Search

Am Muileach a chaidh a Ghlaschu

Date 22 November 1949
Track ID 20720
Part 1

Track Information

Original Track ID

CW0011.52

Original Tape ID

CW0011

Summary

A couple from Mull went to visit their family in Glasgow, and they planned to return home with goods such as tea and sugar. The husband saw a sign in a shop window on which was written, 'Tea for two shillings, sugar for nothing'. We are told how he went into the shop and asked for eight pounds of sugar, expecting to get it for free.

Item Notes

Recorded at cèilidh arranged by Mr Calum Maclean of the Irish Folklore Commission.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Island - Benbecula

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

Canna

Transcription

Calum MacIllEathain: This is told by Angus John MacLellan, Hacleit, Benbecula. Am Muileach a chaidh a Ghlaschu.

Aonghas Iain MacIllFhialain: Bha seann duine bochd an siud am Muile, e fhèin agus a bhean, bha iad a' cumail taighe. 'S bha an teaghlach air pòsadh uile-gu-lèir 's bha iad a' fuireach ann an Glaschu.

Nist, bha an teaghlach a' cur fios thuige daonnan, air fhèin agus air a bhean, a dhol cuairt a Ghlaschu, gu 'm faigheadh e holidays. Ach a' bhliadhna a bha seo, chuir e roimhe gun rachadh e fhèin agus Seònaid, a bhean, gan coimhead a Ghlaschu. Chuir e a' bhò agus na cearcan aig cùram a bhan-nàbaidh.

Agus dh'fhàg e air Diluain leis an Dunara, dh'fhàg e... Bun Easain, airson seachdain. Bha e a' dol air aghaidh ann an Glaschu, air ais 's air aghaidh. Bha a' chùis a' còrdadh ris uabhasach fhèin math. [?Iongnadh e sìon, a h-uile sìon.]

Ach co-dhiù, feasgar Disathairne seo, an dèis dha ruighinn, 's dùil aige falbh air an ath Dhiluain air ais leis an Dunara gu ruige Bun Easain, chaidh e fhèin agus Seònaid a-mach feadh a' bhaile a cheannach gnothaichean a bhiodh uabhasach feumail dhaibh aig an taigh, mar a bha tì, siùcar, tombaca, dubhain, 's gnothaichean iasgach.

Nuair a bha iad air a' cheannachd a dhèanamh agus iad a' tilleadh dhachaigh, thug Ruairidh sùil agus chunnaic e brèid uabhasach, clobhd uabhasach de dh'aodach a-nuas air uinneig a dhèanadh seòl dhan sgothaidh aige, agus thòisich e air coimhead. 'S bha sgrìobhte air a' chlobhd a bh' ann a shin: 'Tea for two shillings, sugar for nothing'. Dh'èigh e do Sheònaid:

"Thig an seo," ars esan. "Ged nach eil anns an speuclair agad ach aon sùil, tha eagal ormsa gu bheil mo fhradharc gam fhàgail. Seall air a seo."

Sheall Seònaid. Bha an aon rud ann: 'Tea for two shillings, sugar for nothing'.

"An-tà," arsa Ruairidh, "cha do dhiùlt mi rud cuimseach sam bith a phàigheadh air gnothach sam bith. Ach cò nach gabhadh rud an-asgaidh? Thèid mise a-staigh," arsa Ruairidh, "agus iarraidh mi ochd puinnd dhen t-siùcar sin. 'S nuair a thig mise a-mach, thèid thusa a-staigh, agus iarraidh tu a h-ochd eile, 's cha sheall an gnothach cho sanntach mar sin," arsa Ruairidh.

"Glè mhath," arsa Seònaid.

Chaidh Ruairidh a-staigh, agus bha fear, gille caol glas an taobh thall a' chunntair an sin agus aghaidh cho fada ri faileas a chitheadh tu ann an cliathach botail.

"Gabhaidh mi, 'ille ghasta," arsa Ruairidh, "ochd puinnd dhen t-siùcar."

Ann am priobadh na sùl bha siud anns a' bhasgaid aig Ruairidh. Thog Ruairidh leis a' bhasgaid. Thug e aghaidh air an doras.

"Ò," ars am fear a bha air chùl a' chunntair, "dhìochuimhnich thu an tì."

"An tì?" arsa Ruairidh. "A bheil thu a' toirt seachad tì cuideachd?"

"Tha," ars am fear a bh' ann. "Tha dà phunnd tì a' falbh leis na tha sin a shiùcar."

"An-tà, tha fios agad glè mhath gun gabh mi an tì," arsa Ruairidh.

Ann am priobadh na sùl bha dà phunnd tì air a chur anns a' bhasgaid. Thionndaidh Ruairidh air falbh, ach mun do ràinig e an doras bha am fear a bh' air taobh thall a' chunntair, leum e a-nall.

"An t-airgead," ars esan.

"A bheil thu a' toirt seachad airgead cuideachd?" arsa Ruairidh.

"Chan eil, ach tha agadsa ri airgead a thoirt dòmhsa."

"Ò, 'ille mhath, dèan air do shocair," arsa Ruairidh. "Carson," ars esan, "a tha agamsa ri airgead a thoirt dutsa?"

"Tha, airson na tì. Seadh, airson na tì."

"Thàinig mise a-staigh ann an seo agus dh'iarr mi siùcar. Agus cha tug mi iomradh air an tì," arsa Ruairidh, "gus an do thairg thu fhèin dhomh i. Agus carson a-nis an t-airgead?"

"Ò tha daonnan," ars an gille, "tha dà phunnd tì a' falbh leis na dh'iarr thu a shiùcar, agus feumaidh tu an tì a phàigheadh."

"Cha phàigh mi an tì, 's cha phàigh mi an siùcar. Nuair a bha mise a' dol seachad air an uinneig, bha e soilleir," ars esan, "gun robh 'sugar for nothing' agad a-muigh ann an sin air an sgrìon, taobh a-muigh dhen uinneig. Thàinig mise a-staigh a dh'iarraidh an t-siùcair. Cha tug mi iomradh air do thì. Agus gabh a-null far chùl a' chunntair," arsa Ruairidh. "Bheir an aire gu bheil barrachd de lagh ann am bonaid-... anns a' bhonaid [???] aig Ruairidh 's a tha thu am beachd."

Agus leis a sin dh'fhalbh Ruairidh agus an dà phunnd tì 's na h-ochd puinnd siùcair aige agus thug e an doras air agus chaidh e dhachaigh.

Source Type

Wire

Audio Quality

Good