Search

Mac gòrach na banntraich Sgitheanaich.

Date February 1953
Track ID 1839
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.09.B2

Original Tape ID

SA1953.009

Summary

The foolish son of a widow from Skye helped by a ghost to find money.

The foolish son of a widow from Skye was looking for a place to spend the night. When he was going to a certain house, he met the ghost of the previous occupant who told him how he could get hospitality for two nights and also where money was hidden in the house. The ghost asked him to tell the occupants about this, in return for a half share. When he eventually got his half share, he went to the mainland. He spent all the money, and had to work on the roads.

A lady passing by left a bag with him and asked him to look after it. As she did not return, he opened the bag. There was a baby inside. His workmates collected money for him and he returned to his mother in Skye. She cared for the child. After a year, the lady returned and gave them money to rear the child and to live comfortably. When the widow died, the woman returned to reclaim her child.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain: Tha sibh ceart?

Lachlann MacLeòid: Tha. Chuala mi mu dheidhinn mac banntraich a bha san Eilean Sgitheanach. Cha robh ann ach duine gun dòigh - cha bhiodh e ach a' falbh an siud 's an seo feuch an fhaigheadh e grèim bìdh. Co-dhiù, bha na daoine a' fàs sgìth dheth, agus bha aige ri dhol na b' fhaide on taigh na b' àbhaist dha an oidhche a bh' ann an seo, agus bha an t-uisge ann, a' sileadh trom, 's bha na h-aibhnichean beaga, na h-easan 's na h-alltaichean air... a' cur uacha gu leòr a dh'uisge. 'S bha e fad o thaighean, 's e a' dèanamh air taigh a bh' ann an seo, agus bha aige ris an abhainn bheag a bh' ann an seo a dhol thairis oirre. Agus chunnaic e gun robh i na b' àirde na b' àbhaist dha agus rinn e stad. Ach choimhead e an sin a-null a-rithist agus chunnaic e duine. Agus bhruidhinn an duine. Thuirt e ris:

"Thig a-nall," ars esan, "na biodh eagal sam bith ort."

'S ann a dh'fhàs e na bu... ghabh e an t-eagal an uair sin. Ach co-dhiù, thuirt an duine a bha thall ris:

"Thig a-nall," ars esan, "'s chan eagal dhut."

Chaidh e a-null.

"Tha fhios a'm," ars an duine, "cà 'il thu a' dol, agus 's math tha fios agamsa ceann do sheud 's do shiubhail. Tha thu a' dol dhan taigh anns an robh mise nuair a bha mi air an talamh sa. Ach on a tha mi a-nist," ars esan, "air an t-saoghal eile agus tha fhios a'm taghta math cà 'il thusa a' dol. Nist," ars esan, "tha i fliuch agus faodaidh nach bi iad airson coibhneas sam bith a dhèanamh riut, ach na gabh gaiseadh sam bith," ars esan, "'s cùm romhad, agus canaidh tu gu bheil thu airson tàmh na h-oidhche fhaighinn. Uill, bheir iad dhut tàmh na h-oidhche ceart gu leòr, ach tha de dh'fhasan aca ma bhios duine a' fuireach a-staigh, gun tionndaidh iad a' chluasag nuair a dh'èireas tu sa... nuair a dh'èireas iad sa mhadainn, 's ma... nuair a thèid iad a choimhead na leapa, ma bhios a' chluasag dubh no salach, cha leig iad leotha fuireach ach an oidhche sin. Ach ma thionndaidheas tusa a' chluasag nuair a thèid thu dhan leabaidh... nuair a dh'èireas tu sa mhadainn, agus nuair a thèid iadsan sìos 's a choimheadas iad air an leabaidh, chì iad a' chluasag cho geal 's a bha i riamh, agus fàgaidh iad a-staigh thu airson oidhche eile. Nì thu a leithid eile an làrna-mhàireach... an ath-oidhch', agus an treasa madainn bidh iad... an dà thaobh dhen chluasaig salach agus canaidh iad gun fheum thu falbh. Ach mum falbh thu," ars esan, "canaidh tu riutha, 'Tha fhios agamsa far a bheil airgead gu leòr san àite a tha seo, san taigh a tha seo.'"

"A bheil?

"Tha, agus ma chuireas sibh mise air falbh chan innis mi dhuibh far a bheil an t-airgead."

"'S càit a bheil e?"

"Ò chan innis mi dhuibh e an-dràsta," ars esan, "gus an fhaigh sinn air biadh, agus nuair a gheibh sinn air biadh, innsidh dhuibh far a bheil an t-airgead. Agus innsidh mi dhuibh cuideachd," ars esan, "dè th' agaibh ri dhèanamh ris."

"Seadh," ars iadsan. "Dè th' agaibh... th' agam ri dhèanamh... th' againn ri dhèanamh ris?"

"Ò innsidh mi sin dhuibh fhathast."

Co-dhiù, ghabh iad am biadh. "Dè a-nis a tha sinn a' dol a dhèanamh mun airgead no cà bheil e?"

"Innsidh mi sin dhuibh. Togaidh sibhse an leaba, posta na leapa, agus tha leac mhòr de chlach... chloich ann an sin agus tha fodha sin de dh'airgead na nì cuideachadh math dhuibhse agus dhòmhsa. Agus innsidh mi dhuibh dè th' agaibh ri dhèanamh ris. Tha agaibh ris an dala leth dheth a thoirt dhòmhsa, 's biodh an leth eile agaibh fhèin, agus biodh leth dhen leth sin aig piuthar an fhir a tha san taigh agus... ach bidh an dala leth slàn agamsa ri fhaighinn."

