Search

Mar a rinn Deòrsa Bochanan an gnothach sa chùirt le peasair.

Date 25 May 1952
Track ID 1350
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.7

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

How George Buchanan used peas to win a court case for a poor man.

A poor man was charged for boiled eggs at their value if they had hatched and the chickens kept for a year. He was taken to court when he refused to pay. George Buchanan won the case for him by sowing boiled peas on the floor.

Item Subject/Person

Bochanan, Deòrsa; Buchanan, George

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT821B

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha duine bochd a' gabhail a thurais agus chaidh e a-staigh do thaigh-bìdh no do thaigh-òsta. Agus gu dè fhuair e ach uighean, agus dar a thàinig air a phàigheadh, bha prìs uabhasach. Thuirt e an uair seo nach robh e a' dol a phàigheadh na prìs a bha sin airson na fhuair e, nach d' fhuair e ach dà ugh agus am beagan bìdh a fhuair e leotha.

"Ò, ge-tà," thuirt iadsan, "bha sinne a' dol a chur nan uighean a bha sin fo chearc 's bha sinn a' cunntas dar a thigeadh na h-iseanan a-mach dè gus an tigeadh e an ceann na bliadhna agus na h-uighean aca."

"Chan eil mise a' dol a phàigheadh airson sin."

"Feumaidh tu phàigheadh."

Agus cha phàigheadh e e, 's chaidh a thoirt gu cùirt. 'S tha e coltach gun robh e a' dol a chall na cùirt a rèir an luchd-lagha a bh' ann. Thàinig e a-mach à taigh na cùirte agus thuirt e ris fhèin:

"Nach eil seo truagh, mi a' dol a chall na cùirt?"

Cò thachair air ach Deòrsa Bochanan, 's dh'innis e dha. Cha robh fhios aige cò bh' ann.

"Cà 'n robh do thuras?"

Dh'innis e a h-uile car dha.

"Ò, chan eil sin ceart idir," thuirt Deòrsa.

"Innsidh mi dè nì thu. Glaodhaidh sinn cùirt eile agus bidh mise aig a' chùirt agus seasaidh mi thu."

Seadh. Bha seo gasta.

Sheas a' chùirt a-rithist, agus dar a thòisich iad air bruidhinn air na h-uighean agus air a h-uile rud a bh' ann, gu dè bha Calum Cille... dè bha Deòrsa Bochanan a' tilgeil feadh an ùrlair ach peasair bhruich.

"Ò, gu dè an obair a tha seo?" thuirt iad.

"Ò, tha mi a' cur na peasair a tha seo."

"Nach eil sin fad air ais dhut," thuirt e, an siorram ris, "a' cur peasair agus i bruich. Ciamar a tha thu a' smaoineachdainn a dh'fhàsas i?"

"Agus ciamar a tha sibh fhèin a' smaoineachdainn agus sibh a' toirt breith air an duine a tha seo, gum faigh... gun tig iseanan à uighean bruich? Nach iad fhèin a bhruich na h-uighean 's cha b' e an duine, agus chan e mise a bhruich a' pheasair a tha seo, ach chaidh iarraidh orm a cur," thuirt e, "agus rinn mi mar a dh'iarr iad orm. 'S ma tha sibh fhèin a' smaoineachdainn gum fàs peasair às a' pheasair bhruich, faodaidh sibh an duine a thoirt a-suas 's ag ràdh gun tig iseanan à ugh bruich, 's ma thig 's e gnothach mìorbhailteach e."

Chaidh a' chùirt a chur mar sgaoil agus bha an duine air fhaotainn a-mach.

Nach robh i glan?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good