' dol chun a' bhàta agus bha e a' dol a dh'fhalbh moch sa mhadainn. Ach co-dhiù, chuala e smeòrach ag ràdh:

"Dideag bheag. Dideag bheag, dideag bheag."

"Ma-tà, bhon a tha thu cho coibhneil agus thu ga thairgse dhuinn, carson nach gabhadh?"

Thug e a-mach am botal na phòcaid agus ghabh e steall dheth siud. Dh'fhalbh e ceum eile.

"Dideag eile. Dideag eile. Dideag eile," thuirt i.

Bha seo gasta. Thug e às e.

"Dideag eile Dhòmhnaill Mhòir. Dideag eile Dhòmhnaill Mhòir," thuirt i.

"An-tà," thuirt e, "nach ann agad a tha am fios air an ainm agam, agus gabhaidh mi e cuideachd," thuirt e.

Thug e seo leis agus anns a h-uile dad a bh' ann 's e a fhuair e mu dheireadh:

"Sguab às e. Sguab às e. Sguab às e."

Chuir e crìoch air a' bhotal agus bha mo Dhòmhnall truagh na shìneadh taobh an rathaid mhòir gus an tàinig a' mhadainn thairis air an smeòrach. Ach thuirt... dar a dhùisg e sa mhadainn:

"Cha toir thu an car asamsa tuillidh," thuirt e, "agus 's goirt tha mo cheann, agus b' fheàrr leam gun robh rudeigin agam agus gun abradh tu rium, 'Sguab às e. Sguab às e', ach chan eil sinn ann," thuirt e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good