Search

Murchadh MacCoinnich agus an taibhse.

Date June 1962
Track ID 14017
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1962.20.A6

Original Tape ID

SA1962.020

Summary

Murdo MacKenzie and the ghost.

An anecdote about a ghost seen by Murdo MacKenzie. The ghost was supposed to be that of a Highland laird, who was killed years earlier.

Item Notes

Recorded on Diabaig jetty.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Applecross

Village/Place - Diabaig

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Applecross

Village/Place - Diabaig

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

William MacDonald (WM): Ach bha uabhas rudan eile a' dol air adhart ann an seo dar a bha mise òg. Bhiodh iad a' faicinn uabhas dhe tathaisg, no ghosts mar a their iad. Uill, chan eil duine gam faicinn an-diugh. Uill bhàsaich iad às, feumaidh e bhith gur e.

Iain MacAonghuis (IM): An comas. Bhàsaich an comas.

WM: Feumaidh e bhith gur e... gur e imagination a bh' annta. Dar a bha mise òg, chunnaic... bha... 's e walking postman, no post-coise mar a their iad, a bh' eadar an t-àite sa agus Àiliginn. Agus bha duine eile às a... fear eile às an àite, 's bha aithnisg aca air, mar a their iad, aithnisg, 's e stàbhais a theireadh iad ris. 'S e Murchadh MacCoinnich an t-ainm a bh' air, agus 's e bha a' relieveadh a' phosta, an ordinary postman a bh' againn. Ach co-dhiù, am post àbhaisteach, 's e Murchadh a bha seo a bha ga relieveadh, agus tha e coltach an oidhche a bha seo dar a bha e a' tighinn gum faca e... bha e ag innse gum faca e rud uabhasach air an rathad, gum faca e... gun do thachair coltas duine air an robh f-... Highland dress, deise Ghàidhealach, 's ò bha uabhas dhe... an turas seo 's beathaichean còmhla ris, 's thàinig e bho... bho... air an rathad mhòr mu choinneamh Murchadh co-dhiù 's chan fhaigheadh Murchadh seachad, agus ò bha Murchadh, shìn e air mionnachdainn dha nach faigheadh e seachad, 's ò cha robh e a' faighinn seachad co-dhiù. Ach shìn e a-rèiste air seinn salm, agus bha e glè mhath air sin co-dhiù, agus bios e coltach gun d' fhuair e seachad air an rud a bh' ann.

Ach cha do dh'innis e guth mu dheidhinn gu ceann bliadhna an dèidh sin. Bha seòrsa de wart no rudeigin ri fàs air cùl na h-amhaich... Char e... char e air bruidhinn ris an tathasg, an rud a bha... a chunnaic e seo, agus bha wart no rudeigin supposed fàs air cùl na h-amhaich 's bha fear eile a bh' anns an [???] shìos an sin a bha a' toir haircut dha, agus:

"Dè," ars esan, "a tha air cùl na h-amhaich agad an seo, a Mhurchaidh?"

"Dè th' ann?" ars esan.

"Tha," ars esan, "coltas foinne," mar a their iad. Agus:

"Ò ma tha," ars esan, "faodaidh mi an stòiridh agam innse."

'S shìn e air innse stòiridh, agus 's ann a chuir e feagal air an duine a bha a' toir an fhuilt dheth. Agus gun teagamh sam bith dh'innis an duine a bha a' toir an fhuilt dheth a-rithist e, an naidheachd air feadh an àite, 's cha d' rachadh duine a bha an seo a-mach air an oidhche, feagal orra. Bha iad... bhiodh iad... bha feadhainn, fhios a'd, cha rachadh iad a-mach seachad [?nuair thigeadh] an oidhche ged a... ged a bheireadh tu dhaibh dad sam bith. Ach 's e bha a' cur an iongantas air an fheadhainn aig an robh ealbh beag a chiall, [???] [?air a dh'fhalbh e] air ais an ath-oidhch' a-rithist. Agus bha e fhèin 's m' athair-sa, bha iad aig an eas gheal, aig salmon fishing shìos anns an Rubha Dhearg ann an sin, 's bha m' athair ag ràdh gum biodh e... gur h-iomadh oidhche a thàinig e a-staigh na hut, Murchadh MacCoinnich a bha seo aig all the hours of the morning. 'S an oidhche a bha seo bhiodh am bodach, bios e coltach gun robh e a' fàs meadhanach goirid anns an nàdar dar a thàinig Murchadh a-staigh. Dhùisg e e, 's bha am bodach a' smocadh 's:

"Ah uill, a Mhurchaidh," ars esan, "'s mi tha a' gabhail an iongantas ud, dhìot fhèin a bhith a-muigh cho anmoch seo," ars esan. "Agus an rud a tha thu ag ràdh a chunna tu, chan eil adhbhar sam bith agamsa gun do chreidsinn," ars esan, "'s tha thu a' coimhead orm 's bha thu na do bhalach cho math 's a ghabhadh tu, ach a bheil fhios agad, 's gann gun robh mi a' creidsinn gum faca tu an rud a bha thu ag ràdh an siud riamh dar a bha thu na do phost, oir nam faicinn-sa," ars esan, "an rud a bha thu ag ràdh, cha d' rachainn-sa air ais," ars esan, "a dh'Àiliginn an ath-oidhch'," ars esan, "ged nach tigeadh litir a Dhìobaig gu bràth."

"Ò ge-tà, Alasdair," ars esan, "nan cluinneadh tusa," ars esan, "deireadh an naidheachd," ars esan, "cha ghabhadh tu iongnadh sam bith, ged a char mise air ais a dh'Àiliginn an ath-oidhch'. Ach cha chluinn," ars esan, "thusa no duine eile deireadh mo naidheachd."

