Search

A Fhleasgaich Òig as Ceanalta

Fieldworkers
Date May 1954
Track ID 19110
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1954.53.B12

Original Tape ID

SA1954.053

Summary

This is a woman's love song in which the composer says she will leave her family and follow the man she loves. He is named as Alastair MacDonald, and described as a hunter and skipper.

Item Notes



See:
'MacDonald Collection of Gaelic Poetry' (Revs. A. & A. MacDonald) p. 222

Item Subject/Person

Dòmhnallach, Alastair; MacDonald, Alastair

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

A fhleasgaich òig as ceanalta
'S tu leannan nan deas-ghruagach
Do ghaol a rinn mo shàrachadh
'S tha bhlàth siud air mo ghruaidh-sa

Gur e mo ghaol-s' an t-Alasdair
Nach ainneamh leam a luaidh rium
Dham bheil Bràigh Gharaidh dùthchasach
Ged thog e chùrsa uaithe.

Dh'fhàgainn-sa mo dhaoine leat
Air long 's a h-aodach suas rith'
Cho fad 's gun seòl a' ghaoth sinn
Rachainn dhut, a ghaoil, thar chuantan.

Gur tric a leag an Dòmhnallach
Deas-òigear a' chùil dualaich
An làn damh fiadhaich, sròineasach
Nach tig an còir na buaile.

Sgiobair air a' bhàta thu
Ga teàrnadh o gach cruadal
'S tu bheir gu cala sàbhailt' i
Bho ghàirich nan tonn uaine.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good