Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 10 July 1998
Àireamh a’ chlàir 15737
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 10.07.1998

Geàrr-chunntas

Cuairt timcheall air Taigh-tasgaidh Chill Donnain.

Tha Oighrig Nic a' Mhaoilein, rùnaire Comann Eachdraidh Uibhist a Deas, a' gabhail cuairt timcheall air Taigh-tasgaidh Chill Donnain a dh'fhosgail bho chionn 3 seachdainean. Chaidh an seann sgoil ann an Cill Donnain a dhèanamh na ionad airson gnothaichean a bhuineas do dh'eachdraidh Uibhist a Deas a thaisbeanadh. Tha i a' toirt iomradh air Clach Chlann 'ic Ailein agus an eachdraidh co-cheangailte rithe agus a' toirt mìneachadh air gnothaichean eile anns an taigh-tasgaidh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Baile/Àite - Lìonacleit

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Cill Donnain

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): A' chiad turas a bha mise far a bheil mi an-dràsta, 's e sgoil bheag a bh' ann. Sgoil bheag Chill Donnain. Mo chuimhne-sa, aon seòmar a bhith ann, na sgoilearan gu lèir anns an t-seòmar sin, le neach-teagaisg. Bha eachdraidh na sgoile a' dol air ais gu làithean, ge-tà, a bha mòran a bharrachd air a sin innte. An-diugh, chan eil sgoil idir ann, ach tha ionad taisbeanaidh ann, Taigh-tasgaidh Chill Donnain, a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil bho chionn trì seachdainean air ais. Còmhla rium, tè dhe na tha an sàs ann an sin, 's a th' air a bhith an sàs ann bho thòisich obair tional na h-eachdraidhean a tha seo an toiseach, rùnaire Comann Eachdraidh Uibhist a Deas, 's ise Oighrig Nic a' Mhaoilein. Uill, abair togalach inntinneach snog agaibh ann an seo. A bheil sibh... tha mi cinnteach gu bheil sibh gu math pròiseil às.

Oighrig Nic a' Mhaoilein (ON): Tha. Tha sinn gu math moiteil às an togalach gun teagamh. Tha i a' coimhead gu math snog, tha mi a' smaointinn. Tha i a' còrdadh ri daoine cuideachd. Luchd-tadhail agus muinntir an àite a' còrdadh ri... tha e a' còrdadh riutha a bhith a' tadhal ann a sheo.

CM: Nuair a dhùin Sgoil Chill Donnain, tha cuimhn' agam air a sin cuideachd, an argamaid 's an deasbad, 's beag a bha a dhùil gum biodh tuilleadh togalach ann an seo le obraichean agus daoine a' tadhal ann.

ON: Tha sinn cianail fhèin toilichte mu dheidhinn sin, gu bheil an togalach a bh' ann, uill nach do bhàsaich... nach do bhàsaich i air falbh buileach, an àite sineach gun robh i... gu bheil i air tighinn beò dìreach anns an dòigh a tha seo.

CM: Agus tha adhbhar phearsanta agadsa, ùidh a bhith agad anns a' phròiseact a tha seo, nach eil?

ON: Uill tha togalach beag thall ann a shiudach, agus tha i dìreach nur coinneamh ann a shineach, agus ceithir uinneagan mum choinneamh, agus sin an togalach a bha na thaigh-sgoile againne ann an Uisgeabhagh nuair a bha mise a' dol dhan sgoil ann a shin. Agus 's e àite iomallach car a bh' ann an Uisgeabhagh gun teagamh, air taobh an ear Beinn a' Bhadhla. Cha robh ann ach beagan theaghlaichean. Ach fhuair sinn an sgoil bheag a bha siudach dhuinn fhìn aig an àm, agus nuair a bha na teaghlaichean a bh' ann seachad air aois sgoile, thàinig an togalach a-nuas ann a sheo gu Cill Donnain, agus bha i air a cleachdadh na taigh-còmhnaidh aig an tidsear a bh' ann a sheo.