Agus 's ann a shìn e air caoineadh, Murchadh MacCoinnich a bha seo. Tha, bheil fhios a'd, rinn iad a leithid a dh'amadan dheth 's dh'fhalbh e às an dùthaich a bha seo 's char e a-null a dh'Astràilia.

'S bha e a' faighinn air adhart glè mhath thall ann an Astràilia ann an sin. Ma-thà, bios e coltach gun robh e an dèidh crodh fiadhaich agus lasùthaig e tè dhiubh agus thug i far muin an eich e. Bha esan air muin each agus lasùthaig e a' bhò fhiadhaich a bha seo, agus thug i far muin an eich e, 's thuit e 's bha e marbh.

Sin agad mar a dh'èirich dha. Ach chan eil deagh fhios agamsa co-dhiù bha fìrinn anns an naidheachd, ach 's e bha mi a' dol a ghràdh riut, ma bha fìrinn anns na h-aislingean a bha sin a bha iad a' faicinn, tha mise a' creidsinn gum faod... coming events cast a shadow 's a dhèanamh ceart gu leòr before, ach gum facas bodach a bhàsaich bho chionn bad de cheudan bliadhna. Ah uill, chan eil fhios a'm fhìn. Chan eil duine dhen an fheadhainn òga th' ann an-diugh co-dhiù, cha toir thu... ged a dh'fheuchadh tu ri feagal a chur orra... Dar a bha sinne òg, bhiodh iad ag innse dhe na stòiridhean a bha siud gu feadhainn dhe na seann bhodaich nan suidhe ri taobh an teine 's bha iad delighted gur ann a bhith ag innse na stòiridhean a bha seo, agus... bhiodh iad... tha mi a' dèanamh a-mach nach robh iad ga dhèanamh ach airson a bhith a' cur feagal orra. An feadhainn òga a th' ann an-diugh, cha ghabh an t-eagal a chur orra ann. Dè math dhut a bhith ag innse na rudan sin [???] [?nach dèanadh iad nì ach... cha dèan iad nì ach...] An tè as òige dhen teaghlach agam coisichidh i às Àiliginn ann an sin aig trì uairean sa mhadainn bho dannsa - bios dansannan a' dol air adhart an àm [???] 's ma dh'fhaighnicheas tu riutha, am faca iad bodach stàbhais mar a theireas sinn ris, bodach stàbhais a bha seo, [???] shìneas iad air gàireachdainn riut. Chan eil iad...

IM: Agus dè bh' anns a' bhodach stàbhais a bha sin a-nise?

WM: Uill, bha e supposed gur e... gur e laird a bh' air Gairloch a bh' ann, agus 's e MacCoinnich, Murchadh MacCoinnich a bh' air, agus bha e fhèin agus MacLeòid, laird a bh' air [???] ann an seo, bha iad supposed a chèile a choinneachdainn ann an siud airson duel, agus iad airson bìdeag air choreigin dhen an oighreachd a bha sin, gum faigheadh iad cò aig a bha e gu bhith. Agus bios e coltach gur e MacCoinnich a bha seo a thàinig air an scene an toiseach, anns a' mhadainn tràth, agus cha robh sgeul air MacLeòid, agus gu dè rinn MacCoinnich, a bhalaich, ach 's ann a rinn e laighe taobh seòrsa rathad a bh' ann, agus 's ann a thuit e na chadal. Agus a-nise, thàinig MacLeòid an rathad, agus gun teagamh sam bith, chunnaic e MacCoinnich na chadal agus, uill, gu dè an reusan a bh' air a dhol a dhùsgadh airson duel dhen t-seòrsa sin, nach dèanadh e [?dìreach ach] an ceann a chur dheth far an robh e.

Agus bha e supposed, tha fhios agad, gur e... gur e an aisling aig MacLeòid a bha seo. Thàinig e air ais 's bha sin anns an naidheachd a bh' aig Murchadh cuideachd mu dheidhinn, gun robh e a' tighinn aig a leithid seo a dh'àm a h-uile bliadhna, agus nach do choinnich duine riamh ris a ghabh air bruidhinn ris, gun robh a h-uile duine dhiubh... nach robh an nerve aig duine a ghabhadh air bruidhinn ris gus gun do choinnich Murchadh MacCoinnich a bha seo ris, agus gur e a' chiad neach a bhruidhinn ris. Tha fhios agam gun robh e a-rèiste gun do dh'innis e dha gum faigheadh e... nan cladhaicheadh e ann a leithid seo a dh'àite gum faigheadh e an claidheamh aige, 's gum faigheadh e na cnàimhean aige. Ma-thà, cha do chladhaich Murchadh co-dhiù, a choimhead co-dhiù a bha cnàimhean no claidheamh ann, ach bha fear air choreigin ann an sin a' buain mòine faisg air an àite, fear à Àiliginn, agus fhuair e cnàimhean anns a' bhac-mhòine, 's gun teagamh sam bith, bhon a bha an naidheachd aig a' bhodach stàbhais a bha seo a' dol, char na cnàimhean air falbh airson analysadh orra, 's thàinig fios air ais à sin nach e human bones a bh' annta, gur e cnàimhean each a bh' annta. Ach ma bha na daoine... ma bha na daoine cho mòr 's a bha iad a' cumail a-mach a bha iad, cò aig a tha fhios nach saoileadh iad...

IM: Dìreach. Dh'fhaodadh e a bhith. Dh'fhaodadh e a bhith.

WM: Dh'fhaodadh e a bhith. Chan eil fhios agamsa.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair