Search

An triùir bhana-bhuidseach agus an cù dubh.

Fieldworkers
Date July 1953
Track ID 18139
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.157.3

Original Tape ID

SA1953.157

Summary

The three witches and the black dog.

Whilst three lads were going to sleep one night in a place called Tobhtag nam Ban Ruadha, three witches came in. They killed two of the lads, but the other escaped with the help of his black dog.




Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Duirinish

Island - Skye

Village/Place - Glendale

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Duirinish

Island - Skye

Village/Place - Glendale

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Somhairle Thorburn: Bha triùir ghillean ann an Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach uair, agus b' àbhaist daibh a bhith ag iasgach le bàta 's... ag iasgach ghiomach 's ag iasgach lìon mòr airson iasg mòr, 's bhiodh iad a' dol mun cuairt gu ruige Lobhairgil, àite ris an can iad Cùl nan Gleann a their iad ris. Agus bha taigh aca air a throgail ann a shin airson fuireach oidhcheannan thall ann nuair a bhiodh iad... nan tigeadh droch shìde orra no nuair a bhiodh iad airson an seòl-mara a ghlacadh airson an iasgaich.

'S bha iad aon oidhche 's thàinig iad... Bha fear dhiubh aig an robh cù dubh, agus cha do rinn e car feuma riamh agus bha na h-uiread a' magadh air airson e a bhith a' cumail a' choin aige, ach chanadh e riutha:

"Tha latha a' choin duibh gun tighinn fhathast."

Ach co-dhiù, bha an cù ga leantainn 's bhiodh e anns an eathar còmh' ris, a h-uile àite an d' rachadh e. Ach thàinig iad air tìr an Lobhairgil an oidhche sa 's bha iad a' dol a dh'fhuireach fad na h-oidhche ann, an triùir aca, agus bha iad a-staigh anns a' bhothaig a bh' aca airson fasgadh na h-oidhche. 'S bha leabaidh aca ann cuideachd. Agus chaidh dithis dhiubh a laighe, 's bha fear dhiubh agus tha e coltach gura h-e bu mhotha dhiubh uile, am fear aig an cù dubh, 's dh'fhuirich e a' dàrnaigeadh stocainnean nuair a chaidh càch a laighe.

Agus 's ann a thàinig triùir boireannach a-staigh. Agus nuair a thàinig iad a-staigh bha tè dhe na boireannaich na bu mhotha na càch cuideachd agus 's ann a thuirt ise:

"Bi mòr nam fear aig mòr nam ban," ars ise, 's i a' gabhail a-null far an robh fear a' choin duibh.

Dh'fhalbh càch 's ghabh iad far an robh an dithis a bha nan laighe, ach bha esan a' càradh nan stocainnean, gan dàrnaigeadh, agus 's ann a dh'fhairich e rudeigineach a' sruthadh, agus sheall e agus chunnaic e an fhuil aig an fheadhainn eile a' tighinn... cha robh iad ann an àite faicinn da idir ach chunnaic e an fhuil aca a' sruthadh 's dh'aithnich e gun robh iad air am marbhadh aig an fheadhainn a thàinig còmh' riutha. Dè bh' ann ach triùir bhana-bhuidsichean.

'S thuirt e gun robh e a' dol a-mach e fhèin. Agus:

"Ò," ars ise, "cha tèid thu a-mach idir," ars ise. "Ma thèid thu a-mach thèid mise còmh' riut."

"Ò," ars esan, "cha tèid thu còmh' rium. Chan urrainn dhut a dhol còmh' rium," ars esan. "Tha mi a' dol a-mach air ghnothach dhomh fhìn. Ach," ars esan, "cùm ceann," - bha ceirle shnàtha aige, agus - "Cùm ceann na ceirle ud," ars esan, "an t-snàithnein agus nuair a bhios tu airson mi thighinn a-staigh thoir crath... tarrainn oirre agus thig mi."

Agus dh'fhalbh e agus cheangail e ri cuiseag ruadh a-muigh a' cheirle, 's dh'fhalbh e fhèin cho luath 's a b' urrainn da air cheannaibh a stocainnean agus an cù dubh còmh' ris.

Cha robh e uabhasach fada air an rathad nuair a chunnaic e i a' tighinn às a dhèidh agus bha i a' toir a-staigh air gu làidir. Agus 's e àite... 's Bràigh na Cloiche a their iad ris an àite a ghabh e tron a' mhonadh. 'S nuair a bha esan air Bràigh na Cloiche bha i... aig Bràigh na Cloiche bha i glè fhaisg air agus 's ann a thuirt e ris a' chon... a' chù dhubh:

"Siud thu a choin duibh, siud thu a laochain, siud thu a' choin duibh 's mi gun bhrògan," thuirt e.

Thill an cù dubh rithe 's ghabh e na bad. Thòisich e fhèin 's i fhèin air sabaid ann a shin agus fhuair esan an uair sin toirt a-staigh oirre agus ràinig e Gleann Dail, 's a' chiad taigh a thàinig e ga ionnsaigh, ghabh e ga ionnsaigh agus chan eil fhios agamsa an robh daoine air an cois gus nach robh ach fhuair e a-staigh, agus leig e e fhèin na shìneadh ann a shin. Bha e dìreach ion 's a bhith marbh. Ach cha do rinn e car feuma riamh às a dhèidh agus cha robh e uabhasach fada nuair a bhàsaich e, ach bha an cù dubh dà latha gun tilleadh agus nuair a thill e bha dala leth a chalg air a spìonadh às, 's e air a sgrìobadh 's air a ghearradh 's air a mhilleadh, agus bhàsaich an cù dubh e fhèin.

Tha Tobhtag nam Ban... tha an tobhta ann a shiud fhathast ann an Lobhairgil agus 's e Tobhtag nam Ban Ruadh an t-ainm a th' oirre gun an latha an-diugh, agus 's iomadh uair a bha mi fhìn mun cuairt dhi. 'S aithne dhomh glè mhath an t-àite a bheil i.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good