CM: Agus an-diugh tha i ann an sin agus luchd-àrc-eòlaidheachd ga chleachdadh airson an cuid obrach-san. Mar a thig thu a-steach, ge-tà, gu far a bheil an togalach ùr, agus an taisbeanadh a tha seo an-dràsta, tha cearcall iarainn ann an sin agus e suidhichte ann an clach a bhuineas do dh'Uibhist. Agus sgrìobhte air a sin tha briathran tha mi cinnteach a bhios daoine gu math eòlach orra:

O mo dhùthaich 's tu th' air m' aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan gallan
Far am faighte na daoin' uaisle
Far am bu dual do Mhac 'ic Ailein

Tìr a' Mhurain, Tìr an Eòrna
Tìr sam pailt a h-uile seòrsa
Far am bi na gillean òga
Gabhail òran 's 'g òl an leanna

Tha e snog.

ON: Tha gu dearbh fhèin e, tha e snog. Agus tha mi a' smaointinn gu bheil e gu math freagarrach gu bheil iomradh air Tìr a' Mhurain, gur e sin an t-òran a thaghadh air a shon, air sàillibh tha pìos dhen togalach a tha seo air a cleachdadh aig a' chomann ris an can sinn Tìr a' Mhurain.

CM: Dè mu dheidhinn a dhol a-steach gus am faic sinn dè tha san taisbeanadh agaibh ann an seo.

Tha taisbeanadh air gach taobh. Air an làmh chlì an toiseach. Dè tha seo?

ON: Uill tha mi a' smaointinn... tha mi a' smaointinn gu bheil, a-staigh an seo, gu bheil sinn dìreach a' dol a-null ann a sheo agus gum faic sinn mar a bha taigh aig, uill, tha mi a' creidsinn o chionn leth-cheud bliadhna, o chionn dà fhichead bliadhna, an dreach a bh' air na bhroinn. Tha [?sèithear] na bhroinn ann a shineach agus faodaidh mise suidhe an-dràsta oirre. Bidh mi daonnan gu math, math cofhurtail a' suidhe ann a sheothach air a' bheingidh, air sàillibh, seo a bhithinn a' dèanamh nuair a bha mi nam òige, a' suidhe air a' bheingidh, agus tha a h-uile sìon ann a shin mar a tha cuimhne agam fhìn air, 's mar a tha cuimhn' aig mòran de dhaoine eile air, mar a bha an dreach a bh' air na taighean nam broinn. Tha a' bheing ann a sheo, tha stòbh ann a shin, agus tha an dreasair mud choinneamh, leis na soithichean brèagha a tha sin, agus tha a' chiste-mhine ann, agus tha a' mhòine ann, 's tha a' chuibheall ann, 's tha dìreach a h-uile sìon mar a bha e dìreach uaireigin dhen t-saoghal.

Agus tha e uabhasach fhèin inntinneach, feumaidh mi ràdh, do chloinn bhig a bhios a' tighinn a-staigh an seo. Bidh iad... bidh iad a' suidhe ann a sheo, air a' bheingidh, agus bidh iad... bidh mise... uill, ma bhios... mas mi a bhios ann air a thig iad, bidh mi ag ràdh riutha, seo dìreach an suidheachadh a bh' ann, anns na làithean mun tàinig an dealan dha na taighean, agus mun tàinig uisge a-staigh dha na taighean, agus dh'fheumadh daoine... dh'fheumadh daoine an stòbh mhòr a bha seo a chumail a' dol air sàillibh bha a h-uile còcaireachd ri dhèanamh air agus a h-uile fuine 's a h-uile sìon eile, agus a h-uile h-uisge ri theasachadh air.

Agus tha cuideachd ann a shineach bòrd-nigheadaireachd, agus bidh iad a' faighinn a-mach cuideachd mar a dh'fheumadh daoine a bhith, agus a' toirt uisge a-staigh às an tobar no às an locha, agus a' dèanamh na nigheadaireachd ann a shin leis... le tuba agus leis a' bhòrd-nigheadaireachd.

Agus bidh sinn cuideachd a' bruidhinn air mar a bhiodh daoine aig an aon àm, seadh, gu h-àraid aig àm an t-samhraidh, a' dol a-mach gu lochanan agus... no gu aibhnichean a dhèanamh an nigheadaireachd mhòr a-muigh ann a shin. A' togail teine ri taobh an locha agus a' sgùradh an cuid nigheadaireachd a-mach ann a shineach, air an fhraoch 's air... ri taobh an locha.

CM: Tha a' bheing a tha seo cho cofhurtail agus ma shuidheas mise nas fhaide oirre, chan èirich mi idir, ach mar a ghluaiseas sinn timcheall ann an seo, tha gu dearbh eisimpleirean agaibh dìreach dhen an dòigh anns an robh na taighean anns na seann làithean. Siud cidsin a' tighinn nas fhaisge air an àm againn fhìn.

ON: Aig an àm againn fhìn.

CM: Anns an oisinn an seo?

ON: Anns an oisinn ann a sheo dìreach tha... tha dìreach rùm-cadail mar a bha e aig an àm, agus, ma bheir sinn sùil dìreach air an t-suidheachadh a bh' air an rùm-cadail, tha eisimpleirean ann a sheo co-dhiù air na plangaidean a bhiodh iad a' dèanamh air a' bheairt. Agus tha eisimpleirean cuideachd againn air a' chuibhrige, cuideachd a bhite a' dèanamh air a' bheairt. Agus tha cuideachd ann a shin, tha an stuth a bhiodh iad... a bhiodh aca anns na leapannan. 'S e stuth a tha seo, 's e milearach a chanas sibh ris, agus 's e feamainn a th' ann, feamainn àraid a th' ann a bhiodh daoine a' buain aig àm àraid dhen bhliadhna, airson dìreach a bhith aca, a chleachdadh airson na feumalachd a bha seo. Agus tha a-nist anns an leabaidh seo, 's e rud diofrach a th' ann, 's e connlach a th' ann. 'S e 'connlach' a chanas iad aig deas, 's e 'connlach' a chanas mise, fhios a'd, gu bheil mi a mhuinntir Bheinn a' Bhadhla.

CM: Nise, ma ghluaiseas sinn a-nall ann an seo, feumaidh sinn a ràdh, tha sinn a' dèanamh seo ann an ùine gu math luath. Clach Chlann 'ic Ailein.

ON: Uill sin agad a-nist a' chlach, Clach Chlann 'ic Ailein, agus tha mi a' creidsinn gun cuala a h-uile duine an stòiridh mu deidhinn. Bha i gu math iomraiteach, o chionn... o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, nuair a chaidh i air chall. Bha i ann a shiudach ann an Cladh Thogh Mòr fad ceithir cheud bliadhna, agus tha e ri ràdh gur ann do Iain Mùideartach a rinneadh i, agus gun robh i air a... gun robh i air a... a-staigh am broinn balla na h-eaglais, na h-eaglais a bh' aigesan ann a shin, air an ionad a bha siudach ann an Togh Mòr. Ach nuair a chaill Clann 'ic Ailein an cumhachd, agus nuair a thòisich... uill, an eaglais a bh' ann air tuiteam car às a chèile, dè thachair ach gun do thuit a' chlach a tha seo agus... agus chaidh i gu làr.

Ach bha i air a togail suas agus air a cur ri tacsa a' bhalla ann a shiudach, agus bha i ann a shin fad nan ceudan bliadhna. Bhiodh de dhaoine a' falbh 's bhiodh de dhaoine a' tighinn, 's bha daoine a' toirt an aire gun robh i ann, ach aon latha cha robh i idir ann, agus, uill, bhathar... bhathar a' dèanamh... a' rùileach thall 's a-bhos, eadar police 's a h-uile duine a bh' ann, feuch gu dè dh'èirich dhi, feuch an do... an gabhadh i lorg ann an àite sam bith, agus an ceann còig bliadhna bha dìreach de dhaoine air toirt suas. Bha iad air an dòchas a chall gum faicte gu bràth tuilleadh i.

Agus nuair a thàinig an naidheachd gun d' fhuaras i ann an Lunnainn. Agus bha i anns an taigh a bha siudach aig a' ghille a bha siud, tha e coltach, fad na còig bliadhna. Thug e leis à Togh Mòr i, 's thug e leis ann am broinn càr i, 's thug e leis sìos fad an t-siubhail i sìos gu Lunnainn, 's bha i aige am broinn an taighe, agus bha i... a rèir choltais cha do dh'fheuch e ri sìon a dhèanamh leatha. Cha do dh'fheuch e ri a creic no a toirt seachad no dad eile, ach dìreach a cumail ann a shiud. Agus, uill, dè ach thàinig... bhàsaich an gille a bha sin, agus... anns an taigh a bha sin, agus thàinig athair a-nall à Canada a dh'fhaicinn mu dheidhinn a chuid... mu dheidhinn an taighe 's mu dheidhinn na bha na bhroinn 's a h-uile sìon eile, agus uill, thug e an aire dhan chloich mhòir a bha seo, 's bha e ag ràdh, uill a rèir na comharran a bh' oirre gum feumadh gun robh... gum buineadh i do dh'àite air choreigin. Agus bha e dòigheil gu leòr, an duine. Bhruidhinn e ri museum shìos an Lunnainn, agus thàinig cuideigin dhiubh sin a-mach a choimhead, agus dh'aithnich iad sin i, dìreach gur e siud a' chlach a bh' air chall fad na còig bliadhna a bha siudach, a bhuineadh do dh'Uibhist a Deas.

CM: Agus airson sgeulachd fhada a ghearradh goirid, tha i agaibhse ann an seo a-nis.

ON: Uill tha sinne... tha sinne a' coimhead às a dèidh ann a sheo. Fhuair sinn... fhuair sinn cead coimhead às a dèidh. Tha i car nas spaideile a' tighinn na bha i a' falbh, air sàillibh bha i greis aca ann an Dùn Èideann, agus chaidh a' chòinneach agus rud a bh' air cruinneachadh ann a shin timcheall oirre air fad, fad na bliadhnachan a bha sin, bha e car air, uill, bha e air... ghlan iad suas e. 'S mar a tha thu a' faicinn a-nist, tha na comharran a bh' oirre, suaicheantas Chlann 'ic Ailein, tha e gu math, math comharraichte oirre. Chì thu a' bhirlinn ann a shiudach, an caisteal, an leòmhann, eun air craoibh, agus an làmh.

CM: Agus ann an sin, t-shirts agaibh gan reic, airson duine sam bith aig am biodh ùidh sònraichte anns a' chloich a tha sin gu dearbha.

ON: Uill a-nist, bidh mi daonnan a' toir iomradh air seo, air sàillibh tha mi a' smaointinn gu bheil e gu math annasach. 'S e adharc tairbh a th' ann. O chionn mòran... o chionn bliadhnachan - chan eil uiread sin de bhliadhnachan ann, gu dearbh fhèin e - cha robh cidhe idir ann an Loch a' Chàrnain shìos an siud, agus... ach bhiodh bàta cargu a' tighinn, 's cha robh aon rathad aice, fhios agad, air a dhol a-staigh gu Loch a' Chàrnain idir, air sàillibh nach robh cidhe ann. Ach 's e an rud a bha a' tachairt gun robh... gun robh agents aca ann a shin ann an Loch a' Chàrnain, Clann Chaluim Bàin, agus bha iad sin an urra ri coimhead a-mach airson... a dh'fhaicinn cuin a thigeadh am bàta, air sàillibh bha acasan ri dhol a-mach ris a' bhàta bheag aca fhèin, agus an stuth a bhuineadh do mhuinntir... do mhuinntir an àite, muinntir an Ìochdair 's a mhuinntir Bheinn a' Bhadhla, a thogail 's a chur dhan bhàta beag agus a thoirt a-staigh gu Creag Ghoraidh.

Agus a-nist, nuair a thigeadh bàta chargu, math dh'fhaodte a' Hebrides no an Dunara Castle, bha iad sin a' seinn na dùdaich a-muigh pìos, agus bha Clann Chaluim Bàin, bha iad a' coimhead a-mach air an son co-dhiù, agus bha iad gam faicinn, 's bha iadsan, 's e bha iadsan a' dèanamh, bha iadsan... bha iadsan, uill, a' togail adharc an tairbh 's bha iad fhèin a' dèanamh dùdach. Tha e coltach gun robh e a' dèanamh fuaim mòr uabhasach, agus bha muinntir a' bhàta a' tuigsinn gun robh fios acasan gun robh am bàta air tighinn.

CM: Tha rèilichean ann an seo 's tha mi ag iarraidh faighinn a-mach cò às a thàinig iad. Na rèilichean iarainn a tha sin.

ON: À Eaglais Bhòirnis a thàinig iad. Bha iad dìreach ann a shin. Aig an àm a bha siudach bha e na... bha e anns na h-eaglaisean, bhiodh... bha rèile car air bheulaibh na h-altarach. Agus chan eil sin ann a-nise an-diugh agus tha iad againn dìreach ann a shin.

CM: Tha deilbh againn timcheall ann an seo co-cheangailte ri eachdraidh an eilein cuideachd. Tha beart mhòr againn ann an sin. Tha crann mòr againn ann an sin. Tha nithean againn ann an seo dhe na bhiodh aig daoine am broinn taighe 's am broinn bùtha. Tha cèis ann an seo a-rithist, 's tha nithean gu math inntinneach ann an seo. Brògan caran annasach an seo, nach eil?

ON: Tha. Casan fèidh. Casan fèidh, 's e.

CM: An e brògan a th' annta?

ON: 'S e. Air an dèanamh air casan fèidh.

CM: Cò chleachdadh sin?

ON: Chan eil sìon a dh'fhios a'm. Chan urrainn dhomh dìreach a ràdh. 'S tha rud beag annasach eile ann a shiudach a bhiodh aig greusaiche. A bheil thu a' faicinn pìos leathair a tha siudach, airson, fhios agad, nuair a bha e a' dèanamh bhrògan, airson tomhas na coise.

CM: An e sin a th' ann?

ON: 'S e siud a th' ann. Airson tomhas na coise. Mar a tha thu a' faicinn, pìos dheth air a' chùlaibh, bhiodh e ga chur suas air a' chùlaibh, agus bhiodh e an uair sin ga leigeil sìos, ga chumail air adhart gus an tigeadh e chun an t-size dhòigheil.

CM: The Flora MacDonald needle book. Tha e ann an siud mar siud. Dè am bòrd a tha seo?

ON: Ò sin agad sgoil... uill, à Sgoil Ghearraidh na Mònadh a thàinig an deasg a bha sin. Bha i ann a shineach gus... uill, mar a dh'èirich dhan... do dh'iomadach sgoil eile, chaidh a dùnadh, agus tha dìreach an deasg againn ann a shin.

Aithnichidh tu seo.

CM: Tha mi ga aithneachadh. Dà chlach a bhiodh iad a' cleachdadh airson a bhith a' bleith na mine.

