Search

Deòrsa Bochanan air a bhith mì-mhodhail ris an rìgh.

Date 25 May 1952
Track ID 1352
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.8

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

George Buchanan being cheeky to the king.

The king found a beautiful flower, put his hat over it, and went to fetch the queen. When he came back, George Buchanan had left his excrement there. The king said, "Never let us see your face again," and so the next time they met Buchanan, he showed the king and queen his backside!

Item Subject/Person

Buchanan, George [Bochanan, Deòrsa]

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1528

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha Deòrsa Bochanan a' gabhail a chuairt teann air lùchairt an rìgh. Chunnaic e an rìgh agus a' bhanrigh anns an lios, agus chunnaic e an rìgh a' toirt deth an còmhdach aodainn a bh' air a' cheann aige, a bhiorraraid, agus chuir e air an talamh e. Agus chaidh e a-nunn a dh'iarraidh na banrighinn agus i pìos air falbh. Chunnaic Deòrsa seo.

Dè rinn Deòrsa ach gun do spìon e am flùr às an talamh agus rinn e sgàinteach ann an siud, agus chuir e air an rìgh... chuir e a' bhonaid aig an rìgh air muin seo. Chaidh e am falach an àiteigin agus thàinig iad air adhart, agus e ag ràdh:

"Trobhad 's am faic thu am flùr brèagha a tha seo."

Agus dar a thog e an ceap far an fhlùir gu dè bha seo ach sgàinteach mac-an-duine. Ò, smaoinich e sa mhionaid gum b' e Deòrsa a rinn e. 'S chunnaic e Deòrsa, 's thug e an aghaidh air:

"Agus na faiceam," thuirt esan, "d' aodann an seo tuillidh, no ma chì," thuirt esan, "bidh e gu h-olc dhut."

Bha seo gasta. Latha no dhà an dèidh sin bha an rìgh a' gabhail a chuairt air adhart, e fhèin agus a' bhanrigh. Chan fhaca Deòrsa Bochanan dad a b' fheàrr na am fèileadh a thogail agus a thòn a shealltainn daibh. Cha b' e seo dad a b' fheàrr.

"Obh, obh, obh," thuirt esan. "Nach eil sin mì-chiatach dhut," thuirt esan, "an rud a rinn thu, agus a' bhanrighinn còmh' rium. Nam biodh ann ach mi fhìn cha bhiodh a' chùis cho dona," thuirt e.

"Ma-tà, nach do dh'iarr thu ormsa gun m' aodann a shealltainn an seo tuillidh? Agus smaoinich mi gun seallainn an ceann eile; bhon a thòisich a' chuid... an obair a bh' ann anns an sgàinteach, smaoinich mi gun seallainn duibh an ceann às an robh an sgàinteach a' tighinn a-mach, feuch ciamar a chòrdadh e ribh."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good