Ò cha... cha chreideadh iad siud.

"Ò mura creid, chan innis mise dhuibh far a bheil an t-airgead, agus ged a gheibhinn an t-airgead, mura dèan sibh a roinn dòigheil, bidh mise a' tighinn air n-ais agus 's fheàrr dhuibh bhuaibh e."

"Ò ceart gu leòr."

Thog iad posta na leapa 's thog iad an leac 's fhuair iad an t-airgead. Thug iad an dala leth dhàsan dhen airgead agus ghlèidh iad fhèin an leth eile. Co-dhiù, chaidh esan dhachaigh agus airgead aige o... dha fhèin 's dha mhàthair, agus cha robh mòran suim na mhàthair airson airgead ann, no airson biadh no sgath. Ach co-dhiù, bha esan a' dol mu chuairt agus smaoinich e gum b' fheàrr dha a dhol gu tìr-mòr leis an airgead.

Thàinig e gu tìr-mòr leis an airgead 's thòisich e air a chosg an siud 's an seo, 's theirig an t-airgead. Cha robh ach b' fheudar dha tòiseachadh air obair, nuair a bha an t-airgead seachad. 'S dè an obair a fhuair e ach aig... cladhach le spaid 's le piocaid 's iad a' dèanamh rathadan mòra. Latha dhe na lathaichean bha iad ag obair gu trang ann an sin agus thàinig bean-uasal agus baga aice na làimh.

"Bheil duine agaibh," ars ise, "a bheir leis am baga a tha seo dhòmhsa suas a dh'ionnsaigh an hotel a tha shuas ann an siud, a dh'ionnsaigh an taigh-òsta ud shuas?"

Cha robh ach dh'èigh iad air mac na banntraich 's dh'fhalbh e. Nuair a ràinig i an taigh-òsta thuirt i ris-san:

"Fan thusa ann an sin a-nist gus an fhaic mise an fhaigh mi an oidhche a chur seachad an seo."

"Fanaidh."

Dh'fhalbh ise agus thug i... chaidh i a-staigh air an doras an iar dhan taigh agus ghabh i a-mach tron doras an ear agus thug i... dh'fhalbh i. Agus bha esan a' fàs sgìth leis a' bhaga ann an siudach agus thuirt e ris fhèin gun deigheadh... gun rachadh e agus gun fhaighneachdadh e gu dè bha ga cumail no gu dè dhèanadh e ris a' bhaga.

"Ò dh'fhalbh i, agus dh'fhàg i am baga agad fhèin 's chan eil agad ach a ghlèidheadh."

Cha robh ach dh'fhosgail iad am baga co-dhiù feuch gu dè a bh' ann. 'S gu dè a bh' ann ach pàiste nighinn, 's bha e beò. Cha ghabhadh iad san taigh-òsta e. Cha robh ach thill e dhachaigh... thill e a dh'ionnsaigh na h-obrach.

"Dè th' agad an sin?"

"Ò chan eil ach mo thruaighe, fhuair mi pàiste nighinn sa bhaga a th' ann an seo."

"'S dè tha thu a' dol a dhèanamh ris?"

"Dè nì mi ris? Ma dh'fhàgas mi ann an seothach e gheibh am poileasman grèim orm agus gheibh an lagh grèim orm, 's feumaidh mi a thoirt leam."

"Chan eil fhios againn gu dè a ghabhas dèanamh."

Ach chuir iad facal ri chèile.

"'S fheàrr dhuinne airgead a chruinneachadh dhan duine agus thèid e dhachaigh, agus bheir e leis gu a mhàthair i. Sin an aon rud a ghabhas dèanamh."

Cha robh ach chuir iad ceap mu chuairt agus thòisich iad air trusadh airgead. Agus Dia, 's ann a chruinnich iad deannan math airgead agus thug iad dha e, agus thuirt iad ris gum b' fheàrr dha a dhol dhachaigh. Cha robh ach an làrna-mhàireach... Fhuair am pàiste deoch 's rud far an robh e a' fuireach 's an làrna-mhàireach chàirich esan air dhachaigh. Chaidh e dhan Eilean Sgitheanach 's thug e... chaidh e gu a mhàthair. Mura robh a mhàthair, mura robh i ach gòrach reimhid, 's ann a thug i dearg aghaidh air a' phàiste agus a rinn i sòlas mòr ris, agus 's ann a thòisich i air togail suas ann an slàinte 's ann an toileachadh, agus cha do dh'fhan esan ach mu chola-deug còmhla rithe nuair a thill e a dh'obair a-rithist.

Ach an ceann na bliadhna thàinig a' bhean-uasal cheunda agus dh'fhaighneachd i càit an robh am fear a bh' ann an seo. Dh'innseadh far an robh e, 's bha e ann an siud, 's chaidh i a bhruidhinn ris. Fhuair i a-mach càit an robh am pàiste nighinn. Agus nuair a fhuair i a-mach far an robh e, am pàiste, 's gun robh e gu math, sgrìobh i thuca agus thug i dhaibh airgead gu leòr agus thug i dhaibh de dh'airgead na thog am pàiste agus na chùm iad fhèin saidhbhir ann an... san Eilean Sgitheanach, an dithis aca gus an do dh'eug a' chailleach, agus thug ise air falbh an nighean a-rithist agus thug i thuice fhèin i.

Sin mar a chuala mise. Cha b' urrainn mi cumail orm tuilleadh 's a chòir fada.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good