ON: Airson a bhith a' bleith na mine. 'S tha fear eile ann a sheo a-nis, agus tha e nas sine na am fear sin. Agus 's e a' chrotag a th' aca air. Agus, uill, mar a tha thu a' faicinn, 's ann a' gluasad seo sìos 's suas a bhitheadh tu, agus 's e bleith gu math curs a dhèanadh tu. Ach 's e a' chiad bhleith a bha iad a' dèanamh mun d' fhuair iad... mun d' fhuair iad am fear seo.

CM: Agus gun a dhol timcheall air a h-uile h-aon dhiubh, tha diofar chlachan bleith agaibh ann an seo, a' dol air ais, feadhainn dhiubh, gu math gu math fada, nach eil?

ON: Tha. Uill, tha an rùm a tha seo, mar a tha thu a' faicinn, tha tonn mhath dhen sgrìobhadh 's dhen rud a th' ann, 's e obair nan archaeologists a th' ann air innse ann a shin timcheall, an obair a tha iadsan air a dhèanamh. Tha iad an seo o chionn suas ri deich bliadhna. Bidh iad a' tighinn a h-uile bliadhna 's bidh iad a' dèanamh tonn mhath de dh'obair anns an eilean a tha seo.

CM: Agus tòrr fiosrachaidh sgrìobhte ann an sin gu dearbha mu dheidhinn sin, agus cuspairean inntinneach gu dearbha.

ON: Chan eil fhios a'm an cuala thu o chionn ghoirid gun d' fhuair iad... na Cruithnich - an e siud a chanas tu ris na Picts? - cladh beag a bhuineadh dhan àm a bha sin. An cuala thu mu dheidhinn siud?

CM: Cha chuala.

ON: Cha chuala. Uill cha d' fhuaras... siud a' chiad fhear a fhuaras riamh anns na h-Eileanan an Iar dhiubh. Cladh a bhuineadh dha na Cruithnich.

CM: 'S càit an robh sin?

ON: Bha e shuas Cille Pheadair. Agus, uill, mar a tha na daoine ud, tha iad... tha sùil aca airson... chì iad rudan, ma bhios e car annasach no diofrach, bidh iad a' cur beachd air leth air, 's bha iad shìos... uill, cha b' ann idir os cionn a' chladaich a bha iad, ach dìreach air bàrr a' chla-... bàrr a' chladaich an latha a bha siudach, agus chunnaic iad clachan nan seasamh, an àite a bhith nan... an àite a bhith nan sìneadh, agus bha iad ag ràdh, uill tha seo annasach, agus chaidh iad 's rinn iad beagan de chnuasach mun cuairt, agus chùm iad romhpa, agus dè bha sin ach dìreach an cladh a bha sin. Agus bha e mar gun canadh tu trì metre... 's ann square a bha e, agus bha e trì metres mar gun canadh tu air gach taobh. Chunna mise e. Bha mi a' coimhead air.

CM: 'S an robh cnàimhean ann?

ON: Bha. Bha. Bha dìreach... bha na cnàmhan, bha iad uabhasach fhèin... bha iad dìreach slàn fallain ann a shin. Uill, an skull, chitheadh tu e, agus a h-uile pìos dhen bhodhaig mar a bha e.

CM: Mar sin, tha eachdraidh agaibh air a thaisbeanadh ann an seo. Eachdraidh na linne seo fhèin. Eachdraidh nan linntean a chaidh seachad cuideachd. Agus mòran nithean agaibh ann an seo nach d' fhuair sinne air iomradh a thoirt orra an-diugh cuideachd. Tha an taisbeanadh inntinneach dha-rìribh. Taisbeanadh an t-samhraidh agaibh ann an seo aig Comann Eachdraidh Uibhist a Deas. Oighrig, ceud mìle taing dhuibh airson an dealbh bheag a tha sin a thoirt dhuinn air na tha seo. Tapadh leibhse gu dearbha.

ON: Tapadh leat, a Choinnich.

CM: Oighrig Nic a' Mhaoilein, agus an dithis againn a' dol timcheall Taigh-tasgaidh Chill Donnain ann an Uibhist a Deas.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math