Search

Mìneachadh air an fhacal 'tur'.

Contributors
Date 13 May 1976
Track ID 18560
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.95.A3

Original Tape ID

SA1976.095

Summary

Definition of the word 'tur'. Example: aran tur - bread with no butter, etc.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Dad ort a-nise, anns a' chiad sgeulachd a dh'innis thu ann a sheo, chleachd thu am facal 'tur' air dòigh a bha annasach leamsa. Dh'fhaodadh gun toireadh tu mìneachadh air.

Lachie Dick (LD): Uill, tha... gun teagamh, 's dòcha gu bheil an dòigh car annasach an-diugh. Cha chreid mi nach eil am facal fhathast air a chleachdadh nuair a bhiosar a' bruidhinn air aran tur. 'S e sin, mar a tha mi a' tuigsinn, aran gun nì air; gun ìm no nì eile air. Gu bheil sin caran [???] - chan e aran tioram a th' ann idir, ged a chanas iad dry bread anns a' Bheurla, 's e sin ach aran tioram. Ach aran gun nì idir air, no còmhla ris, gur e aran tur a chanas iad.

IP: Tur leis fhèin, dìreach?

LD: Seadh, tur leis fhèin. Nist, nuair a bhathar a' ràdh... bha seann bhoireannach uaireigin ann am Malacleit, agus air uairibh nuair a reigheadh duine air chèilidh oirre, 's e a bhiodh aice:

"Ò, a dhuine bhochd. Nach tu a thàinig aig an droch àm. Cha chreid mi gun robh sinn dà uair riamh cho tur."

A' ciallachadh nach robh grèim bìdh a-staigh aca, gun robh iad dìth bìdh, no rudeigin dhen t-seòrsa sin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good