Search

A' tiodhlacadh Dòbhran, bràthair Chaluim Chille.

Date 25 May 1952
Track ID 1348
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.5

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

Burying Dòbhran, the brother of St Columba.

When St Columba's wicked brother Dòbhran was being buried, he cried out that Hell wasn't so bad at all. Columba told them in a couplet to cover him up quick! He blessed the grave, and nothing was heard again.

Item Subject/Person

St Columba

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha bràthair aig Calum Cille agus 's e Dòbhran a theireadh iad ris. Agus ma bha Calum Cille na dhuine beannaichte, agus a' cur nan daoine air an t-slighe cheart, bha an Dòbhran an rathad eile, agus e a' càineadh 's a' cur a-sìos a h-uile rud math... b' fheàrr na chèile. Ach chaochail Dòbhran, agus bha iad aig an tiodhlacadh aig Dòbhran, agus bha iad ga chur a-sìos fon talamh, agus ghlaodh Dòbhran le guth 's iad dìreach ga chòmhdach. Thuirt e:

"Chan eil Ifhrinn idir cho dona 's tha iad ag ràitinn, agus creidibh mise, chan eil Ifhrinn idir dona," bha e ag ràdh.

'S thuirt Calum Cille an uair sin:

"Cuiribh an còrr ùir air Dòbhran mun labhair Dòbhran an còrr còmhradh."

Agus 's ann mar sin a chaidh a dhèanadh. Cha chuala iad an còrr dar a bheannaich Calum Cille an uaigh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good