Search

An t-eun mòr agus am baile a chaidh a bhàthadh.

Contributors
Date 13 May 1976
Track ID 18562
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1976.95.A4

Original Tape ID

SA1976.095

Summary

The giant bird and the village that was drowned.

Story about a giant bird which lay an egg beside a village. When the locals cracked the egg, the resulting fluid drowned everybody.

The contributor thinks he heard it from Mary Margaret MacLean.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Classification

AT1960

Transcription

Lachlann Dick (LD): Uair a bh' ann, bha baile àraidh am badeigin air feadh an t-saoghail, agus gu dearbh chan eil fios a'm fhìn cà robh e, ach innsidh mi dhuibh mar a bha am baile a bha seo. Na daoine a bha a' còmhnaidh ann, 's e daoine mòra, mòra coltach a bha a' còmhnaidh sa bhaile, agus na daoine a th' ann an-diugh, chan eil annta ach daoine beaga bìodach, lapach tacsa ris na daoine a bha a' còmhnaidh anns a' bhaile a bha seo.

Bha aon nì annasach mun bhaile a bha seo. Aon uair sa bhliadhna, aig am àraid den bhliadhna, bhiodh eun mòr a' nochdadh os cionn a' bhaile, agus gu dearbh 's e eun mòr, mòr a bha ann, agus innsidh mi dhuibh cho mòr 's a bha an t-eun a bha seo. Bhiodh an gob air a dhol às an t-sealladh mun nochdadh an t-earball, agus bha de leud sna sgiathan aige agus gur ann a bha e a' falach na grèine fhad 's a bha e a' dol seachad, agus gu dearbh bhiodh na daoine fo iomagain mhòir fhad 's a bha an t-eun a bha seo a' dol seachad. Ach co-dhiù, bliadhna às dèidh bliadhna, seo mar a thachair. Nochdadh an t-eun 's reigheadh e às an t-sealladh.

A' bhliadhna a bha seo, dè thachair fhad 's a bha e a' dol seachad os cionn a' bhaile ach gur ann a rug e ugh, agus thàinig an t-ugh a-nuas gu làr slàn mar a bha e, agus bha an t-ugh ann a shin, taobh a-muigh a' bhaile. 'S ò, bha muinntir a' bhaile a' toirt sùil air a seo, 's iad fo iomagain, air thoradh bha iad a' ràdh riutha fhìn ma thig isean às a' chlostar mhòr a tha seo, cha bhi nì sa bhaile nach cuir e fodha fhèin, agus 's ann a rinn iad suas eatorra gur ann a bhriseadh iad an t-ugh.

Agus thòisich iad air an ugh. Cuid le na dùirn, 's cuid le na casan. Ach mur an do rinn e nì orra fhèin cha do rinn e dad air an ugh. Ò, chaidheas a dh'iarraidh na piocaidean 's na spaidean, 's theannar air an ugh, 's bha iad ann a shin fad na maidne a' gabhail dhan an ugh a bha seo. 'S dè mu dheireadh ach gun do spreadh an t-ugh, 's leis na thàinig às an ugh, nach robh a h-uile h-aon duine a bh' anns a' bhaile air am bàthadh, 's cha chualas an còrr air a' bhaile sin tuilleadh.

Iain Peatarsan (IP): Siuthad a-nise, dè... a bheil dad a dh'fhiosrachadh agad mun an sgeulachd a tha seo? Cò aig a chuala thu i, no...

LD: Ò chan eil fhios a'm gu dearbha, ach gu bheil mi caran de dh'amharas gur ann aig tè Mary Margaret a bh' anns a' Cheathramh Mheadhanach. Bha ise pòsta sa Cheathramh Mheadhanach, ach 's ann taobh Thaigh a' Gheàrraidh a bha i. Tha mi a' smaoineachadh
gur ann à Baile an Locha a bha i.

IP: Ach bhiodh i na seann bhoireannach nuair a chuala thusa an sgeulachd.

LD: Ò uill, tha i an làthair fhathast.

IP: Ò tha i an làthair fhathast?

LD: Ò tha, tha. 'S dòcha gum bi an sgeulachd agaibh mar-thà, air thoradh cha chreid mi nach robh Dòmhnall Eairdsidh shuas.

IP: Seadh, coltach gu leòr.

LD: 'S dòcha gun robh, ach ma dh'fhaoidte nach d' fhuair e... Tha mi a' meas gur ann aicese a chuala mi i.

IP: Seadh, gur ann aicese a chuala thu i.

LD: Seadh, ach chan eil cuimhne ro mhath agam air.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good